Tha an fhèill air biadh Albannach a’ sìor fhàs gu h-eadar-nàiseanta
Is fhada o bha Shirley Spear, aig a bheil an taigh bidhe ainmeil “The Three Chimneys” anns an Eilean Sgitheanach, ag ràdh nach eil buntàta air an t-saoghal a tha cho math ri Kerrs Pinks á Bhàlaigh, eilean beag air taobh siar Uibhist a-Tuath.
A-nis tha e air tighinn am follais gu bheil chan e a-mhàin iasg agus maorach, ach buntàta agus glasraich, á Alba cho math ’s a gheibhear anns an Roinn Eòrpa, neo ann an àite sam bith eile.
Chaidh glasraich agus measan luach trì fichead ’s a dhà millean nota a-null thairis á Alba an-uiridh, agus tha sin 60 ás a’ cheud a bharrachd air 2010 agus àireamh nach gabh cha mhòr creidsinn, 161 ás a’ cheud a bharrachd air 2007.
Tha measan agus glasraich a-nis air an reic ris an Spàinnt, an Òlaind, a’ Ghearmailt, an Eadailt, an Fhraing, a’ Bheilg, a’ Phòlainn agus, nas fhaide air falbh, ris an Èipheit.
Tha uisge beatha a’ sìor fhàs measail air feadh an t-saoghail. An-uiridh chaidh luach £4.23 billean a-null thairis, suas 23 ás a’ cheud air 2010, le mòran a bharrachd a’ dol gu Sìona agus Singapore.
Thuirt Stewart Miller bho TIO Organics ann am Farrais, “Se an ìomhaigh a tha aig Alba gu bheil i ’na dùthaich bhrèagha le uisge glan gun truailleadh, aimsir bhog thais agus talamh torrach.”
Tha Richard Lochhead BPA, Ministear Chùisean Dùthchail, ag aontachadh agus e ag ràdh gu bheil iarrtas air son biadh agus deoch á Alba a’ sìor èirigh.
Fhuair na Frangaich agus na Duidsich blasad air a’ bhuntàta ris an canar Rooster a tha blasta agus air am bi bàrr trom ann an Alba, agus gabhaidh iad na gheibh iad dheth.
Nach math gu bheil dùthchannan air feadh an t-saoghail a’ sireadh biadh á Alba. Tha e coltach nach eil a’ phrìs a’ cur dragh orra. Cha daor am biadh ma gheibhear e.
Tormod E Dòmhnallach
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Tuesday 21 May 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 6 C to 17 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 3 C to 13 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: North west
