DCSIMG
SWTS.news.image.e

A’ sgrudadh nàdar na h-eilthireachd

Tha San Dùthaich Ùir le Alison Lang (Sandstone, £7.99) ’na stòiridh mhath air a deagh innse. Tha e mu theaghlach a theich ás an “t-seann dùthaich” a chionns gun robh iad ann an cunnart, ’s a thàinig a dh’fhuireach dhan “dùthaich ùir” far a bheil gach cothrom aca ma ghlacas iad le’n dà làimh e.

Tha an sgeul air innse sa chiad phearsa le nighean òg an teaghlaich. Tha an liut anns na rudan nach eil air am mìneachadh: có an t-seann dùthaich, nàdar a’ chunnairt, có an dùthaich ùr, car son a thachras gach nì a thachras, có iad na fir on “t-seann dùthaich” a thig cho tric air chéilidh, dé th’ aig a h-athair an aghaidh a phiuthar-chéile Marguerite (ach tha ar n-amharasan fhìn againn), car son a bhios Marguerite a’ breacadh a cainnte le droch Fhraingis, dé “cànain na seann dùthcha” nach eil an sgeulaiche a’ tuigsinn?

Tha, mar gum bitheadh, fidheall aonranach ga cluich air fheadh; tha sinn ann an sgleò mar gun robh sinn dà bhliadhna dh’aois ged tha an sgeulaiche a’ fàs suas ’s a’ dol dhan sgoil ’s dhan oilthigh; chan e mhàin gu bheil rudan ann nach eil air an innse dhan sgeulaiche, ach gu bheil rudan eil’ ann nach eil ise ’g innse dhuinne. Sann mar sin tha San Dùthaich Ùir a’ rannsachadh nàdar na h-eilthireachd.

Nan robh cùisean air fhàgail aige sin, bhithinn air mo dhòigh. Bhiodh San Dùthaich Ùir am measg nan nobhailean goirid as fheàrr aig “Ùr-Sgeul”, ’s ’na it’ am boineid Alison Lang. Gu mì-fhortanach chan e nobhail “Ùr-Sgeul” tha seo idir ach té san t-sreath “Meanmnach” a th’ air an amas air luchd ionnsachaidh. Tha geàrr-chunntas Beurla agus “beag-fhaclair” anns gach caibideil.

Chan eil San Dùthaich Ùir iomchaidh do luchd ionnsachaidh. Tha móran deagh Ghàidhlig ann, ach tha e làn mhearachdan beaga mar “dh’iarr i dhomh” (seach “orm”), “gàl” seach “gal”, “àd” seach “ad”, “fìrinnich” seach “fireannaich”, “air an pacaigeadh”. ’S mas aithne dhòmhsa luchd ionnsachaidh tha iad ag iarraidh sgeulachdan a bhios gan toirt gu cridhe na Gaidhealtachd, chan ann gu Ellis Island.

Tha neartan móra aig Alison Lang, ach anns an t-sreath seo tha na laigsean beaga aice air an leigeil ris. Se Dòmhnall Iain MacLeòid an deasaiche; feumaidh e feuchainn nas cruaidhe.

Ma tha Sandstone ag iarraidh sgeulachdan fhoillseachadh do luchd ionnsachaidh, chomhairlichinn dhaibh taghadh bho chlasaigean an litreachais Ghàidhlig. Rudan le Iain Mac a’ Ghobhainn, mar eisimpleir.


 
Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Saturday 25 May 2013

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 6 C to 17 C

Wind Speed: 13 mph

Wind direction: West

Tomorrow

Cloudy

Cloudy

Temperature: 9 C to 16 C

Wind Speed: 14 mph

Wind direction: South west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.