DCSIMG
SWTS.news.image.e

Gaelic: Caitheamh spitheagan

THA cuimhne agam, agus gun na gillean ach òg, a bhith a’ dol dhachaigh air saor-làithean mus tàinig na drochaidean. B’ eudar dhuinn stad fad uair an uaireadair aig Baile a’ Chaolais a’ feitheamh ris an aiseag.

Chòrd sin ris na gillean oir bha iad glè an-fhoiseil agus iad fo ghlais ann an cùl càr beag. Bha latha geal grianach ann agus bha sinn uile, an còignear againn, mì-chofhartail.

Rinn na gillean air a’ chladach, a bha gu math creagach, agus thòisich iad air caitheamh clachan a-mach air a’ mhuir. Bha sinn ann an ciudha agus cha robh an gluasad ach mall, oir cha toireadh am bàt’-aiseag leatha ach sia càraichean.

Eadar gluasadan chaidh mi sìos agus sheall mi dhaibh mar a chaitheadh iad spitheagan. Is ann a thòisich iad air farpais, agus is iad a bha air an dòigh.

Cha chreid mi gun robh co-fharpais caitheamh spitheag aig na h-Olimpigean am-bliadhna, ach is dòcha gum bi an ath turas.

Bho chionn grunn bhliadhnachan tha co-fharpais caitheamh spitheag air a bhith air a cumail ann an Eilean Èisdeal. Thòisich e am measg nan eileanach a-mhàin, ach chaidh a cliù fad agus farsaing agus a-nis tha co-fharpais Caitheamh Spitheagan na Cruinne air a cumail ann an seann chuairidh sglèat air an eilean gach Sultain.

Bhuainnich Ailean Laycock, 19, a tha air a bhith a’ còmhnaidh air an eilean bho bha e aois trì bliadhna, a’ cho-fharpais grunn thursan. Thuirt e, “Tha iad a-nis a’ tighinn ’nan sruth agus an-uiridh chuir a’ cho-fharpais còrr agus sia mìle nota ris a’ choimhearsnachd bheag againn.”

Thèid a’ cho-fharpais air aghaidh Di-Dòmhnaich ged a bha an t-uachdaran, Jonathan Feigenbaum, a’ fiachainn ri bacadh a chur oirre.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Tuesday 21 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 7 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: North west

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 12 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.