DCSIMG
SWTS.news.image.e

Sgoil Ghàidhlig Dhùn ideann: ceum air adhart, ceum air ais

Tha aon rud gu sònraichte air a bhith aig daoine a tha a' strì air son Sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann. Se sin foidhidinn. Agus tha coltas ann a-nis gum feum tuilleadh foidhidinn a bhith aca, oir ged a chuir comhairlichean Dhùn Èideann an làn thaic ann am prionnsabal ris a' mholadh Sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann am prìomh bhaile na dùthcha, tha tuilleadh cheistean air èirigh mu chosgaisean.

Thathar an dchas gum bi na facail ghlice seo - a tha air balla clasrum ann an Sgoil Chrois na Cse - ann an inntinn comhairlichean Dhn ideann an uair a choinnicheas iad anns an t-Sultain a dheasbad crannchur an fhoghlaim Ghidhlig sa bhaile

Chumadh co-chomhairle air d bu chir tachairt mu fhoghlam Gidhlig an Dn ideann, agus ireamh nan sgoilearan san Aonad Ghidhlig aig Bunsgoil Chrois na Cse a-nis a' tighinn chun na h-re far nach gabh e an crr. Am measg nam molaidhean, bha Sgoil Ghidhlig a stidheachadh aig lrach seann Sgoil Bonnington sa bhaile. Chuir ireamh gu math rd de dhaoine beachd a-steach chun na Comhairle, agus 96 s a' cheud dhiubh ag iarraidh bunsgoil Ghidhlig.

Ach thinig e am follais beagan lithean ro choinneamh na Comhairle, aig deireadh a' mhos sa chaidh, gun robh e dol a chosg trr a bharrachd na bhathar an dil an toiseach gu Sgoil Bonnington a chur air digh. Chaidh an t-suim a bha a' Chomhairle a' measadh a bheireadh e suas bho 600,000 san t-Sultain 2010 gu 3.6m san gmhios 2011.

Tha seo a-nis air dil fhgail air cisean, oir ged gheall Riaghaltas na h-Alba gun toireadh iad 1.4m don Chomhairle air son cuideachadh le cosgaisean calpa stidhichte air na measaidhean nas sle, tha am measadh as ire air tuilleadh chmhraidhean 's rannsachaidhean adhbharachadh - agus tuilleadh dlach.

Thuirt Alasdair Allan BPA, Ministear air son Ionnsachadh agus Sgilean: "Tha mi a' cur filte air mar a cho-dhin a' Chomhairle gu h-aona-ghuthach gur e Sgoil Ghidhlig an roghainn as fherr gus foghlam Gidhlig a thoirt air adhart sa bhaile. Tha a' Chomhairle cuideachd a' dol a dhanamh oidhirp gus danamh cinnteach gum faigh a h-uile sgoilear a tha ag iarraidh a dhol an ss ann am foghlam Gidhlig cothrom sin a dhanamh. Tha mi a' coimhead air adhart ri cmhraidhean leis a' Chomhairle agus beachdaichidh an Riaghaltas air mar as urrainn dhuinn an cuideachadh leis an amas sin."

Thuirt Alasdair Camshron, cathraiche Comann nam Prant Dhn ideann: "Tha sinn air leth toilichte gun do bht gach prtaidh agus gach comhairliche air son Sgoil Ghidhlig a stidheachadh ann am promh-bhaile na dthcha. Le bhith danamh sin, sheall a' Chomhairle gu bheil an toil phoilitigeach ann gus fuasgladh a lorg air na duilgheadasan a th' againn le togalach."

Tha a' Chomhairle a-nis air tuilleadh aithisgean iarraidh air son coinneamh san t-Sultain a thaobh a bhith a' frithealadh air ireamhan de sgoilearan Gidhlig a tha a' sor dhol an irde, agus Bunsgoil Chrois na Cse gu bhith ln; a thaobh ciamar a bha na measaidhean aca air son obair chraidh cho cerr; agus a thaobh ciamar a chaidh am milleadh a dhanamh air na toglaichean aig Bunsgoil Bonnington bho dhin an sgoil ann an 2008. Thuirt neach-labhairt air son na Comhairle: "Tha siostaman tarainteachd aig an togalach. Ach thid staid togalach sam bith a tha d bhliadhna gu leth gun a chleachdam miosad, agus seo na thachair le Bonnington.

"Thathar a' danamh rannsachadh air d an staid anns a bheil an togalach an-drsta. Ach air sgth mar a chaidh luaidh a ghoid bhon mhullach agus an geamhradh as miosa a bh' againn riamh, chaidh milleadh nach beag a dhanamh air an sgoil."

Thathar a' tuigsinn gur e siostam tarainteachd eiligtronaigeach a bha an ss aig Bonnington, ach cha b' urrainn don Chomhairle innse c bha a' coimhead as didh an togalaich, no d cho tric 's a bha daoine a' coimhead air staid an togalaich. Thuirt iad gum faighear am fiosrachadh sin aig coinneamh na Sultaine.

Thuirt cathraiche Brd na Gidhlig, Art MacCarmaig, nach biodh e cothromach na cosgaisean craidh uile chur mu choinneamh na sgoil Ghidhlig. "Tha dleastanas air a' Chomhairle na togalaichean aca a chumail ann an deagh rdugh, ach tha deagh rn am measg chomhairlichean, agus feumaidh sinn co-obrachadh leotha gus sgoil Ghidhlig a stidheachadh."

Tha seo uile air ceistean fhgail mu chuin a gheibh Dn ideann Sgoil Ghidhlig. Ma thachras gu bheil 3.6m no barrachd a dhth air son Sgoil Bonnington a chradh, co s a thig an t-airgead sin? A' Chomhairle, droch theans agus cisean ionmhais cho teann. An Riaghaltas, tha iad air suim lethcharan mr a ghealltainn mar-th, agus is cinnteach gum bi sgoiltean eile a' sireadh airgead calpa. Is dcha gum feumar coimhead air lrach eile, agus an uair sin dh'fheumte co-chomhairle eile 's bhiodh tuilleadh dlach ann. Thid coimhead air cisean a-rithist aig coinneamh na Comhairle san t-Sultain.


Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Sunday 27 May 2012

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 11 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 9 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.