DCSIMG
SWTS.news.image.e

Tha fearg ag éirigh mu chosgaisean lìbhrigidh pharsailean

Mar a dhaithris sinne an sgeul air 10 D�bhlachd an-uiridh

Mar a dhaithris sinne an sgeul air 10 D�bhlachd an-uiridh

THA 3,000 duine feargach eile air freagairtean a chur chun na suirbhidh aig Citizens’ Advice Scotland air cosgaisean lìbhrigidh pharsailean ann an sgìrean “iomallach” na h-Alba.

Bidh cuid a chompanaidhean air-loidhne a’ tabhann liubhairt an-asgaidh ach a’ cur ris a’ phrìs aon uair ’s gu bheil cod-puist a’ chustamair aca. Bidh cuid a’ cleachdadh sheirbheisean cosgail liubhairt ged a tha am Mèile Rìoghail a’ liubhairt air feadh na RA aig aon phrìs ìseal. Agus bidh cuid a’ diùltadh lìbhrigeadh gu sgìrean “iomallach” idir.

Thòisich oifis CAS Phort Rìgh a’ cruinneachadh fios as t-samhradh, ’s air 19 Dùbhlachd dh’fhoillsich oifis nàiseanta CAS a’ chiad aithris aca, anns a bheil 900 freagairt (www.cas.org.uk/resources/cas/migrated). Dh’ath-fhosgail iad an suirbhidh mìos eile, ’s nuair dhùin e ’n t-seachdain sa bha 2,200 freagairt eile aca – 3,100 uile gu léir.

Tha CAS ag iarraidh gun cum companaidhean air-loidhne ris an lagh (leithid le bhith a’ foillseachadh cosgaisean liubhairt aig bàrr na làraich aca), ’s gum bi cosgaisean liubhairt air an cumail cho ìseal ’s a ghabhas, stéidhte air na tha an companaidh a’ cosg orra an da-rìribh. Tha ministearan riaghaltais, pàrtaidhean poileataigeach agus comhairlean gu h-aon-ghuthach air an cùl.

Tha an suirbhidh dùinte a-nis (bidh an aithisg a-mach as t-earrach), ach tha CAS a’ cur fàilte air tuilleadh bheachdan agus fiosrachaidh tron làraich aca.

Am measg nan 2,200 freagairt ùr tha té bho dhuine sna h-Eileanan an-Iar a dh’òrdaich meatair beag son hòs a’ ghàraidh air 8 Faoilleach. Thuirt Amazon an toiseach gum biodh cosgais liubhairt £3.95 ann, ach nuair thug e seachad an seòladh aige, chaidh i suas gu £39.90. A réir làrach-lìn an fhactaraidh b’ i a’ chosgais-liubhairt £18; thionndaidh e a-mach gun robh Amazon ga dhùblachadh. Chan iongnadh ged a tha fearg air daoine.

Raghnall MacilleDhuibh


Logged in as:


Please adhere to our Community guidelines

Your view

Please to be able to comment on this story.

Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Sunday 27 May 2012

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 11 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 9 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.