Car son nach leasaich am BBC stuth ionnsachaidh o na tha aca mar-thà?
ATH-CHRAOLAIDHEAN nan ath-chraolaidhean air BBC Alba an-dràsta, chan ann den stuth as fheàrr nas motha. Cò dh'iarradh Speaking Our Language fhaicinn a-rithist? Ged a tha susbaint ann tha i air a mùchadh le cus sheallaidhean turasach. Bha Rhoda NicDhòmhnaill air falbh anns a' Mhontego aice a' cantainn "Cia-mar-a-tha-sibh?" a' coimhead bòidheach ach seann fhasanta ann an 1993.
Feumaidh BBC Alba tighinn an ird le rudeigin nas freagarraiche dhan t-suidheachadh aig cnan a tha ann an cunnart. Chan urrainn dhuinn ach a bhith an dchas nach lean iad an rathad sin tuilleadh air a bheil buidhnean oifigeil Albannach cho didheil, a bhith a' gabhail ri stuth drna limh bhon a' Chuimrigh.
Ged a tha na guthan Gidhlig a chaidh a chur ris a' phrgram ionnsachaidh Cuimreach Colin is Cumberland gl mhath, chan eil na dealbhan-be 3-D ach a' coimhead sgth. C an t-amadan a shaoileadh riamh gun robh ainm mar "Chumberland" iomchaidh do phromh charactar ann am prgram Gidhlig co-dhi?
Tha e mar gun deach muinntir an teilidh a thogail dreach bho na comhairlean ionadail Albannach anns nach eil e ceadaichte do luchd obrach a bhith cruthachail no a bhith diligeadh ris an t-saoghal mar a tha e an da-rreabh. Gun Litir do Luchd Ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain, cha bhiodh mran ann a leigeadh fhaicinn gu bheil luach sa chnan, gun canadh daoine riutha fhin, "Is fhiach seo ionnsachadh."
Tha litrichean Ruairidh fis cuideachail do dhaoine le Gidhlig nach d'fhuair leughadh san sgoil.
Ma tha gafairean a' BhBC fhin comasach air leughadh, seo agaibh beagan comhairle bho neach ionnsachaidh ann an litrichean mra: CLEACHD NA THA AGAIBH MAR-TH! Leasaich stuthan ionnsachaidh, chan ann a-mhin do "luchd ionnsachaidh" ach don a h-uile Gaidheal cuideachd, stidhichte air na prgraman a tha sibh a' danamh co-dhi.
Tha barrachd drma 's sprs ann an aon phrgram den sreath naidheachd L, mar eisimpleir, na gheibhear anns na 72 roinn de "Spcn our Lang-gwidge" uile gu lir.
Seall an cmhradh eadar Derek Moireach agus Angela NicIlleathain, esan ln an donais ach ise an cmhnaidh deiseil le freagairt air a shon.
Tha comas dridheil aig Sarah Cruikshank sgeul na h-aimsir innse le ruitheam cho math 's nach mr nach bi do chasan air falbh a' dannsa leatha.
Chuireadh luchd ionnsachaidh filte mhr air DVDaichean le mu dh fhichead episod de L 's leabhar 'na chois, le tar-sgrobhainnean Gidhlig agus eadar-theangachadh Beurla air sgrion.
Chan e 's gu bheil am prgram foirfe. Tha cuid de sgioba L a' tighinn thairis mar fharpaisich leughaidh nam Mdan ionadail, a' cleachdadh an aon fhaireachdainn 'nan guth fad na tde, a' cur filte chridheil air naidheachdan bis no a' bruidhinn gu drainneach air naidheachdan aotram. Ach tha muinntir L da-rreabh ann, a' lbhrigeadh seirbheis naidheachd a tha freagairt feumalachdan Albannach nas fherr na tha na culaidhean aodaich falamh aig na seirbheisean Beurla a' tairgse.
Ge-t, tha ite fhathast aig Radio nan Gaidheal ann an coimhearsnachd na Gidhlig nach eil aig telebhisean.
Ghabhadh an t-agallamh a rinn Coinneach Macomhair le Splash MacFhilip nach maireann ath-chraoladh iomadach turas, oir tha e da-rreabh eachdraidheil. Fear den ghinealach mu dheireadh aig a bheil Gidhlig shln a' bruidhinn ri craoladair sgileil mu dheidhinn dighean obrach a bha aca nuair a bha esan g.
Ma tha blthachadh na cruinne a' cur cuibhle an fhortain mun cuairt agus gum bi againn ri cladhach a-rithist san talamh air son biadh no beshlaint, nach biodh e ach ciallach a h-uile bodach agus cailleach le Gidhlig a chlradh fhad 's a tha iad ann, chan ann a-mhin air son na h-rain aca ach air son tuigsinn mar a limhsicheas iad spaid, mar a bhleoghaineas iad b?
- Alan Pattullo: Dignity, not sanctimony, is required at Parkhead
- David Cameron is playing into the SNP’s hands, says Michael Forsyth
- Driver to appear in court over fatal school bus crash
- Rangers administration: European hopes in doubt as wait goes on for tax tribunal result
- Rangers administration: Mass job losses are not inevitable - McCoist
- David Cameron is playing into the SNP’s hands, says Michael Forsyth
- The Rumour Mill: Monday’s football news and gossip
- Alan Pattullo: Dignity, not sanctimony, is required at Parkhead
- Motherwell 3 - 0 Hearts: Too early to talk of Motherwell finishing second insists Tom Hateley
- Scottish independence: Ruth Davidson points to welfare
Looking for...
Featured advertisers
Jobs
Search for a job
Motors
Search for a car
Property
Search for a house
Weather for Edinburgh
Monday 20 February 2012
Today
Light rain
Temperature: 8 C to 10 C
Wind Speed: 32 mph
Wind direction: South west
Tomorrow
Cloudy
Temperature: 9 C to 12 C
Wind Speed: 21 mph
Wind direction: South west

