O Chionn 80 Bliadhna: bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-Sathairne 23 Iuchar 1932
Seo na sgrìobh Aonghas MacEanraig sa cholbh aige.
Cha eil an ùine ro fhada o’n bha a’ chlach mhine còrr is seachd-puinnd-deug air chudrom, ach an diugh chan eil innte ach ceithir-deug. Co dhiubh tha so chum math no milleadh do dhuine ainniseach tha e duilich a ràdh, ach tha e cinnteach gu’m bheil an sluagh na’s comhfhurtala na bha iad riamh roimhe.
Is fiach a’ cheist so a togail an ceartair an uair a tha càin air a cur air móran de nithean a tha air an ceannach le bochd is beartach maraon. Chan eil mi gabhail gnothaich ri còir na Stàide air airgead a thogail an rathad càin, ach bu mhath leinn fhaicinn ciamar tha chàin so dol a bhualadh air a’ mhuinntir aig nach [eil] na h-uiread ri chaitheamh, eadhoin air goireasan ro fheumail. ’Sa cheud àite, chan eil prìsean daonnan a réir luach, agus ged a dh’fhaodas càinean a bhi duilich a choinneachadh, is fiach iad gabhail riu m’a bheir iad barrachd cosnaidh aig an taigh. A rithisd, tha càin furasd a dhìoladh m’a tha cosnadh pailt, agus, anns an àite m’a dheireadh, lionar an coire gu h-ealamh m’a tha an gearnal mine an impis a bhi cur thairis.
Is ann a’ cur thairis a bhios e an uair a thig cosnadh gu bhi furasd fhaighinn, agus is ann le sòlas a tha sinn a faicinn gu’n bheil spréidh is meanbh-chrodh ag éiridh gu foirmeil am miadh. Tha Ghàidhealtachd ceart m’a tha prìsean bheathaichean reusanta.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Sunday 26 May 2013
Today
Cloudy
Temperature: 9 C to 16 C
Wind Speed: 15 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Light rain
Temperature: 8 C to 12 C
Wind Speed: 18 mph
Wind direction: South
