DCSIMG
SWTS.news.image.e

Clasaig ùr: na h-òrain mhóra aig Mairghread á Muile

CHAN ann a h-uile latha, neo fiùs bliadhna, a tha làn leabhar ùr againn o Chomann nan Teacs Gàidhlig, an Scottish Gaelic Texts Society. Tha na rinn iad den bhàrdachd aig Iain MacCodrum, Donnchadh Bàn agus Iain Lom, mar eisimpleir, 'nan clasaigean móra. Ach tha iad seo coltach ri carraighean cuimhne cloiche, a' coimhead sìos ás na h-àirdean air na deicheadan a thug gu bith iad: na 30an, na 50an, na 60an.

Seo a-nis clasaig ar deichead fhn: Colm Baoill, Mairghread Nighean Lachlainn: Song-Maker of Mull (ri fhaotainn o Chomhairle nan Leabhraichean, 25). Tha Baoill an cunnart gun tid carragh cuimhne cloiche suas dha fhin uaireigin, oir tha e 'na sgoilear dcheallach mionaideach, agus seo an treas leabhar a dheasaich e don Chomann, gun luaidh air teacsaichean a chuir e mach fo bhrataichean eile. Ach cha chrd cainnt mar siud ris, oir tha e 'na dhuine iriosal.

Tha sreath de dh'rain mhra san leabhar, cmhla ri ro-rdh susbainteach, eadar-theangachaidhean gu Beurla, notaichean, fuinn, agus n r – na h-rain mar a tha iad anns na lmh-sgrobhainnean. Tha seo a' gabhail ite nan liostaichean gun chroch de "dhiofar leughaidhean" a gheibhear ann an cuid a leabhraichean sgoilearach den t-sersa. Tha diofar leughaidhean o leabhraichean cl-bhuailte anns na notaichean.

Seach gu bheil an leabhar seo ghdarrasach – am facal mu dheireadh, bithear an dchas – tha e inntinneach faicinn ciamar a tha e diligeadh ris na ceistean as motha a bhuineas ris a' bhana-bhird chudromaich seo.

An toiseach, cuin a bha i be? Se an fhreagairt "c. 1660 gu post 1749". Ach se gl bheag fios a th' againn air a beatha.

An uair sin, an robh i 'na Leathanach no 'na Dmhnallach? Bha seo 'na adhbhar connspaid uaireigin. A rir Baoill ma-th, chan eil fianais mhath ann gum buineadh i do Chlann Dmhnaill air taobh seach taobh.

Cia mheud dn a th' againn uaipe? Tha Iain MacCoinnich, a dheasaich Sr Obair nam Brd ann an 1841, a' cumail a-mach gum fac' e 25 dhiubh sgrobhte. Ma chunnaic, tha trr air chall, oir chan eil aig Baoill ach 11.

Agus tha ceist chudromach ann a bhuineas do dh'eachdraidh litreachas na Gidhlig. D as coireach gum bu bheag air MacCoinnich na din seo? Thuirt e gun robh e "blind to any poetic grandeur" annta. Seo freagairt Baoill: "If … participation in her audience's culture required not the 'poetic grandeur' deemed wanting in her verse by John Mackenzie, but the deft and musical handling of the metonymical and metaphorical conventions of the panegyric code and the 'well-wrought, memorable phrase', Mairghread nighean Lachlainn's surviving works are an important element of seventeenth/eighteenth-century Gaelic poetry."

Tha seo a' seachnadh na cise. Tha mise a' faicinn an t-uabhas "mrdhalachd" sna din seo cho math ris na feartan eile a tha Baoill ag ainmeachadh. Gu eisimpleir a ghabhail air thuaiream, d nach eil "mr" mu dheidhinn seo, anns a' mharbhrann a rinn i do Shir Eachann MacillEathain? "Ormsa thinig an t-nradh / 'N ts geamhraidh na gaillinn – / Na h-eich ghorma agus dhubha / Gur bruthadh 's gur prannadh / 'S nach tug iad do dh' thu / Mar ri sinnsreachd do sheanar, / Far 'n robh fuil nan seachd rghrean / Den fhonfhuil bu ghlaine."

Ged nach eil mi buileach riaraichte mun phuing sin, tha mi uabhasach toilichte leabhar den t-sersa seo fhaicinn far a bheil ln suim air a toirt do cheistean a bhuineas ri litreachas cho math ri eachdraidh, cnain, cel agus meadarrachd. Air son sin tha againn ri taing a thoirt do dh'Iain MacAonghuis, a thug dhuinn, ann an "cod na brdachd", an t-slat leis an tomhaisear i.


Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Tuesday 14 February 2012

5 day forecast

Today

Cloudy

Cloudy

Temperature: 5 C to 9 C

Wind Speed: 18 mph

Wind direction: West

Tomorrow

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 6 C to 10 C

Wind Speed: 21 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.