DCSIMG
SWTS.news.image.e

Cnòideart: cnag na cùise, se cinnt

IS dòcha gur e a’ cheist a b’ fheàrr a bu chòir dhuinn faighneachd mu iomairt ùr an fhearainn: co ris a bhiodh cùisean coltach mur b’e an iomairt sin? Dè bhiodh air tachairt mura robh croitearan As­aint air a’ bheachd ghòrach (a rèir gu leòr de dhaoine a bha cur sìos orra aig an àm) a ghabh­ail ’nan ceann sealbh fhaighinn air an oighreachd? Co ris a bhiodh Eige coltach an-diugh, Giogha, na Hearadh, Uibhist a-Deas?

Se an fhreagairt, mar bu thrice, gum biodh cùisean gu math coltach ris mar a bhà iad, no nas miosa. Mura b’e ’s gun d’fhuair coimhearsnachdan sealbh air an fhearann sna h-àiteachan sin, cha bhiodh guth air misneachd, fàs, cothroman ’s gu leòr eile. Uair­eannan tha e furasta dìochuimhneachadh cho truagh ’s a bha cor gu leòr de na sgìrean sin mus do thionndaidh cuibhl’ an fhortain.

Nuair thig e gu Cnòideart, a tha an teis-meadhan nan GarbhChrìochan, tha an eachdraidh mar a bha ann an iomadh ceàrn­aidh eile de cheann a-tuath na dùthcha. Ri linn nam fuadaich­ean chaidh na daoine a sguabadh far an fhearainn dhùthchasaich aca agus fo dhroch stiùir cuid a dh’uachdarain, leithid am Mor­air Brocket, lean an crìonadh gun mhòran abhsaidh. Thàinig
e chun na h-ìre ’s gun robh bho chionn 12 bliadhna mu 70 duine ann an sgìre far an robh suas ri 1,000 a’ fuireach aig aon àm.

Fhuair muinntir Chnòideart sealbh air 16,500 acair de dh’fhear­ann ann an 1999, agus thug sin buaidh cha mhòr san spot, mar a tha am manaidsear leasachaidh aig “Stèidheachd Chnòideart”,
Angela Williams, a’ mìneachadh: “Bha fhios aig daoine gun robh cùisean gu bhith nas cinntiche, cha leigeadh iad a leas dragh a ghabhail mu cò an ath uachdar­an a bha gu bhith ann. Bhà, agus thà, daoine a’ faireachdainn gum faod iad airgead a chosg air na gnìomhachasan aca le cinnt. Cuid­eachd, leis a’ chinnt sin tha teaghlaichean a’ faireachdainn gum faod iad dachaigh a dhèanamh an seo.”

Ri linn barrachd cinnt agus misneachd, thàinig barrachd dhaoine a dh’fhuireach ann an Cnòideart. Tha a-nis mu 115 ann eadar na diofar bhailtean beaga. Agus cha b’ ann dìreach air an àireamh sluaigh a thàinig piseach, ach air an econamaidh ’s air taighean ’s air bun-structair. Tha Angela a’ mìneachadh: “Bho thòis­ich an Stèidheachd tha sinn air an sgeama hydro a dhèanamh suas agus a leasachadh, thog sinn trì taighean, tha sinn air taighean eile a chur air dòigh, tha sinn air na siostaman uisge
’s òtrachais againn a leasachadh, tha seirbheis againn le maor-dùthcha a-nis air son luchd turais, tha sinn air bann-leathann coimhearsnachd a chur an sàs fo stiùir na coimhearsnachd, rinn sinn obair leasachaidh air a’ bhunkhouse, tha sinn a’ toirt seachad fearann ’s toglaichean do ghnìomhachasan ionadail air mhàl, tha sinn a’ cumail smachd air na h-àireamhan fèidh, agus tha tòrr phròiseactan beaga a’ dol air adhart cuideachd.”

Tha a-nis naoinear a’ faighinn obair (pàirt-thìde sa chumantas) aig an Stèidheachd ’s na fo-chom­panaidhean aca, ’s tha na pròis­eactan a chuireadh air adhart thuige seo air buaidh nach beag a thoirt air a’ choimhearsnachd, a rèir Angela: “Chan eil teagamh ann nach tug an sgeama hydro buaidh mhòr air cùisean, oir tha dealan le cinnt aig daoine a-nis.

“Ach cuideachd, chuidich na taighean ùra a thog sinn ’s a chuir sinn air dòigh gu mòr. Ma choimheadas tu air econamaidh Chnòideart, tha grunn dhaoine ann le barrachd agus aon obair, ’s uaireannan chan eil am pàigh­eadh cho math air son feadhainn de na h-obraichean sin, agus tha feadhainn dhiubh dìreach ann air son an t-samhraidh. Mar sin tha e deatamach gum bi àiteachan-fuirich agus taighean againn aig prìs reusanta a fhreagras air daoine mar sin.”

Tha iad an dùil tuill­eadh leasachaidh a dhèanamh air an àite, mar a shaoileadh tu: “Tha fhath­ast taighean ann a bu thoil leinn a chur air dòigh, agus chòrdadh e rinn tuilleadh a dhèanamh leis a’ bhunkhouse, no fiùs fear ùr a thogail agus an seann fhear a chleachdadh son rudeigin eile. Agus feumaidh tu cuimhneachadh gum feum cuid­eigin a bhith ann gus na pròis­eactan a thòis­ich sinn mar-thà a stiùireadh.”

Tha e cho furasta dìreach gabh­ail ris mar a tha an uiread de dh’fhearann ann an làmhan choimhearsnachdan an-diugh, ’s mar a tha iad a’ soirbheachadh. Ach mar tha fhios aig muinntir Chnòideart ’s gu leòr eile, thug e iomadach bliadhna de spàirn ’s de dh’obair chruaidh mus do rinn iad adhartas agus mus fhaca iad an cruth-atharrachadh a bha dhìth. Mar a tha Angela ag ràdh: “Nuair a fhuair sinn sealbh air an oighreachd, bha stòrais againn air pàipear co-dhiù, ach leis an droch staid anns an robh iad, bha iad mar uallach oirnn.

“Cha robh càil ann a bha a’ dol a thoirt airgead dhuinn san spot, bha againn ri obair gu math
cruaidh gus sruthan-airgid a chruth­achadh. ’S gus an tach­radh sin, bha feum againn air tòrr taice agus cuideachaidh bhon choimh­earsnachd agus bho dhaoine a chuidich sinn gu saor-thoileach agus a thàinig bhon a h-uile ceàrnaidh.”

Geall gum biodh an seachdnar á Cnòideart a rinn strì air son còraichean fearainn as dèidh an Dàrna Cogaidh gu math toilichte leis mar a thug na daoine buaidh mu dheireadh thall.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Tuesday 21 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 6 C to 17 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 13 C

Wind Speed: 23 mph

Wind direction: North west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.