DCSIMG
SWTS.news.image.e

Maoir-chladaich: smaoinich as ùr, their comataidh

RINN comataidh thar-phàrtaidh na còmhdhail aig Westminster càineadh làidir air planaichean Riaghaltas Bhreatainn gus na seirbheisean maoir-chladaich a ghearradh, 's tha iad a' moladh gun atharraich iad na planaichean aca air sgàth sàbhailteachd.

Tha cig ionadan maoir-chladaich 24-uairean ann an Alba an-drsta, ach ma thid na planaichean an ss, cha bhiodh ann ach aon stisean 24-uairean ann an Obar Dheathain agus aonan eile an Sealtainn no an Sternabhagh a bhios fosgailte r solas an latha.

A' foillseachadh aithisg anns a' Phrlamaid an t-seachdain seo mu na maoir-chladaich, mu bhtaichean slaodaidh iginn 's mu Bhuidheann Chobhair nan Sgiorraidhean Mara, thuirt cathraiche na comataidh, Louise Ellman BP: "Tha sinn a' gabhail ris gum feumar an siostam ath-nuadhachadh, ach tha uireasbhaidhean mra sna molaidhean aig an Riaghaltas do na seirbheisean maoir-chladaich. Chan fhaca sinne mran taic air an son 's chan eil misneachd sam bith againn gum biodh na maoir-chladaich cho comasach 's a tha iad an-drsta diligeadh ri cisean iginn, gun ghuth air piseach sam bith tighinn air cisean.

"Ma thid na th' ann de dh'ionadan teasairginn a ghearradh gu mr, thid elas ionadail a chall am measg nan oifigearan a bhios a' diligeadh ri daoine 's ri soithichean ann an iginn. Chan eil a' Chomataidh cinnteach s mar a tha an Riaghaltas a' cumail a-mach gun gabh teicnelas a chleachdadh an ite an sersa elais ionadail seo. Ged a tha argamaid ann gu bhith lghdachadh na h-irimh iomlain de dh'ionadan teasairginn, bu chir ath-rdachadh sam bith de na Maoir-Chladaich a bhith stidhichte air ionadan 24-uairean, mar tha iad an-drsta, 's chan ann air stiseanan a bhiodh fosgailte dreach nuair bha solas an latha ann, mar a tha an Riaghaltas a' moladh."

Thuirt Aonghas Brianainn MacNll BP: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an aithisg air a dhol leis an fhianais a chuala iad fhin - na rudan a chuala mise ann an Sternabhagh, na thuirt a' Chomhairle 's na Maoir-Chladaich. Tha a' chomataidh ri moladh air son aithisg a thoirt a-mach a tha gu math frinneach agus a' dol leis na rudan a chaidh innse dhaibh.

"Tha an aithisg a' toirt cothrom do Mike Penning, Fo-Rnaire na Cmhdhail, atharrachadh a dhanamh, thoradh tha d aithisg aige a-nis, an t seo agus t'ile bhon MCA. Cha robh guth air sbhailteachd ann an aithisg an MCA, cha robh ach iomradh air prsean pighidh 's prsean thoglaichean. Sin a bha a' putadh a' ghnothaich. Tha truas agam ris a' mhinistear ann an digh, tha mi smaointinn nam biodh e air tuigsinn d bha an MCA a' moladh an toiseach, cha bhiodh e air seo a thiseachadh idir. Tha na sbhalaidhean cho beag, an cunnart - 's an cunnart poilitigeach - cho mr, 's gu bheil mi smaointinn gum b' fherr dha nach fhac' e riamh aithisg an MCA.

"Bhiodh e glic gun a bhith a' leantainn aithisg an MCA, 's ma n e siud, bidh mise ga mholadh air son a bhith glic agus calma."

Thuirt Aonghas Caimbeul, ceannard Comhairle nan Eilean Siar, "Tha an aithisg seo, bho chomataidh prlamaid aig a bheil deagh chli, a' danamh cineadh lidir air na molaidhean aig Riaghaltas Bhreatainn 's a' Bhuidheann Mara 's Maoir-Chladaich (MCA) mu ath-nuadhachadh nan seirbheisean maoir-chladaich. Tha a' Chomhairle 's ar luchd compirt ann am Buidheann Ghnomha Innse Gall nam Maor-Cladaich air a bhith cunbhalach 'nar beachd gu bheil laigsean mra anns na molaidhean - agus tha e follaiseach gu bheil Comataidh na Cmhdhail gu lidir dhen aon bheachd.

