DCSIMG
SWTS.news.image.e

Anns an dùthaich as cunnartaiche do bhoireannaich air an t-saoghal

Boireannaich a feitheamh ri d�l bidhe, Kabul. Dealbh: Getty

Boireannaich a feitheamh ri d�l bidhe, Kabul. Dealbh: Getty

AIR Di-Haoine 1 Samhain 1901, dh’aithris Mac-Talla gun robh Afghanastan “a’ togail aire dhaoine ann an tomhas nach robh dùthaich sam bith eile ’s an Àisia”.

A rèir a’ phàipeir, b’ ann “mar a bha i air a suidheachadh” eadar an Ruis ’s na Innsean (fo riaghladh Bhreatainn) a b’ adhbhar gun robh an dà ìompaireachd “glè dheònach a bhith nan càirdean do dh’Ìompaire Afghanastan”.

Ann an 2001, ged a fhuaras òrdagh dligheach bho na Dùthchannan Aonaichte an Taleban a chur fodha, cò an duine le beagan tùir dha fhèin nach tigeadh fon bheachd gur ann mar a tha i air a suidheachadh as adhbhar fhathast gu bheil na dùthchannan mòra ag iarraidh cothrom na bruthaich fhaotainn innte mar a bha an Ruis agus Breatann sna beagan linntean mu dheireadh?

Bhruidhinn mi ri bean-lagha a tha ag obair ann an Kabul, agus thuig mi gu bheil an iomairt mhòr shìobhaltach, a tha a’ dol a bharrachd air an iomairt airm, ’na dearbhadh air cho cudromach ’s a tha Afghanastan fhathast.

Tha Helen Knipe, 34, ga cosnadh ann an Alba ’na leas-àrd-phròcadair aig Oifis a’ Chrùin agus aig Seirbheis Luchd-Casaid a’ Chrùin, ach tha i air a fo-fhastadh an-dràsta ann an ceanna-bhaile Afghanastan le Oifis nan Cùisean Cèine ’s a’ Cho-Fhlaithis. Ged as e neach-casaid a th’ innte ann an Alba, rinn i for-cheum ann an Còirichean Daonna Eadar-Nàiseanta mun deach i ’na beanlagha. Dh’fhaodadh tu ràdh gur e sin a bha ’na tharraing dhi san dreuchd ùir seo – an cothrom a bhith a’ cur lagha agus chòirichean daonna còmhla.

Tha i ag obair còmhla ri luchd-lagha Afghanach agus muinntir ambasaidean eile a h-uile latha mar phàirt de dh’oidhirp eadar-nàiseanta air siostam ceartais na dùthcha ath-leasachadh. Bidh i a’ gabhail gnothach ri trèanadh a lìbhrigeadh do luchd-casaid, do luchd-rannsachaidh ’s do dh’oifigearan poilis, a’ coinneachadh ri muinntir nan ambasaidean eile agus ri buidhnean son beachdachadh air cùisean co-cheangailte ri ùghdarras an lagha.

Tha Helen a’ creidsinn gur e rud fiachail anns a bheil i an sàs. “Faodar aghaidh a thoirt air cuid de na trioblaidean as motha a th’ aig Afghanastan ma tha siostam-ceartais làidir ann aig a bheil poilis, luchd-casaid, luchd-tagraidh agus britheamhan. Tha deagh riaghladh agus ùghdarras an lagha riatanach gus an dùthaich ath-leasachadh.”

Mar bhoireannach a tha ag obair san dùthaich as cunnartaiche do bhoireannaich air an t-saoghal (a rèir aithrisean an-uiridh), cha do dh’fhairich i gur dochair sam bith sin dhi. “Tha mi air fàilte bhlàth charthannach fhaighinn bhon a h-uile h-Afghanach leis a bheil mi ag obair.”

Tha i mothachail cuideachd nach ionnan mòr-bhaile Khabul far a bheil tòrr de dh’Afghanaich ag obair aig buidhnean eadar-nàiseanta agus na roinnean mòra dùthchail. “Tha barrachd chaileagan a’ faighinn sgoil a-nis agus gheibhear oifigearan poilis, luchd-lagha agus britheamhan boireann, ged nach eil iad bitheanta.”

Ghabh i pàirt ann am “boxathon” far an robh i fhèin agus co-obraichean bhon ambasaid a’ togail airgead air son sgioba bogsaidh nam ban-Afghanach a chur gu na Geamannan Olimpeach.

Air sgàth eachdraidh agus a’ mheasgachaidh de chinnidhean anns an dùthaich, tha an àrainneachd phoilitigeach agus sòisealta toinnte. Cluinnear caochladh bharailean aig daoine air a h-uile cuspair a rèir cò an sgìre ás a bheil iad, agus tha e ’na thlachd dhi feuchainn ri tuigse fhaighinn orra agus beachdan a chluinntinn aig na h-Afghanaich mun t-suidheachadh anns a bheil an dùthaich agus ciamar a thèid aca air adhartas a dhèanamh.

Saoilidh ise gur e an rud as luachmhoire do na h-Afghanaich an cuid theaghlaichean a bhith slàn agus sàbhailte – coltach ri muinntir dùthcha sam bith. Tha cuid am beachd gu bheil feachdan armaichte ann air son cuideachadh le seasmhachd a stèidheachadh, agus tha feadhainn eile am barail gur iadsan as coireach gu bheil tèarainteachd cho cugallach.

Tha Helen a’ còmhnaidh san ambasaid iom-dhùinte Bhreatannaich, ach a dh’aindeoin ’s gu bheil i air a h-iathadh le ballachan dìon bu leisg leatha cus a ràdh mun an t-suidheachadh tèarainteachd aice fhèin. Thugadh ionnsaigh mharbhtach bho chionn ghoirid air a’ Chomhairle Bhreatannaich agus air targaidean eile, ach nuair a thriallar tron bhaile, chithear daoine a’ falbh air ceann ghnothaichean mar ann am baile sam bith eile. Chithear oifisean riaghaltais, gnothachasan, taighean òsta, bùthan agus taighean, ach tha bochdainn ’na trioblaid mhòr a dh’aindeoin an taic airgid a tha buidhnean nàiseanta agus eadar-nàiseanta a’ toirt ann an iomadh raon beatha, leithid foghlam, slàinte, leasachadh econamach agus bun-structar – mar eisimpleir rathaidean, solar lùth agus uisgeachadh talmhainn.

Tha an-còmhnaidh taobh eile air a’ Mhaoil ge-tà. Gearainear gu bheil a liuthad choigreach cèine a thugadh a-steach don bhaile fo sgàil nam buidhnean eadar-nàiseanta a’ cur prìsean nithean cumanta – leithid biadh agus màl thaighean – suas far nach ruig sporain an t-sluaigh choitchinn.

Nach truagh gu bheil rudan mar sin a’ cur èis air oidhirpean luchd-obrach tabhairteach a tha gu dìreach ’s gu dìcheallach a’ feuchainn le deagh ghean ri piseach a thoirt air cor agus crannchur an t-sluaigh?


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Friday 24 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny spells

Sunny spells

Temperature: 3 C to 12 C

Wind Speed: 18 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 7 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: West

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.