DCSIMG
SWTS.news.image.e

Eadar-theangachadh: car son a tha sinn ga dhèanamh?

THUIRT mi beagan an-seo mar-thà mu The Norse Mills of Lewis aig Finlay MacLeod (Acair, £15). Laigh Muilnean Beaga Leòdhais (Acair, £15) air an deasg agam cuideachd a-nis: an aon leabhar mór brèagha còmhdaich-cruaidh, làn de na h-aon dhealbhan daithte 's mono, ach ann an cànan eile. Mar sin, tha mi a' dol a ghabhail a' chothrom air rudeigin a ràdh mu eadar-theangachadh.

Se promh riaghailt an eadar-theangachaidh phrofeiseanta: "Bu chir gach fios anns a' chnain tsail a bhith sa chnain targaid cuideachd. Ach faodaidh cruth agus rdan nam facal, agus structar nan rosgrannan, a bhith diofraichte."

Tha an drna riaghailt a' buntainn ri deagh Ghidhlig. "Air cho bochd 's gum bi a' chainnt sa chnain tsail, bu chir an litreachas as fherr sa chnain targaid a bhith an sil inntinn an eadar-theangair. Se 'n t-amas gum bi an t-eadar-theangachadh nas fherr 's nas fhasa a thuigsinn na an teacsa tsail. Cha bu chir gum bi aig an leughadair ri bhith elach air a' chnain tsail mun tuig e an teacsa sa chnain targaid."

Tha siud a' diligeadh ris a' cheist: "San t-saoghal dh-chnanach againne, c air a tha eadar-theangachadh Gidhlig ag amas co-dhi?" Se an fhreagairt: "Orrasan tha deagh-ionnsaichte ann an Gidhlig, a tha meadhanach elach air cainnt a' Bhobaill, 's a tha a' gabhail idh fharsaing ann an rain, seanchas, leabhraichean saoghalta, reidio agus TBh, ach gu snraichte leabhraichean – am meadhan sgrobhte."

Thinig eisimpleir dheth seo gu m' aire o chionn ghoirid. Ma dh'fheumas sinn aon fhacal air future, d bu chir a bhith ann? m-ri-teachd? Crannchur? Chanadh cuid gu bheil m-ri-teachd a' bristeadh Riaghailt 2. Chanadh cuid eile gun deach an seann fhacal crannchur a ghoid a-nis leis an Lotaraidh Niseanta agus nach bu chir a ghabhail air dad sam bith eile tuilleadh.

'Na mo cheann fhn, chan eil ann an "crannchur" ach mar a chuirear neo a thuiteas na crainn ann an cluiche – sr mheatafor son an m ri teachd, 's chan eil mi a' faicinn argamaid 'na aghaidh den t-sers' a chuala mi mu "taisbeanadh" air exhibition – gun cuir e eagal orrasan a tha elach air Leabhar an Taisbeanaidh.

Tha gach eadar-theangachadh 'na chothromachadh. Tha feum, a rir Riaghailt 1, air soilleireachd. Gabh exploratory research ma-t. A rir nam faclairean, d Ghidhlig a th' air explore? "Rannsaich." 'S d Ghidhlig a th' air research? "Rannsachadh." Tha sinn a' danamh cus feum de na h-aon fhacail. Mar sin: "rannsachadh splrach"?

Bu chir deasbad a bhith ann air rudan mar seo. Sin far a bheil Muilnean Beaga Ledhais agus The Norse Mills of Lewis a' tighinn a-steach. Oir ma tha an custamair denach, faodar Riaghailt 1 atharrachadh rud beag air sgth Riaghailt 2 a choileanadh. Chaidh an d leabhar seo a sgrobhadh leis an aon duine – mar sin, tha iad a' sealltainn d ghabhas danamh ma tha ln cho-obrachadh ann! Tha fiosrachadh san dara fear nach eil san fhear eile, leithid seo, air thuaiream, s a' ghazeteer:

4.11 Muileann Tranol. This one is furthest downstream of the mills on Abhainn Shiadair that are south of the main road. It is next to a fank and sheep-dip and there is a broken part of a millstone in the wall of the fank – an upper millstone with a fragment of a rynd-bed and grooves, with an embossed neck. Not much is to be seen on the site apart from a turfed hummock with a hollow at its centre. A lade, 80 yards long, comes into it from the east. Local crofters remember it being in use until the time of WW2, and it was called Muileann Tranol. Cnoc Tranol is a hill to the south of it.

4.11 Muileann Tranol. Gheibhear i seo ri taobh faing is amar-dubaidh 's tha bloigh cloich-muilne an grradh na fainge: clach-uarach le bloigh de leabaidh an duail agus cladhan, le amhach rd oirre. Chan eil mran air fhgail ach tulach gorm le slag na mheadhan. Tha dam 80 slat a' tighinn thuice bhon ear, le tuil-dhoras gu tuath. Tha cuimhne air daoine a bhith dol thuice seo suas gu faisg air m an Drna Cogaidh. Tha Cnoc Tranol an iar oirre, 's chanadh cuid Muileann Tranol rithe.

