DCSIMG
SWTS.news.image.e

Gun sìol gu leòr tuilleadh aig a’ ghealaig bhuachair

Dh’fhalbh an speal ’s an t-inneal gearraidh a bha air a tharraing leis na h-eich, agus cha mhòr nach do dh’fhalbh na gealagan buachair (dealbh, deas).

Is toigh leis an eun bheag bhòidheach seo, aig a bheil gairm ghleadhrach, a bhith an lùib arbhair, oir sann air sìol a tha e beò.

B’ àbhaist don arbhar a bhith air a làimhseachadh ann an iomadach dòigh. Bha e air a cheangal, air a chur ann an suidheachain, ann an cocan agus an sin ann an cruachan mòra anns an iodhlann. Fhad ’s a bha an obair sin a’ dol, bha sìol a’ tuiteam air an talamh, agus bhiodh na gealagan buachair a’ sgròbadh, ’s iad air an dòigh.

Sguir na h-obraichean sin nuair a nochd an combine, an t-inneal-fogharaidh a bhios a’ sguabadh suas agus a’ slugadh sìos arbhar, feur, luibhean, daolagan, cuileagan agus an sìol air a bheil na gealagan buachair cho dèidheil.

Thuirt Jamie Boyle, manaidsear Comann Dìon nan Eun anns na h-Uibhistean, “Far am b’ àbhaist na ceudan a bhith, chan eil air fhàgail ach ceithir fichead de na h-eòin fhireann. Tha sinn a-nis a’ toirt grantaichean do chroitearan son gun cuir iad pìosan arbhair a bhios iad a’ gearradh ’s a’ cur don chruaich leis na seann mhodhan obrachaidh. A bharrachd air a-sin tha sinn a’ sgaoileadh sìol coirce ’s eòrna ann an àiteachan a bhios na gealagan buachair a’ cleachdadh.”

Tha sinn uile an dòchas gun tèid cho math leis an eun bheag seo ’s a chaidh leis an traon. Aig toiseach nan 90an cha robh air fhàgail anns na h-Eileanan an-Iar ach 250 de na h-eòin fhireann. Am-bliadhna chunntais iad còrr agus 500.

Tormod E Dòmhnallach


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Wednesday 22 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 13 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: North west

Tomorrow

Light showers

Light showers

Temperature: 5 C to 10 C

Wind Speed: 24 mph

Wind direction: North west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.

 
build v 1.1