Gaelic: Is iomadh càraid a choinnich aig a’ bhogsa dhearg
THA a’ fòn làimhe a’ sìor fhàs nas lugha, nas aotruime agus nas cumhachdaiche. Cha mhòr nach dean i rud sam bith. Togaidh i dealbh, cuiridh i bhidio ri chèile, bheir i fios air cuspair sam bith, agus craolaidh i prògraman TBh.
Chan ann mar sin a bhà. Tha cuimhne agam anns na caogadan nach robh fòn san taigh ach aig corra theaghlach. Fhuair m’ athair a’ chiad tè anns a’ bhaile, ’s bhiodh mòran ga cleachdadh.
An sin thàinig na bogsaichean dearga, na kiosks, a bh’ air an suidheachadh ann an àiteachan sònraichte, mar chrois rathaid neo lùbadh rathaid, anns gach baile. Bha iad dearg, furasta am faicinn, ’s bhiodhte gan cur gu feum chan ann a-mhain son fònadh. Is iomadh càraid a choinnich aig a’ bhogsa agus is iomadh neach, a’ feitheamh bus, a fhuair fasgadh bhon droch shìde.
Chan eil mòran feum orra an-diugh, leis mar a tha fònaichean làimhe cho lìonmhor, ach faodaidh a’ choimhearsnachd fhèin an ceannach air son £1 agus am fàgail far a bheil iad.
Ann an Cille Mhoire anns an Eilean Dubh, baile beag le nas lugha na ceud neach, tha bogsa fòn. Chuir BT sanas ’na bhroinn ag ràdh gun robh iad a’ dol ga thogail air falbh. Seach nach eilear ga chleachdadh chan fhaca duine an sanas! Fhuaras ròs gun robh crann-togail a’ tighinn ga iarraidh, ach nuair a ràinig e bha am bogsa air a chuartachadh le càraichean agus le muinntir a’ bhaile. Thug an dràibhear a chasan leis agus tha am bogsa a’ dol a dh’fhuireach far a bheil e. Thuirt Iain Hill, a tha a’ còmhnaidh sa bhaile: “Cha bhiodh Cille Mhoire ach a’ coimhead lom ás aonais. Tha e mar chomharra-stiùiridh. Is math gu bheil e a’ fuireach.”
Tormod E Dòmhnallach
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Tuesday 21 May 2013
Today
Sunny spells
Temperature: 7 C to 17 C
Wind Speed: 13 mph
Wind direction: North west
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 3 C to 12 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: West
