Boinne ann am beul na gaoithe
CHAIDH togail maoraich a chasg air tràigh Bhàgh Dhealgadaidh (Fiobha) air sgàth truailleadh réididheachd.
• Bho dh’fhosgail an tùr craolaidh as àirde san t-saoghal ann an Tokyo an t-seachdain seo chaidh, tha 1.64 millean duine air tadhal ann.
• Chaidh dà dhràibhear làraidh a mharbhadh air an A9.
• Chuireadh Buidheann ùr Ghàidhlig air chois aig Comhairle na Gaidhealtachd air dhaibh cur ás do Chomataidh na Gàidhlig. Se Hamish Friseal a bhios os a cionn.
• Thug Rangers seachad sgrìobhainnean do luchd lagha an SPL a’ buntainn ri cùmhnantan chluicheadairean a dh’fhaodadh a bhith mì-dhligheach.
• Thuirt an Taleban gum bu chòir do NATO air fad eisimpleir na Frainge a leantainn agus Afghanastan fhàgail.
• Bhuail crith-thalmhainn eile ceann a-tuath na h-Eadailt. Fhuair 16 daoine bàs.
• Chuireadh seachdnar an greim ann an Éirinn fo chasaid gun robh iad “a’ stiùireadh ceannairc”.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Monday 20 May 2013
Today
Thunderstorm
Temperature: 9 C to 20 C
Wind Speed: 7 mph
Wind direction: West
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 8 C to 18 C
Wind Speed: 10 mph
Wind direction: North west
