DCSIMG
SWTS.news.image.e

An là chunnaic mi 96 marbh air a' phàirce

FICHEAD bliadhna an amas, air a' chòigeamh latha deug den Ghiblean, chruinnich 50,000 neach aig Pàirce Ball-Coise Hillsborough ann a Sheffield a dh'fhaicinn darna cuairt dheireannach Cupa an FA far an robh Liverpool a' dol a chluich Nottingham Forest.

Bha mi fhn 'nam measg, oir bha mi riamh a' leantainn Forest bhon m a chuir mi seachad ag obair ann an Nottingham. Se latha math earraich a bh' ann an ceann a-tuath Shasainn, an latha a b' fherr dhen bhliadhna gu ruige sin. Fhuair sinn sinn fhn sa Khop, bruthach anabarrach mr aig ceann a-deas na pirce.

Dh'fheumadh sinn seasamh, ach cha robh thu air fear de na balaich sna lithean sin mur an do roghnaich thu seasamh gus coimhead ball-coise. Eadar sinn fhn 's am blr-cluiche bha feansa mhr iarainn dhen t-sersa a bha deatamach san m gus casg a chur air an dol-a-mach fhiadhaich aig cuid a luchd leantainn.

M'ar coinneamh, air cl na feans' acasan, bha luchd leantainn Liverpool, an fheadhainn leis am bu mhiann seasamh air an crdhadh a-steach do cheithir peanaichean a bha fada na bu lugha na a' bhruthach againne. Bha iad sunndach ge-t, 's dibhearsan a' dol 'nam measg leis na nithean annasach plastaig, air an sideadh suas le gaoth, a bha san fhasan aig an m. Tha cuimhne agam air fear a' crathadh rd eagallach mr shuas os a chionn. Chitheamaid gun robh an fheadhainn san d phean mheadhanach air an dinneadh a-steach gu dlth an coimeas ris an d phean eile air an robh coltas caran lom.

Cha do lon na suidheachain san stand air ar limh cheart gu dh no thr mhionaidean ro thoiseach gnothaich, nuair a bha an d sgioba a' tighinn a-mach air a' phirce; rinig mran de luchd leantainn Liverpool fadalach, agus cabhag orra. Bha 'n stadium a-nis loma-ln. Dh'irich a' ghaoir aibhiseach brosnachaidh, agus thisich an geama. Bha an d phean air bhoil.

Thinig Liverpool air adhart 'nan deann; bhuail Peter Beardsley am maide-tarsainn againne, air ar beulaibh, ach leig sinn ar n-anail a-rithist nuair a chaidh a chloradh gu sgiobalta, 's dh'obraich gillean Forest suas a' phirc' e gu h-ealanta. Ach bha rudeigin a-nis a' tachairt air cl na loidhn' aig Liverpool. Bha balach g air rathad fhaighinn thar na feansa iarainn agus rug e air muincheall air Nigel Clough, cluicheadair-aghaidh Forest, a' feuchainn ri rudeigin innse dha, fhads a bha sel-mara de chinne-daonna a' goil air cl na dearbh fheansa, agus dithis no triir de phoileas agus de mharasgalan a' cur nam both air an taobh a-bhos dhith.

Nuair a chaidh an geama a thoirt gu stad leis an ridhtire rinn sinn ochanaich; na scousers ri sabaid a-rithist, shaoil sinn, ach cha b' fhada gus an robh sinn air chaochladh beachd oir chunnaic sinn sealladh a chuir mr iongantas oirnn.

Chitheadh a' mhuinntir a bha 'nan suidhe san stand os cionn a' chruaidh-chs gl mhath gu d bha a' tachairt fodhpa, 's leagadh fear dhiubh sos le greim aig dithis eile air adhbhrannan gus am beireadh e air limh air fear no t a chaidh a thogail suas ga ionnsaigh le cch. Gu math luath lean mran eisimpleir, agus cha chreid mi nach deach na ceudan a thogail gu sbhailteachd leis a' ghaisge seo.

Air ar son-ne dheth, cha robh air ach fuireach far an robh sinn, 'nar tosd. Bha na cluicheadairean air a' phirc' fhgail. As didh treis, dh'fhosgladh geata beag – a bha glaiste roimhe sin – san fheansa, 's bhrchd na ceudan de dhaoine faingte a-mach air an raon-chluich tron bhern chumhang. Ma bhrchd, bha e mar gun do thilg mran dhiubh iad fhin sos air an fhonn agus bha iad 'nan laighe an-sin gun charachadh.

Cha robh ann ach chaos. Ged a bha mran dhen phoileas agus dhe na marasgalan a bha an lthair fhathast gun charachadh, a' feitheamh r rdugh nach tinig, bha feadhainn ann – iadsan a b' fhaisg' air an praid – a bha a' dol mar an donas, cuide ri muinntir an Naoimh Ein, gus cobhair a dhanamh mar a b' fherr a b' urrainn dhaibh. Ach cha robh iad idir suas ris, bha an gnothach air a dhol s limh buileach; agus a-nise chitheamaid na cuirp.

Chaidh mu dhusan dhe na mairbh a chradh gu cabhagach leis a' phoileas dreach air ar beulaibh; dh'fheumadh iad sin a dhanamh gun sreidsearan, oir cha robh sreidsearan ann.

Cha robh plan'-iginn aca, cha do ghabh neach sam bith an stiir. As didh ineachan agus ineachan – crr agus d fhichead mionaid – nochd a' chiad charbad-eiridinn air a' bhlr-chluich. Bha an siostam PA air a bhith balbh, ach a-nise chualas Kenny Dalglish a' guidhe oirnn gun co-obraicheamaid uile leis na h-ghdarrasan. Dh'innis guth eile dhuinn gun robh an geama ga chur dheth, b' fheudar dhuinn falbh dhachaigh.

A' dol dhachaigh, cha robh heat air an ridio ach Hillsborough. Bhathas a' meas gun deach crr agus ceithir fichead duine – fir, boireannaich agus clann – a phronnadh gu bs air sgth tuilleadh as cir dhen luchd leantainn a' dol dhan ite cherr, an ireamh a' sor fhs. Nuair dhin mi an doras, dh'fhalbh an lths bho mo chasan agus sgeith mi.


Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Sunday 27 May 2012

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 10 C to 22 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 9 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.