"Tha mi gu snraichte toilichte gu bheil a' Chomataidh ag aithneachadh gun tid elas ionadail ro phrseil a chall, nach gabh teicnelas a chleachdadh an ite elas ionadail, agus gum bu chir ath-nuadhachadh sam bith den t-seirbheis a bhith stidhichte air stiseanan 24-uairean."

Tha a' Chomataidh cuideachd a' danamh cineadh lidir air mar cho-dhin an Riaghaltas cur s do na btaichean slaodaidh iginn gus airgead a shbhaladh - bidh iad seo a' cuideachadh btaichean ann an iginn gus nach tig call air an rainneachd.

Thuirt Louise Ellman, "Cha do lorg sinn fianais sam bith gu bheil seirbheis chomeirsealta ann a tha iomchaidh gus a dhol an ite na seirbheis seo. Chan eil co-dhnadh an Riaghaltais glic, agus tha e stidhichte air feuman san ine ghoirid - tha iad a' fgail suidheachadh far am faod calldachd mhr a bhith ann."

Thig am ministear gu co-dhnadh a thaobh nam Maor-Cladaich ron t-samhradh, thathar an dil.

Boinne ann am beul na gaoithe

• Thid 33,000 saighdear Ameireaganach a tharraing Afghanastan an ceann mu thuaiream bliadhna gu leth.

• Tha cosgais tramaichean Dhn ideann air dblachadh gu billean not. Ged a chuireadh a' Chomhairle s don phriseact, chosgadh e faisg air an aon rud.

• Chan eil ach 10 s a' cheud de sgoilearan anns na h-Eileanan an-Iar a' dol tro fhoghlam Gidhlig, ged a tha cuid mhr de na prantan ga iarraidh dhaibh.

• Chan fhaigh Phriseact nan Ealain barantas tuilleadh a thaobh an ionmhais a tha iad a' faighinn bho Alba Chruthachail.

• Tha a-nist Comhairle Dhn ideann ag rdh gun cosgadh e fada a bharrachd air na 1.6m a thuirt iad roimhe gus Bunsgoil Bhonnington a dhanamh 'na Sgoil Ghidhlig, agus nach tig iad gu co-dhnadh ron t-Sultain.

• RINIG Urras na Pirce re a dh ann a bhith a' faighinn taic airgid on Chrannchur Niseanta.

Goethe, a' Ghidhlig 's am pseudokeltischer Schwindel

MA tha Gearmailtis agad 's ma tha thu leughadh seo (agus th!) se Die Helden der Fianna ("Gaisgich na Finne") le Axel Koehler an leabhar dhutsa. Tha Koehler ag innse mar chuala am brd ainmeil Gearmailteach Goethe, 'na ige sna 1760an, gun deach brdachd mhr Ghidhlig a lorg, a bha ln de bhidhchead ndair 's a rinneadh a rir coltais greiseag as didh m Chrost. San dara caibideal, "Sgeulachdan na Finn - der Sagenzyklus um die Fenier", tha elas mu na sgeulachdan sin an irinn 's an Albainn. San treas, "O Sheanchas gu Seumas - Von den Fenier-Sagen zum Ossian", tha mu Sheumas Bn Mac a' Phearsain, "an t-eadar-theangair", 's mun pseudokeltischer Schwindel aige.

Sa cheathramh, "Goethe ag ionnsachadh Gidhlig - Goethe lernt Glisch", tha cridhe an trchdais aig Koehler: tha litir ann bho 1771 far a bheil Goethe a' sgrdadh posan Gidhlig a dh'fhoillsich Mac a' Phearsain ann an aon de na leabhraichean aige. Cha robh Goethe ach 22 aig an m, agus tha Koehler ag aideachadh gun do chaill e idh sa Ghaidhealtachd an uair a lorg e an Eadailt: Goethes begeisterung fr die Glen, tha e 'g rdh, sollte jedenfalls ein Jugendschwarm bleiben. Ach ann an "Co-dhnadh - Schlusswort" tha Koehler a' cur a chorraig air buaidh Oisein, ge beag i, ann an obair a' bhird.

Tha na notaichean-coise 's an liosta-leabhraichean lidir ann an reifreansan ris an eadar-lon. Tha iad cuideachd gar toirt fada seachad air Oisein agus Goethe - tha notaichean 95 agus 96, mar eisimpleir, mu Eideard Dwelly 's mar dheasaich Michael Bauer eine durchsuchbare Internetversion des Dwellyschen Wrterbuchs.

Raghnall Macilledhuibh


Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Sunday 27 May 2012

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 11 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 9 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.