‘Se ball-coise mar ghnìomhachas a mharbh ball-coise mar ghèam ann an Alba’
Le cus làmhan air stiùir ball-coise na h-Alba ’s gun amas soilleir aig duine càit am bu chòir an gèam a bhith dol, cha robh e ’na iongnadh mòr gun tug ceannardan an SPL, an SFL, an SFA agus cathraichean nan clubaichean fhèin cluas bodhar ri molaidhean Eanraig MhicGillÌosa air leasachadh a’ ghèam. Is dòcha nach e neach-poileataigs an roghainn cheart air son na molaidhean seo a dhèanamh, ach mar a thuirt e fhèin, cha toil le Albannaich atharrachadh, gu h-àraidh, tha e coltach, nuair a tha e riatanach.
’S e fo bhreisleach an dèidh bàs Rangers, bidh atharrachaidhean a-nis air an sparradh air a’ ghèam, cuid dhiubh a mhol MacGillÌosa, leithid ath-chruthachadh nan lìogan, smachd air cumhachd an “Old Firm”, agus sgaoileadh nas cothromaiche de dh’airgead TBh. Nì iad uile feum.
Chan eil anns na molaidhean aig Niall Doncaster, ceannard an SPL, ge-tà, ach na h-oidhirpean èiginneach mu dheireadh aige gus Rangers fhaighinn air ais san SPL cho luath ’s a ghabhas.
B’e sin cnag na cùise. Se an dreuchd aig Doncaster an SPL a shàbhaladh mar bhathar, chan e gu bhith dèanamh a’ ghèam fhèin nas fheàrr. Ás aonais Rangers agus geamaichean an Old Firm, bidh luach a’ bhathair sin air crìonadh.
Bha an SPL a’ deanamh oidhirp fhaoin agus do-ruigsinneach an saidhbhreas a fhuair am Premiership bho TBh a thoirt gu bhall-coise na h-Alba; thàinig na cluicheadairean coimheach ’s na tuarastalan àrda, ach cha tàinig piseach air a’ ghèam, ’s an SPL gun an ìre de chliù no de dh’airgead gus na h-ainmean as motha a thàladh mar a bha tachairt ann an Sasainn. Dh’fhàg an struidhealachd seo dìleab: fiachan mòra, gainnead de chluicheadairean dùthchail, agus sgioba nàiseanta nach do ràinig na cuairtean deireannach de dh’fharpais mhòr bho 1998, a’ bhliadhna a chaidh an SPL a stèidheachadh.
Ged a bhiodh e ceàrr ri ràdh gum b’e an SPL a-mhàin a dh’adhbharaich staid a’ ghèam – thòisich an crìonadh bliadhnaichean ron a-sin, le uaibhreas agus doille an SFA a’ ciallachadh nach tàinig na h-atharrachaidhean aig ìre òigridh a thug soirbheachas don Òlaind, don t-Suain ’s don Spàinn – chuir cultar an t-soirbheachais luaith, agus am beachd meallta gun tèid a cheannach, gu mòr ri bochdainn a’ ghèam an-diugh.
Se ball-coise mar ghnìomhachas a mharbh ball-coise mar ghèam ann an Alba. Ma thig fìor atharrachadh aig ìre òigridh agus smachd air an àireamh de chluicheadairean coimheach san lìog mar thoradh air bàs Rangers, b’ fhiach e e.
daibhidhrothach@gmail.com
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Thursday 20 June 2013
Today
Cloudy
Temperature: 11 C to 19 C
Wind Speed: 7 mph
Wind direction: North
Tomorrow
Light rain
Temperature: 11 C to 18 C
Wind Speed: 13 mph
Wind direction: West
