DCSIMG
SWTS.news.image.e

Gàidhlig air a sàbhaladh ann am buidseat na bliadhna sa?

RINN dreachd a' Bhuidseit aig Iain Swinney 's aig Riaghaltas na h-Alba gu math soilleir nach ann an ath-bhliadhn', no fad greis mhath as dèidh sin, a tha an econamaidh a' dol a dh'èirigh ás an t-sloc mhòr dhubh anns a bheil e.

Agus tha e coltach gum bi a' Ghaidhealtachd 's na h-Eileanan a' fulang cho math ri sgre sam bith eile.

Thuirt Mgr Swinney, Rnaire a' Chaibineit air son an Ionmhais 's an Fhis Sheasmhaich: "Aig m nuair a tha gu ler de chompanaidhean 's de theaghlaichean a' str ri staing an econamaidh tha e riatanach gun toir sinn taic dhaibh le cinnt 's le ifeachd.

"Tha e cudromach ma-th gun don sinn ar bun-sheirbheisean poblach mar sgoiltean agus ospadalan. Cumaidh sinn oirnn a' cosg air plana ath-bheothachaidh air son an econamaidh. An lib sin bheir sinn taic do chompanaidhean gus na sgilean aca a leasachadh, agus cosgaidh sinn airgead air prgraman a bheir taic do dhachaighean aig m gu math duilich don econamaidh."

Tha an t-sleachadh (mu 500 millean) ann am buidseat an Riaghaltais a' ciallachadh gum feum ghdarrasan ionadail air feadh na dthcha coimhead ri gearraidhean sna buidseatan aca fhin air son na h-ath-bhliadhn' agus is dcha grunn bhliadhnaichean as didh sin. Thuirt aon duine gum feumadh comhairlichean fs elach air linn mar a bh' ann nuair b'e Mairead Thatcher am Promh Mhinistear, le gearraidhean 's le aimhreit.

Tha an comhairliche Dibhidh Alston 'na Cheannard Buidseit aig Comhairle na Gaidhealtachd. Thuirt e: "Se naidheachd dhuilich a th' ann, ach bha dil againn rithe. Tha na comhairlean a' fulang ri linn staing an econamaidh cho math ri buidheann sam bith eile mar a shaoileadh tu, ach cha bhi e furasta. Thar an ath thr bliadhna tha sinn a' tuairmse gun caill sinn 10 s a' cheud den stras a n e comasach dhuinn ar dleastanasan a bhuileachadh. Tha sinn ag iarraidh air gach manaidsear seirbheis coimhead air an roinn aca fhin gus faicinn an gabh airgead a shbhaladh.

"Chan eil roinn sam bith air a dhon bhon sgrdadh seo. Bidh an ath-bhliadhna dona, 's bidh an ath th nas miosa.

"Thig e chun na h-re far nach bi e comasach dhuinn cuid a sheirbheisean a thoirt seachad. Ach gus an dan sinn sgrdadh air ciamar as urra dhuinn airgead a shbhaladh, chan urra dhuinn a rdh d na seirbheisean a thid a ghearradh. Nan leigte leinn beachd muinntir na Gaidhealtachd a shireadh mu rdachadh sa chs chomhairle, dhanadh e feum. Ach chan eil an Riaghaltas denach am bacadh air re na cs chomhairle a thoirt s."

Tha mar a gherr an Riaghaltas airgead air son taighean aig prs reusanta sa bhuidseat a' dol a thoirt buaidh nas miosa air a' Ghaidhealtachd na air iteachan eile a rir Mhgr Alston, oir cha do thuit prsean thaighean air a' Ghaidhealtachd mar a thuit iad ann an sgrean eile. "Feumaidh daoine sna coimhearsnachdan ar cuideachadh. Can, nan danadh a h-uile duine oidhirp mhr gus barrachd stuth ath-chuartachadh, dhanadh siud feum. Bidh stras mr fhathast aig a' chomhairle agus airgead san roinn phoblaich, ach cha bhi an uiread ann. Bidh buaidh aige sin air seirbheisean."

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' coimhead ri 4.4 millean a shbhaladh an ath-bhliadhn', 's tuilleadh sna bliadhnaichean ri thighinn. Tha iad ag aideachadh gu bheil cisean a' dol a dh'fhs gu math nas duilghe cothromachadh fhaighinn sa bhuidseat aca gun a bhith coimhead ri barrachd luach s an airgead aca, no fi 's gearraidhean. Tha iad an dchas gum faigh iad barrachd ifeachd bho na seirbheisean a th' aca mar-th, agus nach bi aca ri seirbheisean a ghearradh, ach thuirt aon duine nach robh e a' faicinn ciamar a sheachnadh iad seirbheisean a ghearradh gu re air choreigin co-dhi, 's iad a' sileachadh nach bi am maoineachadh a' dol an irde a rir luach ceart an airgid air son cho fada ri 10 bliadhna. Tha seo uile a' tighinn aig m nuair tha dil ann gun tid cosgaisean cram do sheann daoine, limhseachadh sgudail 's eile an irde san sgre.

'S d mu dheidhinn airgead na Gidhlig? Thuirt fear-labhairt bho Bhrd na Gidhlig: "Tha sinn mothachail air an t-suidheachadh sa bheil sinn a thaobh an econamaidh 's cisean co-cheangailte ri ionmhas an-drsta, 's ged a bhiomaid an-cmhnaidh ag iarraidh tuilleadh, tha sinn toilichte nach deachaidh gearradh sam bith a thoirt air a' bhuidseat againn. Tha Gidhlig a' faighinn 25.9 millean, an aon suim a fhuair i am-bliadhna – 12.4 millean air son craoladh, 5.4 millean air son Brd na Gidhlig, 1.25 millean air son SMO, 5.6 millean air son foghlam, agus 1.35 millean ann an airgead calpachais air son sgoiltean.

"Fhuair sinn litir bhon Mhinistear an t-seachdain seo ag innse dhuinn nach biodh gearradh sa bhuidseat againn, ach feumaidh daoine cuimhneachadh cuideachd nach eil anns a' bhuidseat seo ach dreachd."

Tha e coltach ma-th gu bheil a' Ghaidhealtachd – cho math ri Glaschu agus iomadh cernaidh eile – gu bhith ann an cruaidh-chs ri linn a' chronaidh mhir a thisich le Lehmann Brothers mun m seo an-uiridh.


Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Monday 20 February 2012

5 day forecast

Today

Light rain

Light rain

Temperature: 8 C to 10 C

Wind Speed: 32 mph

Wind direction: South west

Tomorrow

Cloudy

Cloudy

Temperature: 9 C to 12 C

Wind Speed: 21 mph

Wind direction: South west

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.