O chionn 80 bliadhna: bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-Sathairne 6 Lùnastal 1932
Anns a’ cholbh seo roghnaich Aonghas MacEanraig sgrìobhadh mu eildearan, neo foirf(h)ich, an àm a chaidh …
BHA latha ann is bha cumhachdan sònruichte aig na foirfich anns gach sgìreachd, ach tha iad an déigh a’ chuid is mò dhiubh a chall.
An diugh, chan eil feum air cléir no air seisein a chum cheistean eadar choimhearsnach a réiteach, oir tha cùirtean lagha goirid do làimh agus tha maoir-shìthe agus maoir-ghruinnd dlùth do’n dorus. Chan eil teagamh nach robh buaidh mhór aig facal nam foirfeach o cheann bheagan fhicheadan bliadhna, agus bha e caomhnadh ùine agus airgid do dhaoine bochda a dh’fhaodadh le tuiteamas dol thar a chéile.
Bha rathad eile ’san robh luchd-dreuchd na h-eaglaise ri feum nach bu bheag air feadh na dùthcha. Bha iad a’ lìonadh na cùbaide an uair a dh’éireadh do’n mhinisteir a bhi o’n taigh agus, iomadh uair, cha robh iad dad air dheireadh air na pearsachan-eaglais an eolas spioradail no’n ealantas cainnte. Dh’fhalbh am feumalachd anns an rathad so, mar an ceudna, agus a nis tha gillean òga o’n oil-thaigh ri fhaighinn air gach bealach, gu h-àraid an àm an t-samhraidh.
Mar so, thàinig crìoch, ceum air cheum, air ùghdarras an fhoirfhich, agus cha neil an seisein a nis a’ gabhail gnothaich ri móran ’sam bith ach frithealadh comanachaidh agus ballachan na h-eaglaise chumail air dòigh.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Wednesday 19 June 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 9 C to 18 C
Wind Speed: 16 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 12 C to 20 C
Wind Speed: 8 mph
Wind direction: East