Chanadh cuid nach e eadar-theangachadh a tha sa cheist an-seo idir ach d leabhar air leth. Biodh sin mar a bhitheas, bu toil leamsa tuilleadh eadar-theangachaidhean fhaicinn far a bheil Riaghailt 1 air a lbadh le cead a' chustamair 's far a bheil a' Ghidhlig cho ndarra, cho sibhlach agus cho sgiobalta 's a tha i ann am Muilnean Beaga Ledhais.

'N aithne dhuibh na leabhraichean ud Old X, leithid Old South Uist aig Bill Innes? Seo a-nist leabhar Gidhlig air an aon t-sersa dreach, Crodh Gidhealach gu Ler! (Busdubh Books, 7.99). Chaidh eadar-theangachadh o Highland Cattle Galore le na F Cochrane.

Tha e follaiseach gu bheil an dearbh shersa gaoil aig Cochrane do chrodh Gaidhealach 's a th' aig, can, Dmhnall Meek do bhtaichean Mhic a' Bhriuthainn. Tha i a' nochdadh dcheall thar tomhais ann a bhith cruinneachadh 's a' taisbeanadh dealbhan de gach sersa: obair camara sean agus r (daithte 's mono), peantaidhean ola, cairtean puist, sanasan reice, cartunaichean.

Tha an leabhar pacte le fios ann an ceithir pirtean: feartan nam beathaichean seo; measgan de dh'elas stidhte air "cmhraidhean (quotes?] bhon mhac-meanmna am beul Dhmhnaill dh-chnanaich Mhicrain is a theaghlaich Srath Cruidh eadar 1815 is 2005"; caibideal luachar air drbhaireachd 's filltean cruidh de gach sersa tro na linntean (se seo as inntinniche); sgrdadh sunndach air a' cheangal eadar crodh Gaidhealach 's turasachd mar chithear ann an dealbhan. Se neartan an leabhair na dealbhan agus elas an ghdair mu'n deidhinn; se 'n laigse a' Ghidhlig. Oir chan eil e buileach ann an Gidhlig idir ach ann an cnan eile a tha ri fhaotainn tric an-diugh 's ris an can mise "Eadartheangachais". Se sin, cainnt eadar-theangaichte bho X gu Y nach gabh a thuigsinn mur eil X agad cho math ri Y, leithid: "Tha an leabhar seo a' comharrachadh gn de chrodh dachaigheil." An e seo "This book celebrates a breed of domestic cattle"?

Chan eil mi faotainn coire do dh'na Cochrane neo do Bhusdubh oir se an siostam a tha cerr. Chunna mi e a' tachairt iomadh uair. Tha cnap Beurla ri eadar-theangachadh gu Gidhlig. Mas e quantum physics a th' ann, neo rud eile sam bith nach eil a' buntainn ri cultar no cnan, chan eil ann ach faclan 's mar thid an cur ri chile. Smplidh.

Gu m-fhortanach chan e quantum physicist a th' ann an na Cochrane ach t aig a bheil idh sa Ghidhlig. Bha i aig a mthair. Phigh i fhin cosgais an eadar-theangachaidh 's tha i ag innse dhomh gu bheil an leabhar Gidhlig diofraichte on fhear Bheurla. Tha tuilleadh dhealbhan ann agus duilleag air "cuspairean deasbaid".

Ann an suidheachadh mar seo chan e eadar-theangachadh litireil tha dhth ach co-obrachadh. Ma tha eadar-theangachadh air a dhanamh ceart tha e nas fherr na an ts. Ma tha fios aig an fhoillsichear on toiseach gum bi tionndadh Gidhlig ann, bu chir luchd na Gidhlig a bhith an ss mus bi an teacsa Beurla deiseil.

Bu chir an uair sin d roghainn a bhith aig an neach a phigheas. Feumaidh ghdarras a bhith aig an eadar-theangair an teacs a ghiorrachadh mar ch e iomchaidh, neo coluadar a bhith eadar e fhin 's an t-ghdar gus am bi an teacsa ceart.

Dh'fhaodte gum bi na roghainnean sin cosgail. Ach tha leithid na Cochrane airidh air fios a bhith aca d chosgas (1) droch eadar-theangachadh litireil, (2) giorrachadh gu ireamh aontaichte fhaclan, (3) ln tionndadh Gidhlig. Siud profeiseantachd.

Gheibhear Crodh Gidhealach gu Ler! bho Stenlake Publishing (www.stenlake.co.uk) no Chomhairle nan Leabhraichean.


Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Sunday 27 May 2012

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 10 C to 22 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 9 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.