DCSIMG
SWTS.news.image.e

Gaelic: Bho Knapper’s Yard gu Lios a’ Chnapaire?

THug mi an aire gu bheil Seon­aidh Ailig Mac a’ Phearsain a’ toirt tuilleadh shlaicean air gnìomh­achas an eadar-theang­achaidh san fhéin-eachdraidh-beatha aige Steall à Iomadh Lòn.

“’S e bhith ’g eadar-theangachadh smodail gu tuilleadh sgudail rud nach dèan feum do chànan sam bith,” tha e ’g ràdh. “Ma nì e dad idir ’s e cron.”

Gu fortanach tha e a’ mìneachadh “smodal” mar “aithisgean bliadhnail”! Mar thuirt mi an-seo roimhe, tha mi ag aontachadh ris gu bheil cor a’ ghnìomhach­ais ’na imcheist, ach tha mi ga cheangal ri cor na Gàidhlig. Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith beò, feumar fuasgladh a lorg do chor cugallach an eadar-theangachaidh.

Mar sin, tha mi toilichte gun do laigh eisimpleir air leth inn­t­inneach de dh’obair a’ ghnìomh­achais air an deasg agam son a léirmheasadh, dà leagan dhen leabh­ran ghrinn a gheibh thu nuair théid thu dhan taigh-tasg­aidh ann am Bail’ Ùr an t-Sléibhe: fear Beurla, Highland Folk Mus­eum, anns a bheil na prìomh thiot­alan air gach duilleig san dà chànain, agus fear a tha gu tur ann an Gàidhlig, Taigh-Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd.

Nise chan e an t-amas agam an-seo a bhith faotainn coire ach a bhith beachdachadh: ciamar a ghabhas rudan mar seo a dhèanamh nas fheàrr? Oir chan eil teagamh nach e “eadar-theang­ais” seach “Gàidhlig” a chanadh cuid ri móran den chainnt a tha ri fhaotainn annta.

Ach tha seòrsa de leus a’ tigh­inn thugam nuair a laigheas mo shùil air td 19 san dà leabhar. Anns a’ chiad leagan se tiotal na duilleig “The Knapper’s Yard / Togalach Luchd-obrach”. Anns an dàrna fear se ’n tiotal “Gàrradh Fear-leasachaidh an Rath­aid”. Tha e follaiseach gun d’fhàs a’ Ghàidhlig na b’ fheàrr eadar an dà leagan. ’S tha e bualadh orm: saoil a bheil “eadar-theangais” ’na ceum riatanach san obair? A bheil sinn ag iarraidh cus air ar n-eadar-theangairean òga ann a bhith a’ dol bho Bheurla ghrinn gu Gàidhlig ghrinn – bho Knapper’s Yard gu Lios a’ Chnapaire, can – anns an aon leum?

Tha na leabhrain a’ cosg £2.50 am fear on Highland Folk Mus­eum, Bail’ Ùr an t-Sléibhe.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Friday 24 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 13 C

Wind Speed: 20 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 7 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.