'Cuir' mi ás an fhearann thu'
Tha facal aig mo bhean 's a daoine an Éirinn, passremarkable. Tha e ciallachadh "breithneachail". Their thu e ri duine tha toirt beachd nuair b' fheàrr dha bhith sàmhach.
Seo leabhar r gasta leis an ghdar as passremarkable a th' againn, John MacLeod, None Dare Oppose: The Laird, the Beast and the People of Lewis (Birlinn, cmhdach cruaidh, 16.99).
Ged nach eil an tiotal ga dhanamh soilleir, 's ged a tha e fada gun tiseachadh, tha None Dare Oppose 'na sgrdadh air beatha aon duine: Dmhnall Rothach (c.1811–90), fear-lagha beag Baile Dhthaich a bha 'na phrocadair fiscal ann an Sternabhagh bho 1841 gu 1874 agus 'na shiamarlan air oighreachd Ledhais bho 1854 gu 1875. Chruinnich e iomadh dreuchd phoblach eile – fear-cathrach air bird sgoile mar eisimpleir. Aig deireadh a latha, nuair chaill e an cumhachd seo uile air beatha nan daoine, bhiodh balaich Sternabhaigh ga leantainn tro na sridean ag ibheach na facail a chleachd e fhin ri iomadh croitear 'na r, ann an Gidhlig Taobh Sear Rois: "Cuir' mi s an fhearann thu!"
Ged a tha an stiridh air fad uabhasach inntinneach, gu snraichte do Ledhasaich agus do luchd-lagha, chan eil mi riaraichte gu bheil am mneachadh ceart aig an ghdar air an Rothach. Tha e faighneachd car son a rinn e na rinn e, a' co-dhnadh nach b'ann air son airgid, 's a' teicheadh gu cainnt an diadhaire: "Island believers often talk, with the Apostle Paul, of those 'given over' to sin – some, such as those destroyed by the bottle, to the merciless consequence of a particular vice; but some (and you could still find one or two instances in most little communities, in a Lewis township or anywhere else) simply to sin itself."
Mar sin, tha MacLeid a' feuchainn ri dealbh den duine a thoirt dhuinn mar an t-bharsair fhin, an Stan, "Bist" an tiotail aige. An n a tha dol seachad air, saoilidh mi, se gun robh addiction aig an Rothach a tha, is dcha, cho cumanta ris a' bhotal. Tha deagh fhacal Greugach air, megalomania. Ged a tha MacLeid math le faclan chan eil cuimhn' agam gun do chleachd e aon uair e bho thoiseach gu deireadh an leabhair. Bha an Rothach den dream mhallaichte ud a bhios a' smcadh cumhachd, ag l cumhachd, a' gabhail cumhachd mar gum b' ann le snthaid. Bha comataidh r dhsan mar bhotal ruma do dh'fheadhainn eile. Comharradh cinnteach air megalomania b'e mar bhiodh e ag atharrachadh mhionaidean choinneamhan a rir a thoil fhin. Stan? Cha b'. Duine cunnartach? B'. Duine tinn? B'.
Saoilidh mi fhn gum bu chir tiotal mar A Study in Power: The Rise and Fall of Donald Munro a bhith air an leabhar. Ach feumar aideachadh gu bheil trr nas motha na esan ann. Cha mhr nach eil e 'na eachdraidh Ledhais o bhliadhna nan con gu 1875. Agus abair gu bheil stoidhle lidir shibhlach aig MacLeid, loma-ln colloquialisms ("great-grand pappy"), anachronisms ("the mission of the Fife Adventurers was a ... car-crash"), parentheses (faic shuas). Oh, agus passremarkability ("the old fool").
TAING do dh dheasaiche bhethail, Colm Baoill agus Nancy McGuire, tha Scottish Gaelic Studies a' tighinn a-mach cho luath an-drsta 's nach eil e furasta cumail suas ris. Seo a-nist ireamhan 26 (Samhradh 2010) agus 27 (Geamhradh 2010), 12.50 am fear bho Oilthigh Obar Dheathain.
Tha SGS air a bhith dol bho 1926 – an dearbh bhliadhna a thisich a' Ghidhlig againne! – agus ann an ir. 26 tha an soirbheachas seo air a chomharradh le ln liosta de na h-airtigealan a nochd ann an irr. 1–25, air an rangachadh a rir ghdair.
Am measg na ghlac mo shil ann an ir. 26 tha pos aig Axel Khler mun t-seann sgeulachd "Seachd Saoidhean na Rimhe" agus mun bhuaidh a bh' aice air sgeulachdan nas aithnichte mar "Billidh Lunnainn" agus "An Gille Carach". Tha Keith Sanger a' toirt dhuinn litir a sgrobh am fear-ciil ainmeil Pdraig MacDhmhnaill (ministear Chille Mhoire an Earra-Ghaidheal) ann an 1808. Agus ann an ir. 27, tha Mcheal Newton ag innse dhuinn mu lmh-sgrobhainn Ceap Breatainn anns a bheil ran le sagart do Mhac Shimidh a chaidh a dhcheannadh ann an 1747.
