Beul na gaoithe
Ghabh Ecuador ri iarrtas Julian Assange, stéidhichear Wikileaks, air son dìdein ach thuirt Riaghaltas Bhreatainn nach toir iad cead dha siubhal a-null don dùthaich bho ambasaid Ecuador ann an Lunnainn far a bheil e an-dràsta.
• Tha bàs ann an Alba air sgàth deoch làidir agus dhrogaichean aig an ìre as àirde riamh bho bha e air a chlàradh an toiseach.
• Chaidh triùir bhall den chòmhlan-punc Ruiseanach, Pussy Riot, a dhìteadh ann am Mosco air son buaireadh ann an eaglais Ortadogsach air adhbhar gràin-chreidimh. Rinn iad “ùrnaigh phunc” air altair cathair-eaglais Crìost an Slànaighear, anns an do dh’iarr iad air Moire Òigh faighinn cuidhteas Vladimir Putin.
• Ma bheir Comhairle na Gaidhealtachd cead do phlana a bhios mu’n coinneamh an ath sheachdain, théid 5,000 taigh a thogail eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Ma ghabhar ris, fàsaidh am baile ùr seo nas motha na Inbhir Narann fhéin.
• Loisg Poilis Afraga a-Deas agus mharbh iad luchd-obrach aig mèinn platanaim Lonmin. Thuirt Comiseanair nam Poileas gun do rinn iad e gus iad fhéin a dhìon bho ionnsaigh.
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Thursday 23 May 2013
Today
Light showers
Temperature: 5 C to 10 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: North west
Tomorrow
Sunny spells
Temperature: 4 C to 13 C
Wind Speed: 17 mph
Wind direction: North east
