DCSIMG
SWTS.news.image.e

Bail’ ùr gu bhith an Creag an Fhithich

SE “Baile na Stàilinn” a chanas iad ri Tobar na Màthar agus na “Steelmen” ri sgioba ball-coise a’ bhaile. Is beag an t-iongnadh, oir aig aon àm bha barrachd stàilinn ga giollachd sa bhaile na ann an àit’ eile air an t-saoghal.

Anns an linn mu dheireadh, anns na tricheadan agus an sin ri àm a’ chogaidh, bha iarrtas air son stàilinn ag èirigh. Ann an 1954 dh’àithn an Riaghaltas an t-ionad stàilinn a bu mhotha anns an Roinn Eòrpa a thogail aig Ravenscraig. Tha an làrach – anns a bheil mìle agus ceud gu leth acair – eadar Tobar na Màthar agus Wishaw ’s a’ dol cho fada deas ri Carfin.

Anns na seasgadan bha sia mìle neach ag obair ann, agus uiread eile taobh a-muigh an làraich. Nuair a dh’fhosgladh iad na h-àmhainnean chuireadh e corraich air na mnathan anns na taighean mòr-thimcheall mar a laigheadh luath agus salchar air an nigheadaireachd aca.

Anns na seachdadan thòisich iarrtas son stàilinn air crìonadh, agus dhùin Ravenscraig ann an 1992. Bha an làrach air a thruailleadh le stuthan ceimigeach, agus thug e bliadhnachan agus mòran cosgais an talamh a ghlanadh.

A-nis tha Comhairle Lannraig a-Tuath air innse gun tèid £10 millean a chosg air rathaidean tron làraich. Togar taighean, oifisean, bùthan, colaiste agus ionad spòrs, agus bidh gach goireas ri fhaighinn ann am baile beag ùr Ravenscraig.

Tormod E DÒmhnallach


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Sunday 19 May 2013

5 day forecast

Today

Cloudy

Cloudy

Temperature: 9 C to 16 C

Wind Speed: 7 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Light showers

Light showers

Temperature: 9 C to 20 C

Wind Speed: 8 mph

Wind direction: North

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.