An fheadhainn a chaidh a-null 's a thill
BHIODH iad a' tilleadh, an fheadhainn a dh'fhalbh air a' Mhetagama 's am Marloch 's an Canada – luchd nan lèintean tartain 's nam bifocals 's nam pacemakers – ach se rathad le dà cheann a bh' ann, 's cha bhiodh iad a' fuireachd fada, bha 'n dachaigh a-nis anns an dùthaich thall. Thill Seòras Dhòmhnaill Sheoc air cuairt, rinn e amhran làn cianalais:
Ged fhuair mi na tulaich,
Na slibhtean 's na mullaich,
Cha d'fhuair mi na curaidh
A chunnaic mi uair.
Thill am Porstan.
Fear de bhalaich Phoids s ird Dhail a bh' anns a' Phorstan; co-aois mo mhthar. Chunnaic i e, le ad mhr gheal, air rathad na h-ird, agus dh'aithnich i e air a choiseachd. An ird, a bha cho ln bhalaich, bha cignear an taigh Phoids fhin; le uisg' a-muigh, bhiodh gleadhraich a-staigh, 's nuair a thigeadh turadh, chanadh Poids: "Cha do cheannaich an t-r an t-sitig."
Chunnaic i e a' cur car aig tobht' Dhmhnaill Bhocs 's a' tilleadh, 's chaidh i chun a' gheat 'na choinneamh. "Uill, a Mhiri," thuirt e, "'s m tha cur an umhail air a' bhaile. Faodaidh tu coiseachd tron ird an-diugh, 's cha thilg duine clach ort."
A' chiad tuath air an robh Tohan Tam, se tuathanach Frangach. "Dpche-toi!" bhiodh e ag rdh ris.
"A Dh, Winnipeg anns a' gheamhradh!" ars am Bcan, brth'r mo sheanmhar. "Gaoth bhon Arctic a' toirt d' anail bhuat, 's do mhin a' cnapadh 'na dhidh aig do chasan."
Chum e air gu'n iar, gus na chuir am Pacific stad air. Baile Bhcain a th' aig balaich a' Phuilein air Vancouver.
Anns a' Ghiblean 1863 theich sluagh Gabhsann ( bailtean eile cuideachd) a dh'Ontario. Se bhochdainn a chuir ann iad. Bliadhnaichean as didh sin, thill feadhainn le mnathan Innseanach 'nan cois, tha an sliochd fhathast ann am Borgh 's ann am Mealabost. Bha t ann an Nis – cit' eile ach Erapaidh? Na squaws bhochd, a dh'fhg an talamh fuar air son sitigean taobh siar eilean Ledhais, tepees air son taighean dubh.
Chaidh iad tarsainn aon chuan, agus cha do rinig iad. Agus chaidh iad an uair sin tarsainn cuan eile. Agus na taighean a bh' aca, nuair a bha e a' sileadh a-muigh, bhiodh e a' sileadh a-staigh. Agus nuair a sguireadh e a shileadh a-muigh, bhiodh e fhathast a' sileadh a-staigh.
Chuir fear Siabost, a fhuair obair anns an leaghadair an Traill, B.C., fios gu bhrthair 's nbaid dhaibh a thighinn a-null, agus dh'fhalbh iad. A' siubhal son lithean, an trana air an robh iad 'na stad aig stisean bheag am meadhan a' phriridh, c thinig a-steach dhan t-semar-feithimh ach d Innseanach, agus se Gidhlig a bha iad a' bruidhinn! Cha do leig an dithis a bha staigh cil orr' – ach nuair a dh'fhalbh na h-Innseanaich a-mach, thionndaidh fear Shiaboist ri nbaidh 's thuirt e: "Aig Dia tha fios d 'n dath a bhios air Dmhnall againne."
- Rangers run into the ground as furious HMRC battles to claw back tax
- Broken Rangers: Club signals intention to go into administration
- Rangers: ‘Crisis will soon be over and Rangers FC will survive’
- Scottish independence: David Cameron set to snub Alex Salmond’s separation talks bid
- Rangers blame HMRC for driving club to brink of administration
- Devo-max merely a dodgy back-up plan to save SNP, says Jim Sillars
- Scottish independence: No breakthrough in talks between Alex Salmond and Michael Moore
- The Rumour Mill: Thursday’s football news and gossip
- Scottish independence: David Cameron set to snub Alex Salmond’s separation talks bid
- The Rumour Mill: Wednesday’s football news and gossip
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Friday 17 February 2012
Today
Cloudy
Temperature: 5 C to 11 C
Wind Speed: 23 mph
Wind direction: South west
Tomorrow
Cloudy
Temperature: -1 C to 6 C
Wind Speed: 25 mph
Wind direction: West

