Puinnsean a nì feum– agus cron
THA aithisg air nochdadh a tha a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’ainmhidhean a tha a’ bàsachadh le bhith a’ slugadh puinnsean air èirigh gu grad. Chuir puinnsean crìoch air 233 de bheathaichean ann an 2010 an taca ri 166 ann an 2009.
Sin an àireamh as àirde bho thòisicheadh air an clàradh ann an 1997. Chaidh am puinnsean ris an can iad “carbofuran” a chleachdadh anns a’ chuid bu mhotha de chùisean.
Tha carbofuran cho nimheil ri puinnsean sam bith, ach a dh’aindeoin sin tha e gu mòr fheum do thuathanaich ’s do ghàirnealairean. Cuiridh beagan dheth ás do bhiastagan agus do mheanbh-fhrìdean a bhios a’ deanamh cron air bàrr, air lusan ’s air planndrais. Bithear ga chleachdadh air feadh an t-saoghail agus cumaidh e bàrr mar cruithneachd, buntàta agus ponair-soya gun truailleadh le plàighean. Ach ma thèid cus dheth a-steach do bhodhaig ainmhidh sam bith, cuiridh e crìoch air, agus air an adhbhar sin tha e air aithris gu bheil geamairean agus luchd seilg a tha deònach cur ás do dh’eòin chreachaidh ga chleachdadh.
Air a’ Ghaidhealtachd ann an 2010 chuireadh ás do 13 clamhain ghobhlach, seachd clamhain ruadha agus còig iolairean, ’s tha amharas gur e carbofuran a chuir crìoch orra.
Anns a’chumantas, sann air na h-oighreachdan mòra a tha a’ deanamh saibhreas á sealg a tha an sgrios seo a’ dol air adhart. Thuirt Donnchadh Orr-Ewing bhon RSPB, “Tha e a’ cur mòran iomagain oirnn gu bheil puinnseanachadh a’ cur bacadh air na h-oidhirpean soirbheachail a tha sinn air a bhith a’ dèanamh gus piseach a thoirt air àireamhan eòin chreachaidh.”
Ach cuideachd, tha an aithisg a’ sealltainn gu bheil am puinnsean air a chleachdadh gu tric gun chùram, ’s gu bheil peataichean mar coin agus cait gan call air a shàilleabh. Tha lighichean sprèidh ag ràdh gur e gòraiche agus aineolas a th’ ann carbofuran a chur an lùib puinnsean radain. Air tuathanas, faodaidh a leithid sin fìor chron adhbharachadh. Thuirt Stewart Stevenson BPA, Ministear na h-Àrainneachd), “Tha an aithisg a’ dearbhadh gum faod cion cùraim lèirsgrios a dheanamh air ar fiadh-bheathaichean.
“Tha e coltach gu bheilear a dh’aon ghnothaich a’ cur puinnsean mar carbofuran ann an closaichean a thogas eòin fhiadhaich. Se ana-ceartas a tha sin, ach cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla ris a’ phoileas gus stad a chur air cleachdadh a tha cho mì-laghail.”
- Family mourn death of Glasgow ‘fight’ schoolboy
- Rangers takeover: Duff & Phelps threaten legal action against BBC
- Today’s youth not fit to be employed, says car firm Arnold Clark
- Rangers administration: Fans fear Duff & Phelps claims could scare off Green
- Rangers takeover: triple penalty punishment enough, says Johnston
- Alistair Darling leads ‘No to independence’ fight over tea and biscuits
- Scottish independence: SNP flip-flops over Nato
- Scottish Independence: SNP ‘won’t be Yes campaign’s only voice’
- Scottish independence: Alex Salmond’s pledge to sign up 1m voters
- Today’s youth not fit to be employed, says car firm Arnold Clark
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Sunday 27 May 2012
Today
Sunny
Temperature: 11 C to 21 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east
Tomorrow
Sunny
Temperature: 9 C to 21 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east


Your view
Please sign in to be able to comment on this story.