Gelic: A’ faighinn ann ’s a’ faighinn air ais
CIAN. Fad ás. Fada air falbh. A-mach ás an rathad. Sann mu dheidhinn dè rathad air a bheil thu bruidhinn a tha sin ’nam bheachd-sa, oir bidh àitean a tha iomallach do chuid, agus ionadail do chuid eile.
Ach chan eil e gu diofar ciamar a chanar e, tha Eilean Chola astar math air falbh bho phrìomh bhailtean na h-Alba. Tha an t-Òban fhèin, am baile meadhanach mòr as fhaisg’ air làimh, mu thrì uairean a thìde air falbh air a’ bhàt’-aisig.
Do dhuine a tha a’ fuireach air an “iomall” san t-seadh seo, tha ceanglaichean còmhdhail cudromach gus faighinn air falbh air làithean saora, mar eisimpleir, ’s nas cudromaiche buileach gus faighinn dhan sgoil no dhan àit’-obrach, ach ’s iad a tha riatanach fhèin nuair a dh’fheumar seirbheisean meadaigeach air tir-mòr a chleachdadh.
Nuair a bhios suidheachadh meadaigeach èiginneach ann an Cola, thig carbad-eiridinn adhair gu math frogail. Ma tha suidheachadh ann nach eil buileach cho èiginneach, faodar an turas adhair eadar Cola ’s an t-Òban a chleachdadh gu furasta. Feumaidh mi aideachadh gun do chuir e iongnadh mòr orm gu bheil port-adhair air an eilean.Ged a tha e beag bìodach tha e ann, ’s tha na seirbheisean aige a’ frithealadh port-adhair an Òbain agus port-adhair Thiriodh.
Tha an companaidh Hebridean Air Services a-nis a’ ruith an turas adhair seo, le taic maoineachaidh bho Chomhairle Earra-Ghaidheal ’s Bhòid, as dèidh do Highland Airways a dhol forianachd ann an 2010. Gheibhear faraidhean cho ìosal ri £15 eadar Tiriodh agus Cola, ’s £40 eadar Cola ’s an t-Òban.
Ged a tha muinntir an eilein taingeil son nan ceanglaichean adhair aca, se briseadh-dùil a th’ ann do phàrantan aig a bheil clann a dh’fheumas a bhith aig àrdsgoiltean air tir-mòr. Nuair a chaidh am port-adhair fhosgladh o chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh seirbheis a ghealltainn a bheireadh clann Àrdsgoil an Òbain air ais dhan eilean fad an deireadh sheachdain. Cha do mhair seo fada ge-tà, ’s an-diugh chan urrainn dhaibh tighinn dhachaigh ach air son nas lugha na 24 uair a thìde air oidhche Shathairne a-mhàin.
Cha bhiodh an dearbh thrioblaid aig na daoine aig a bheil heilicoptairean prìobhaideach ge-tà, seach gum faod iad seo laighe air helipad air beulaibh Taigh Òsta Chola. Ged nach fhaca ’s nach cuala mi sgeul air heilicoptair sam bith fad mo thurais, se samhla tha seo air an t-seòrsa dhaoine beartach a bhios a’ tighinn dhan eilean bho àm gu àm. Nuair a thig a’ Bhanaphrionnsa Anna ge-tà, coltach ris a’ chuid as motha de luchd-tadhail ’s de luchd-turais, se am bàt’-aisig a ghabhas i.
Se CalMac, ma-thà, a tha a’ ruith a’ cheangail chòmhdhail as cudromaiche ’s as trainge. Bhon acair aca aig cidhe an Òbain, bidh bàtaichean ChalMac a’ frithealadh Cola le bhith a’ stad air an t-slighe gu àite eile – Tiriodh no Barraigh mar eisimpleir.
Thòisich an sgeama Cosgais Co-Ionann ri Rathad no RET bho chionn beagan bhliadhnaichean. Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil 31 ás a’ cheud a bharrachd de luchd-siubhail air na seirbheisean RET a chleachdadh. Tha muinntir an eilein ag ràdh nach eil teagamh ann gur ann suas a chaidh an àireamh de luchd-cleachdaidh nam bàtaichean, ach seach gun robh iadsan a’ faighinn prìsean sònraichte mar-thà, nach eil RET air cus eileanaich a bharrachd a bhrosnachadh gus am bàta a chleachdadh.Ach le bhith tàladh barrachd luchd-siubhail dhan eilean, tha an gnìomhachas turasachd agus gnìomhachasan ionadail eile air buannachd fhaicinn.
Thug Emma Ghrannd, 44, pàirt de h-òigridh ann an Cola agus ghluais i air ais làn-ùine ann an 1999 leis an duin’ aice, ’s iad ag amas air teaghlach a thogail. An-diugh tha i ’na màthair ’s ’na h-oifigear leasachaidh aig ionad ùr na coimhearsneachd, An Cridhe.
Ge b’e cà ’n tèid thu chan eil cus chuspairean nas connspaidiche ann an sgìrean iomallach na h-Alba na prìs connaidh, ’s chan eil Cola eadar-dhealaichte. Nuair a bha mi fhìn ann san Iuchar, bha dìosal suas ri £1.71 an liotar agus peatral àbhaisteach aig £1.67 an liotar! Cha chluinnear cus gearain bhuamsa a-rithist as dèidh dhomh prìsean connaidh air Eilean Chola fhaicinn – is mì a bha taingeil gun do dh’fhàg mi an càr anns an Òban.
Ach gheibh eileanaich ghlice timcheall air cnapan-starra nuair a dh’fheumas iad. Nuair a nì Emma ’s a teaghlach sgrìob gu tir-mòr, coltach ri tòrr Cholach ris an do bhruidhinn mi, bidh i a’ lìonadh tanc’ a’ chàr cho làn ri ugh le connadh saor (!) á tir-mòr. Sann san dòigh seo, ’s le bhith ceannach tòrr mòr bidhe, dibhe ’s rudan riatanach eile, a shabhaileas iad gu leòr airgead gus cosgaisean an turais a lughdachadh.
Air ais air an eilean, tha cuid ag ràdh nach eil rathaidean an àite cho math ’s a dh’fhaodadh iad a bhith. Chaidh tòrr obrach a dhèanamh air rathaidean a’ chinn siar mus do dh’fhosgail am port-adhair, ’s bidh muinntir a’ chinn sear a’ gearain nach do rinneadh an aon leasachadh dhaibhsan. Cha chluinnear cus ag iarraidh air a’ Chomhairle na rathaidean a leudachadh gu bhith dùbailte, ach bu toigh leis a’ chuid as motha de Cholaich gun tig piseach air choreigin orr’ ann an ùine nach bi ro fhada.
Tha a’ Chomhairle, air a bheil mar dhleastanas rathaidean an eilein a chàradh, ag ràdh nach eil an t-airgead ann an-dràsta idir son rathaidean cho iomallach a leasachadh. Ge b’e dè cho “ás an rathad” ’s a tha an rathad aca fhèin, tha cuid ag ràdh gu bheil daoine fad ás a-cheart cho airidh air seirbheisean poblach ’s a tha iadsan a tha a’ fuireach ann an teis-meadhan nam bailtean as motha.
Tha na Colaich an dòchas gun aontaich a’ Chomhairle leothasan aon latha a dh’aithghearr.
daibhidhseumas@yahoo.ca
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Saturday 25 May 2013
Today
Sunny
Temperature: 5 C to 17 C
Wind Speed: 13 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 8 C to 17 C
Wind Speed: 14 mph
Wind direction: West
