Diofar dhòighean air sùil a thoirt air an àrainneachd
DH'ÉIRICH Richard A V Cox, deas., Dualchas agus an Àrainneachd: Sin am Fearann Caoin (Clò Ostaig, £7.50) á co-labhairt ann an Sabhal Mór Ostaig. Anns an fhacal-thòisich aca tha Hugh Cheape agus Iain Tormod MacLeòid a' mìneachadh gun do dh'iarr iad pàipearan "sam biodh luach na h-àrainneachd agus an dlùth cheangal eadar an tìr agus an sluagh a' togail ceann" agus tha iad a' faighneachd: "A bheil e ceart luchd-poileataigs no luchd-saidheans a bhith a'
Se th' anns an leabhar ach 12 de na pipearan Gidhlig (tha cuid den fheadhainn Bheurla a' nochdadh san International Journal of Heritage Studies). Chrd e glan rium. On tha an cuspair cho farsaing, cha robh fios agam riamh d 'n ath rud a ghlacadh mo shil. Tha diofar phipearan a' coimhead air ais, air adhart, a-staigh, a-mach.
A-staigh? Tha Dmhnall MacIlleDhuibh againn air seanchas Lios Mr, Emily Edwards air seanchas le, Sine NicMhathain air obair chlachaireachd ann an Ratharsair.
Air adhart? Tha Pam Talbot a' nochdadh mar ghabhas coilltean "dthchasach" an cur ann an ite sitka na mallachd. Tha litreachas Gidhlig fillte tron phipear aice 's tha facal math aice a fhuair i aig Auden: "A culture is no better than its woods."
Air ais? Tha Meg Bateman a' sgrdadh spiorad na h-rainneachd mar a chithear e ann an litreachas ("mac-meanmna") nan Gaidheal; tha Hugh Cheape ann air taighean tughaidh, Mcheal Newton air mar tha an rainneachd be 'nar litreachas tro ainmean ainmeachadh 's beanntan a' bruidhinn, John Purser air ionnstramaidean ciil a tha snidhte ann an cloich, Domhnall Uilleam Stibhart air Alastair MacilleMhcheil mar aircelaiche 's mar chruinniche rudan seach faclan, agus Anndra Wiseman air sealg an fhidh ann an Siorramachd Pheairt mu 1700.
Tha na sia aistean seo uile air leth inntinneach agus bu mhath leam puing na dh a thogail asta. Tha an Stibhartach a' toirt an aire gu bheil suaip eadar an digh a tha aircelaichean a' togail dealbh de ln shobhaltachd o sgealban san talamh agus "mar a dh'fheuch MacGilleMhcheil ri fiosrachadh mu chreideasan a shinnsireachd ath-bheothachadh bho fhianais phronn nan orthachan, is iad air an co-shamhlachadh agus air an ath-dhealbhadh leis an fhear-deasachaidh fhin".
Tha Wiseman a' toirt cunntais sgoinneil eachdraidheil air an "timcheall" (tinchel na Beurla, cruinneachadh mr seilge) ann an Athall. Tha mi duilich a rdh gun deach seo a mhilleadh leis an obair dheasachaidh as miosa a leugh mi a-riamh air pos de bhrdachd Ghidhlig. Tha an dn Tionoil na nsligh chum na seilg, a rinn an t-Urr. Raibeart Kirk, doirbh a thuigsinn, 's is cinnteach nach do thuig Wiseman e. Feumar sil as r a thoirt air.
Tha Meg Bateman a' ruigheachd co-dhnadh broghmhor: "Cha robh domhan eile aig na Ceiltich phganach cho fad 's as fiosrach sinn: bha Tr nan g agus an Saoghal Eile mar phirt den domhan, c dhiubh a bhiodh iad a-muigh sa chuan no fon talamh. Tha an d shaoghal, an saoghal a ghabhas faicinn le mac-an-duine, agus an Saoghal Eile, air am faigh sinn corra phlathadh san fhsach, nan d shealladh air an aon saoghal, an drna fear bho thaobh na h-eachdraidhe sisealta againn, am fear eile bho thaobh miotais."
Agus "a-mach"? Tha Gabhan Mac a' Phearsain a' coimeas Trndairnis ri Askvoll ann an Nirribhidh a thaobh d cho maireann 's a tha "dualchas" seach "prothaid" ann an cleachdadh fearainn, agus tha Alasdair MacMhaoirn a' toirt leasanan air leth luachmhor s a' cheangal eadar foghlam agus luachan cultarach aig muinntir Hawaii 's aig tsanaich cheann a-tuath Chanada.
Dbhlan mr a tha mu choinneamh foghlam Gidhlig sna h-rdsgoiltean se nach eil a leithid a rud ann ri clr-teagaisg Gidhlig ach ann an Gidhlig mar chuspair – chan eil anns na deuchainnean matamataig, eachdraidh agus cruinnelais a tha gan suidhe a h-uile bliadhna tro mheadhan na Gidhlig ach an fheadhainn Bheurla air an eadar-theangachadh. Ged a bhiodh clr-teagaisg air leth gun fheum ann am matamataig bhiodh e feumail ann an cruinnelas agus riatanach ann an eachdraidh. Tha MacMhaoirn ag rdh: "'S e gl bheag a tha ri lorg ann an FTG (foghlam tron Ghidhlig] a chuireas ri fin-aithneachadh. Bidh an curraicealam a' leantainn curraicealam na Beurla ach gum bi e air a lbhrigeadh ann an Gidhlig. A rir choltais, bha seo cudromach dha prantan nuair a chaidh FTG a chur air chois …
"Bhiodh e math obrachadh a-mach d na luachan cultarach a tha againn fhn mar Ghidheil, agus curraicealam a chruthachadh a bhiodh stidhichte air na luachan cultarach againn fhn. Dhanadh seo ceangal lidir eadar cnan agus fin-aithneachadh. Gheibheadh na Gidheil ga sealladh snraichte a bhiodh freagarrach dhan latha an-diugh agus a bhiodh a' daingneachadh na tha prseil nar n-eachdraidh. Chaidh a leithid a dhanamh mu thrth ann an Hawaii, agus tha ln m ann tiseachadh ann an Alba."
Amen ri sin.
- Alan Pattullo: Dignity, not sanctimony, is required at Parkhead
- David Cameron is playing into the SNP’s hands, says Michael Forsyth
- Driver to appear in court over fatal school bus crash
- Rangers administration: European hopes in doubt as wait goes on for tax tribunal result
- Rangers administration: Mass job losses are not inevitable - McCoist
- David Cameron is playing into the SNP’s hands, says Michael Forsyth
- The Rumour Mill: Monday’s football news and gossip
- Alan Pattullo: Dignity, not sanctimony, is required at Parkhead
- Motherwell 3 - 0 Hearts: Too early to talk of Motherwell finishing second insists Tom Hateley
- Scottish independence: Ruth Davidson points to welfare
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Monday 20 February 2012
Today
Light rain
Temperature: 8 C to 10 C
Wind Speed: 32 mph
Wind direction: South west
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 9 C to 12 C
Wind Speed: 21 mph
Wind direction: South west

