Tha tòrr cheistean cruaidhe aig Bòrd na Gàidhlig ri fhreagairt
THA sluaghan aithnichte a rèir a' bhathair aca. Ged a tha Barack Obama againn a-nis tha fhathast cus droch bhathar telebhisean a' toirt cliù do dh'Ameireaganaich mar shluagh fèineil air a bheil rudeigin a dhìth a thaobh co-fhaireachdainn agus tuigse.
Gu fortanach tha an t-eadar-lon 'na fhianais gu bheil Ameireaga eile ann. Feuch na h-raidean bhideo aig www.Ted.com mar eisimpleir. Tha na h-raidichean uile 'nam for elaichean, a' chuid as motha dhiubh aig brr an dreuchd. Tha iad uile furasta an leantail agus ln fiosrachaidh a tha da-rreabh "inntinneach".
Tha cel agus brdachd ann cho math ri farsaingeachd de chuspairean bho na saidheansan, na meadhanan agus na h-ealain.
Le goireasan cho math sin ri fhaighinn an-asgaidh air an eadar-lon tha ceist chudromach crochaichte os cionn telebhisean agus pipearan naidheachd. Gu h-raidh paipearan naidheachd.
Tha deagh mheasadh air an deasbad seo aig an neach dealbhachaidh Jacek Utko. Cuir ainm a-steach do rannsaichear YouTube agus ch thu bhideo dheth.
Se beachd smplidh a tha aig Utko. "Chan eil adhbhar prataigeach ann gum mair pipearan naidheachd. Tha e nas fhasa compiutaran a chleachdadh – agus sbhalaidh sinn craobhan."
A dh'aindeoin sin, chuir e roimhe a thlantan a chleachdadh gus beagan beatha a bharrachd a chur air ais ann an grunn phipearan naidheachd caran trsach, leithid Puls Biznesu ("Cuisle Gnomhachais"). Bha an dealbhadh r aige cho soirbheachail 's gun do dh'rdaich e ireamh luchd leughaidh Puls 30 s a' cheud thar tr bliadhna. Chaidh Puls aithneachadh mar am pipear naidheachd as fherr dealbhadh san t-saoghal.
Ged a tha www.Ted.com air a bhith ann beagan bhliadhnachan a-nis fhuair mise a-mach mu dheidhinn 's mu dheidhinn Puls Biznesu mun aon m 's a fhuair mi a-mach gu bheil An Gidheal r air tighinn gu croch.
Se naidheachd gl dhuilich a tha sin oir bha fadachd agam gach mos gus an leughainn na bha aig sgrobhadairean leithid Aonghais Phdraig Chaimbeul neo Joy Dunlop ri rdh. Esan 'na fhear calma a sheasadh air son na bha e faicinn for ged chuireadh iad gu bs bhrd e. Ise a chuireadh gire air aghaidh creige 's a thionndadh smuaintean feallsnachail s na gheibhear ann am baga-limhe boireannaich ig.
Tha e doirbh gun coimeas a dhanamh eadar An Gidheal r agus Puls Biznesu agus a bhith co-dhnadh nach eil mran eatarra a thaobh cho math 's a tha iad a' coimhead. Chan e 's gun robh e riamh mar sin. An toiseach cha do chrd fis an t-ainm ri daoine. Bha blas nan Lbarach ra dheth, agus blas a' chreidimh fhasanta gum b'e luchd ionnsachaidh a shbhaileadh a' Ghidhlig.
Ach mar thoradh air obair chruaidh thairis air bliadhnachan chaidh An Gidheal r 'na eisimpleir mhath de rud a rinn Gaidhil air son na Gidhlig.
Tha e furasta a thuigsinn car son a tha an aon phipear naidheachd Gidhlig a tha againn ann an suidheachadh cho lag 's gu bheil e tur eisimeileach air airgead riaghaltais, ach gun mhneachadh ceart bho Bhrd na Gidhlig cha ghabh a thuigsinn car son nach eil An Gidheal r a' faighinn maoineachadh gu ler gus a neartachadh 's a leasachadh.
Cha chanadh deasaiche a' phipeir, Murray MacLeid, ach gu bheil e sgth de dhiligeadh ris a' Bhrd, nach fhiach an dragh a tha 'na lib tuilleadh.
Cluinnidh tu an aon sgeul aig mran – gu bheil iad seachd searbh sgth a' str ri buidheann a bha iad an dil a bh' ann air son an cuideachadh. Tha Art MacCarmaig 'na chathraiche ln thde aig a' Bhrd a-nis agus tha gach dchas ann gun tid aigesan, a tha cho for mhath air conaltradh, air mneachadh gu mionaideach car son a tha BnaG ann agus gu d tha iad an dil a dhanamh air son na Gidhlig.
Bidh aige ri innse d tha iad an dil fhaighinn s an lrach ln r aca, www.mygaelic.net, aig cosgais 200,000, neo s an 74,800 a thug iad, mas fhor, do Sheirbheis Niseanta na Slinte air a' Ghaidhealtachd air son soidhnichean agus bileagan fiosrachaidh eadar-theangachadh gu Gidhlig fhad 's a tha banaltruim a' faighinn rabhadh gun a bhith bruidhinn ach Beurla ri chile agus ri euslaintich.
Tha na meadhanan do-sheachanta do dh'iomairt chnanach sam bith. Ma tha ro-innleachd sam bith aig Brd na Gidhlig a thaobh nam meadhanan agus gu h-raidh na meadhanan ra, tha ln thde aca sin a shealltainn dhuinn.
Mur eil iad comasach air goireas cho bunaiteach ri pipear naidheachd beag mosail a chumail a' dol gus litearachd a bhrosnachadh agus aithne Ghaidhealach a chur an cill, bu cho math dhaibh dorsan na h-oifis mhir aca an Inbhir Nis a dhnadh agus na solais a chur dheth. Saoil am mothaicheadh duine nach robh iad ann tuilleadh?
- Alistair Darling leads ‘No to independence’ fight over tea and biscuits
- Scottish independence: SNP flip-flops over Nato
- Scottish Independence: SNP ‘won’t be Yes campaign’s only voice’
- Today’s youth not fit to be employed, says car firm Arnold Clark
- Rangers takeover: Duff & Phelps threaten legal action against BBC
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Friday 25 May 2012
Today
Sunny spells
Temperature: 9 C to 21 C
Wind Speed: 14 mph
Wind direction: North east
Tomorrow
Sunny
Temperature: 9 C to 19 C
Wind Speed: 15 mph
Wind direction: North east

