DCSIMG
SWTS.news.image.e

Teagamhan ag èirigh mu èifeachdas agus targaidean Ùlpain

Tha teagamhan gan cur anns a’ mhodh-ionnsachaidh Ghàidhlig Ùlpan ’s anns a’ chompanaidh a tha ga lìbhrigeadh, Deiseal Earranta, bho thàinig e am follais nach eil targaidean a sheatadh dhaibh le Bòrd na Gàidhlig idir gam bualadh, a dh’aindeoin ’s na tha de dh’airgead poblach air a chosg thuige seo.

Ann an 2007, chuir Aithisg Bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig fàilte air “… dòigh ùr ionnsachaidh a chuidich mìltean de dh’inbhich a’ tighinn gu fileantachd nan dàrna cànain … fìor shoirbheachail agus na dhòigh luath”. Dh’fhàs an taic a bha Deiseal a’ faighinn, agus anns a’ Chèitean 2010 gheall am Bòrd gum biodh “1,600 following Ùlpan through to completion” ro dheireadh na Màirt 2012.

Chunnaic mi aithisgean ràitheil Buidheann-Stiùiridh Ùlpain suas gu Dùbhlachd na bliadhna an-uiridh, agus tha e coltach gun deach an targaid seo atharrachadh, uaireigineach bhon uair sin, gu 484 oileanach air an clàradh air an dàrna leth dhen a’ chùrsa, gun an còrr guth air 1,600 a’ cur crìoch air. Bha e coltach nach buaileadh Deiseal an targaid ùr seo ge-tà, oir ged a bha 1,917 clàraichte son a’ chiad leth, cha robh ach 177 duine air an clàradh son an dàrna leth.

Tha na h-aithisgean seo cuideachd a’ cur an cèill gun d’fhuair Deiseal £371,778 ás an sporan phoblach ann an 2011, 86 ás a’ cheud dhen teachd a-steach aca, ged tha làrach-lìn Ùlpain ag ràdh 70 ás a’ cheud. Thàinig a’ chuid bu mhò dheth sin, £302,800 no 74 ás a’ cheud, bhon Bhòrd. Fhathast ge-tà chaill Deiseal airgead.

Tha mi cuideachd air suirbhidh fhaicinn mu oileanaich Ùlpan anns a bheil an co-dhùnadh seo: “74% of students currently on the register appear to not progress beyond lesson 24” (tha 144 leasan, no aonad, air a’ chùrsa air fad). Rinneadh an aithisg am broinn Dheiseal san Dùbhlachd 2010. Cha deach a foillseachadh riamh.

Tha e coltach nach eil fios le cinnt aig duine sam bith cia mheud duine a tha air crìoch a chur air na 144 leasanan; a rèir a’ Bhùird tha seo seach gu bheil an teagasg air a dhèanamh am buidhnean no clasaichean air feadh na dùthcha, le daoine fa leth air an trèanadh le Deiseal ach an uair sin neo-eisimeileach. Ach gheibhear tuairmse san aithisg seo: “Currently only 0.4% of the students who register are reaching the end of the course.”

Shònraich mi do dh’Iain Aonghas MacAoidh, ceannard Bòrd na Gàidhlig, nach robh ach 177 duine air an clàradh air an dàrna leth, còig bliadhna bho thòisich Ùlpan san dùthaich sa. “A bheil muinntir Alba a’ faighinn luach an airgid?” dh’fhaighnich mi.

“Chì sinn dè a nochdas mar figearan gu deireadh na Màirt 2012,” thuirt e, “ach tha sinn mothachail nach eil an àireamh clàraichte san Dùbhlachd 2011 aig an ìre a bhathas an dòchas a bhitheadh nuair a chaidh a’ chùrsa stèidheachadh, agus tha sinn a’ coimhead ri car son a tha sin.

“Thaobh maoineachaidh, le còrr agus 2,000 duine air clàradh air cùrsaichean agus 163 luchd-labhairt na Gàidhlig air an trèanadh ’s le cothrom teachd a-steach a dhèanamh dhaib’ fhèin, thathas a’ meas gur h-e luach airgid a th’ anns a’ chosgais air Ùlpan. Coltach ri iomadh rud eile co-cheangailte ri cànan agus cultar, ge bith dè an cànan no an cultar, ás aonais airgead poblach cha bhiodh a’ chùrsa seo ann.”

Thuirt mi ris gun robh mi a’ tuigsinn gun robh dlùth cheanglaichean pearsanta eadar feadhainn a tha a’ ruith Deiseal agus feadhainn aig ìre àrd air a’ Bhòrd. Saoil an robh seo fallainn, gu seachd àraid nuair a dh’fheumadh am Bòrd co-dhùnaidhean a dhèanamh mu shuimean mòra airgid phoblaich?

“Chan eil fianais agamsa gu bheil ceangal no càirdeas nach bu chòir eadar dhaoine am Bòrd na Gàidhlig agus Deiseal seach an ceangal profeiseanta,” thuirt e.

Dh’iarr mi beachdan Dheiseal ,ach dhiùlt Dàibhidh Grannd, an stiùiriche, a-muigh no a-mach agallamh a dhèanamh rium.

neilmac@mcraen.freeserve.co.uk


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Friday 24 May 2013

5 day forecast

Today

Light showers

Light showers

Temperature: 2 C to 12 C

Wind Speed: 21 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 5 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.