DCSIMG
SWTS.news.image.e

Tha e oifigeil: le barrachd bhoireannaich aig an stiùir, nì an companaidh agad 42 ás a’ cheud nas fheàrr . . .

Bidh taghadh nas fharsainge de sgilean aig boireannaich  ach ma tha clann aca, chan eil obair aig �re �rd cho cudromach leo

Bidh taghadh nas fharsainge de sgilean aig boireannaich  ach ma tha clann aca, chan eil obair aig �re �rd cho cudromach leo

Chaidh co-labhairt a chumail ann an Dùn Èideann an t-seachd­ain seo gus coimhead air grunn cheistean co-cheangailte ri boir­eannaich ’s cothroman obrach.

Gu h-eachdraidheil tha cnapan-starra air a bhith ro bhoireann­aich nuair thig e gu bhith dol an sàs ann an diofar dhreuchdan. Agus le crìonadh san econam­aidh, ’s gu sònraichte san roinn phoblaich, tha barrachd bhoir­eannaich gun chosnadh ann an Alba, ’s an àireamh sin air dùb­lach­adh o thòisich an crìonadh.

Tha sgaradh air a bhith ann o chionn fhada eadar obraichean “air son” boir­eannaich agus “air son” fireannaich, agus cuideachd a thaobh mar tha barrachd fhir­eannaich buailteach a bhith ann an àrd-dhreuchdan ann an companaidhean seach boir­eannaich. ’S a dh’aindeoin mar tha piseach air tighinn air seirbheisean cùr­aim chloinne ’s eile, tha e fhath­ast uair­eannan doirbh do bhoir­eannaich tilleadh a dh’obair no ùine a ghabhail dheth air son teaghlach a bhith aca.

Eadar Màrt 2008 agus Iuchar 2012 a rèir an STUC tha an àir­eamh de bhoireannaich ann an Alba a tha faighinn sochairean cosnaidh air a dhol an àird o 18,492 gu 47,300 (àrdachadh 155 ás a’ cheud). Tha an crìonadh san roinn phoblaich air barrachd buaidhe thoirt air boireannaich na air fireannaich, seach gu bheil barrachd ás a’ cheud dhiubh ag obair innte. Ás an àireamh de bhoir­eannaich a tha ag obair ann an Alba, tha 41 ás a’ cheud anns an roinn phoblaich, ach chan eil ach 22 ás a’ cheud de na fireannaich innte. Cuid­eachd, tha boireannaich fhathast buailteach a bhith ri dreuchdan mar tha còcair­eachd, glan­adh, cùram agus clèir­eachd.

Gus feuchainn ri cur ás dhan sgaradh eadar obraichean tradiseanta do bhoireannaich agus do dh’fhireannaich, tha Riaghaltas na h-Alba air Careerwise Scotland a stèidheachadh, a bhros­naicheas clann-nighean gu bhith beachdachadh air dreuchdan ann an saidheans no einnseanair­eachd. Thuirt Ailig Salmond aig a’ cho-labhairt: “Tha e ro dheat­amach, o aois òg, gun roghnaich nigheanan na cuspairean ceart san sgoil a leigeas leotha adhartas a dhèanamh ann am foghlam agus trèanadh, los gum bi tagh­adh farsaing aca nuair thig e gu cothroman cos­naidh.

“Sin aon adhbhar gu bheil sinn air Careerwise Scotland a chur air bhonn. Ann an compàirt ri gnìomhachasan agus sgoiltean tha sinn air son gun coinnich nigh­eanan sgoile ri boireann­aich a tha ag obair ann an einn­seanair­eachd no saidheans, neoa tha a’ dèanamh bathair neo uidheam­achd, agus gum bi fios aca gu bheil an aon chothrom acasan air na dreuchdan sin ’s a tha aig na bal­aich.”

A rèir John Batchelor, Ceann­ard Luchd-Obrach aig Comhairle na Gaidhealtachd, far a bheil boireannaich a’ dèanamh suas 75 ás a’ cheud dhen luchd-obrach, tha sgeama aca le uairean sùbailte a tha a’ cuideachadh le bhith a’ cum­ail obair agus teaghlach. Tha a’ Chomh­airle a’ toirt a-staigh Pàigh­eadh Beòshlaint, no Living Wage, air 1 Giblean 2013 aig £7.20 san uair a chuidicheas mu 500 den luchd-ob­rach aca. Tha a’ mhòrchuid dhiubh sin pàirt-thìde ’s iad ’nam boireannaich (89 ás a’ cheud). Mu bhoireannaich ann an dreuchd­an àrda thuirt e: “Tha na h-àir­eamhan againn air a bhith a’ dol suas anns na beag-­
an bhliadhnaich­ean a dh’fhalbh. Ann an 2011/12 ás an 2 ás a’ cheud a tha cosnadh barrachd na càch, tha boireann­aich a’ dèanamh suas 33 ás a’ cheud, ’s ás a’ chòig ás a’ cheud aig a bheil na tuarastail as àirde, tha boireannaich a’ dèanamh suas 54 ás a’ cheud.

“Bidh a’ Chomhairle cuid­eachd a’ cumail trèanadh ’s co-labhairtean mu bhoireannaich ann an dreuchdan manaidsearachd, ’s tha sinn a’ ruith sgeama taice gus boireannaich a bhros­nachadh gu bhith a’ cur a-staigh son a bhith ’nam manaidsearan.”

Tha Nicola NicThòmais ’na Cean­nard air Gnothaichean Corparra aig Sabhal Mòr Ostaig agus uallach aice son sgiobachd mar phàirt den dreuchd. Thuirt i mu chosgaisean cùram cloinne: “Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an àireamh as motha de mhàth­raichean ag obair ann an goireasan, agus tha coltas ann nach eil cosgaisean air son cùram cloinne a’ cur bacadh orra tilleadh a dh’obair. Cuideachd tha sgeama againn le vouchers air son cùram cloinne far am faod daoine pàigh­eadh son cùram cloinne le pàirt den tuarastal aca ro chìsean. Tha siud a’ sàbhaladh beagan dhaibh.

“Mar sin cha tàinig duine thug­ainn riamh leis a’ ghearain nach b’ urra dhaibh tilleadh air sgàth cosgais cùram cloinne. Chan eil sin ag ràdh nach eil e cur stad air cuid aca. Ach tha uairean againn a tha sùbailte son pàrant­an ma tha aca ri’n cuid chloinne a chur dhan sgoil agus rudan mar sin.”

Thuirt Nicola gun robh e cud­romach ann an àite mar an t-Eilean Sgitheanach gur e obraich­ean làn-thìde ’s fad na bliadhna air an robh cothrom aig boireannaich, seach obraichean a tha an crochadh air turasachd. ’S gum b’ urra dhaibh dreuchdan a thoirt a-mach aig ìre àrd. “Tha cuid a bhoireannaich a dh’fhaodadh a bhith dèanamh nan dreuchdan nas àirde le’n sùilean dùinte – ach on a bha clann aca chan eil e cho cudromach dhaibh, ’s tha iad nas buailtiche a bhith dèanamh obraich­ean aig ìre nas ìsle.”

• ahcampbell@btinternet.com


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Tuesday 21 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 6 C to 17 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 13 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: North west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.