Tha cuimhne an-diugh air an t-Siorram Alastair MacNeacail (1827–93) mar am fear a thug ainm do Sgrr Alasdair sa Chuiltheann, a shuidh air Comisean Napier, agus a rinn leabhar mr sheanfhacal a tha ri fhaotainn fhathast. Tha Bernhard Maier a-mach air a bheatha ann an ir. 26 agus air an leabhar ann an ir. 27.
Se am pos rannsachaidh as tarraingiche anns an d irimh "Ideologies and Experiences of Literacy in Interactions between Adult Gaelic Learners and First-Language Gaelic Speakers" le Emily McEwan-Fujita. Ma tha thu an ss idir ann an leasachadh na Gidhlig, bu chir dhut a leughadh. Le ideologies tha i a' ciallachadh a' Ghidhlig fhaicinn 'na cnan aontaichte sgrobhte neo 'na cnan a tha freumhaichte ann an cainnt bheil na dachaigh. Bidh dil aig an neach-ionnsachaidh gum bi a' chiad shersa aig luchd Gidhlig ach mar as trice chan eil ach an drna. Mar sin tha bern eatarra, agus m-thuigse a tha dol 'na gamhlas uaireannan.. An dara cuid tha thu a' brath na Gidhlig no tha thu ga claonadh.
Tha seo gam thoirt gu d airtigeal mu dheireadh. Ann an ir. 26 tha Michelle NicLeid a-mach air codaichean cianalais ann am brdachd Ghidhlig. Tha e follaiseach gum buin NicLeid do thaobh tradiseanta na bern ud, oir ged a tha i sgrobhadh ann am Beurla tha i toirt seachad bloighean brdachd ann an Gidhlig a-mhin. Agus ann an ir. 27 tha tuilleadh aig Kerry Cardell agus Cliff Cummin san t-sreath inntinneach aca "Gaelic Voices from Australia". Tha e follaiseach gu bheil iadsan bho thaobh eile na bern, oir nuair thogas iad rud iris Ghidhlig Astrilianach tha iad ga thoirt dhuinn cmhla ri eadar-theangachadh Beurla. Gu m-fhortanach chan eil na h-eadar-theangachaidhean aca math idir – mar eisimpleir, tha iad a' m-thuigsinn "deasaiche" mar countryman.
Stannardan, stannardan . . .
Boinne ann am beul na gaoithe
Tha ceannard r aig Al Qaeda, Dr Ayman al-Zawahiri.
Chumadh cuirm mhr chuimhneachaidh do dh'Iseabail NicAsgaill nach maireann ann an Inbhir Nis oidhch' Ardaoin.
Dh'fhosgail Dachaigh Chlann Dmhnaill taigh-stir sthne ann an Armadal (Slite).
Tha Scottish Power an dil tuathanas gaoithe air leth mr a thogail far costa irinn cmhla ri companaidh cumhachd na Danmhairg, DONG. Thid a' chuid as motha dheth a thogail ann an Caladh Bheul Feirste. Thathas a' cumail a-mach gur as adhbhar do na prsean troma a tha iad a' leagail air taighean agus teaghlaichean ann an Alba.
Tha Urras na Pirce agus an t-uachdaran, Mgr Barry Lomas, air an aon rmh an turas seo. Tha iad le chile feargach ri Riaghaltas na h-Alba air son dil a chur san obair luachaidh air an oighreachd. Seo cho fada 's a tha an t-aonta eatarra a' dol ge-t, oir tha an t-Urras am beachd gur e an t-uachdaran as motha a tha a' buannachd s a' mhirneal.
Dh'fhaodadh coitheanal Sternabhaigh bhtadh gus dealachadh ri Eaglais na h-Alba air muin ceist nam ministearan gidh ann an taghadh domhair a bhios aca air 28mh gmhios.
Tha co-labhairt air beatha 's obair Shomhairle MhicGill-Eain a' tighinn gu crch an-diugh ann an Sabhal Mr Ostaig.
- Family mourn death of Glasgow ‘fight’ schoolboy
- Rangers takeover: Duff & Phelps threaten legal action against BBC
- Today’s youth not fit to be employed, says car firm Arnold Clark
- Rangers administration: Fans fear Duff & Phelps claims could scare off Green
- Rangers takeover: triple penalty punishment enough, says Johnston
- Alistair Darling leads ‘No to independence’ fight over tea and biscuits
- Scottish independence: SNP flip-flops over Nato
- Scottish Independence: SNP ‘won’t be Yes campaign’s only voice’
- Scottish independence: Alex Salmond’s pledge to sign up 1m voters
- Today’s youth not fit to be employed, says car firm Arnold Clark
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Sunday 27 May 2012
Today
Sunny
Temperature: 11 C to 21 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east
Tomorrow
Sunny
Temperature: 9 C to 21 C
Wind Speed: 12 mph
Wind direction: North east

