DCSIMG
SWTS.news.image.e

An nobhail as fheàrr aig Tormod?

"'S DÒCHA gun aithnich esan mise," tha Murchadh, am prìomh charactar, ag ràdh ann an Slaightearan (Clàr, £8.99), an nobhail ùr aig Tormod MacGill-Eain. "Nach eil fhios agad gu bheil mi air a bhith air telebhisean?"

"Mhurchaidh, bha thusa air telebhisean Gidhlig," tha a bancharaid bhragha, Raonaid, a' freagairt gu pianta. "Bha thu air Speaking Our Language. Aig leth-uair an didh ceithir sa mhadainn. Chan fhaca Sam thu. Chan fhaca duine be thu."

Is toil leam sin. Dhraiginn gu robh tuilleadh ann an Slaightearan a bha buileach cho ibhinn ris. Tha deagh Wellerism ann, gun teagamh: "Mar a thuirt am bodach Barrach, tha mi ann an quadrangle." Gu m-shealbhach tha Tormod ga mhilleadh rud beag le bhith ga chleachdadh a-rithist. An do dhochuimhnich e gun robh e ann mar-th?

Tha Slaightearan air a sheatadh ann an taigh-sta san Eilean Sgitheanach, 's tha suaip lidir aige ri episod de Fawlty Towers, le caob no dh san teis-meadhain coltach ri Morecambe agus Wise – eirmseachd cainnte a-null 's a-nall eadar am Badhlach Murchadh agus bana-ghlanadair bheag Ledhasach, Mrag.

Mar as bhaist le nobhailean Thormoid, tha thu air t' fhgail a' faireachdainn gur e sgriobt TBh as motha a tha thu leughadh. Ach an turas seo dh'fhairich mi barrachd dimb ris na h-urracha mra a thionndaidh sos e na ri Tormod air son a sgrobhadh.

Oir tha 'n t-ghdar glacte lethach-shlighe eadar an d mheadhan. Le lthaireachd chorparra Thormoid, a ghloicearachd 's a ghuthan, dh'obraicheadh seo mar thelebhisean. 'S mar nobhailiche, tha e a' feuchainn ris na leasain ionnsachadh, mar gun do leugh e gach lirmheas uair bho uair. Chan eil na boireannaich ann an Slaightearan idir 'nam fodar dha na fir. Tha iad lidir ach boireann. Tha na caractaran uile air an deagh chumadh. Chan eil drabastachd ann. 'S tha tuairisgeul ann cho math ris a' chmhradh.

Saoilidh mise gur e seo an nobhail as fherr a sgrobh Tormod. Tha e cuideachd frinneach m'a bheatha fhin (ann an riochd Mhurchaidh).

Mar sin tha tr neartan aige mar sgrobhadair: tha Gidhlig bhragha aige; tha e 'na bhrd math; tha e frinneach mu a bheatha fhin. Saoilidh mi nis gu bheil nobhail mhr dhubh anns an duine mu ghloicireachd, mu dhrongaireachd 's mu bhrn.

Chomhairlichinn dhasan The Entertainer aig John Osborne a leughadh, a dhol a dh'fhaicinn na rinn Laurence Olivier 's Jack Lemmon dheth, agus tionndadh gu Shrapnel (Clr, 8.99) a dh'fhaicinn ciamar a n e nobhail cheart Ghidhlig dheth. 'S chomhairlichinn dhuibhse cothrom eile a thoirt dha agus Slaightearan a leughadh. Crdaidh e ruibh. Cha mhr nach eil e iomchaidh do dh'igridh cuideachd!

THA Scottish Gaelic Studies 23 a-mach. An toiseach, feumar filte air leth blth a chur air an aon aiste s na naoi a tha sa Ghidhlig, "Mairearad Ghriogarach: sil thiseachail air bana-bhrd air dochuimhne", le Michel Byrne.

Bha Mairearad Gleann Eireachdaidh ann an Siorramachd Pheairt, bha i be timcheall air 1750-1800, agus rinn i 34 rain a dh'fhoillsicheadh ann an 1831 – "an cruinneachadh as motha de bhrdachd Ghidhlig le boireannach mus nochd an obair aig Miri Mhr". Tha sna h-rain seo "seallaidhean cruinn, broghmhor (ged nach ann ln) air sgre ann an deis meadhan atharrachadh eaconomach, cultarail is spioradail," a rir Byrne, "tro shilean bana-Ghidheil – piuthar, mthair, bean phsta, bean chinnidh, Crostaidh".

Tha na h-aistidhean eile a' sneadh o na meadhan aoisean gu na bliadhnachan ri teachd. Tha Sharon Arbuthnot a' cur a corraig air ceanglaichean a dh'fhaodadh a bhith eadar "sgian", baile Sgin (Scone) agus na Skenes (muinntir na sgithinn?) Siorramachd Obar Dheathain. Agus abracadabra, san ath aiste tha A D M Forte a' toirt sil air beatha 's obair an sgoileir lagha Sir John Skene (c. 1540-1617) Siorrachd Obar Dheathain 's a' faotainn gu ler san obair aige a bheireadh a chreidsinn oirnn gu robh tuigse aige air Gidhlig.

Tha Anndra Breeze a' cumail a-mach gun tinig am facal Sgot-Bheurla fary on fhacal Ghidhlig "faire". Tha mi cinnteach g'eil e ceart. Se facal saighdeireil tha seo 's bha saighdearan air aon de na buidhnean bu thrithe bhiodh a' siubhal o dhthaich gu dthaich. Dh'obraich e d rathad: se faclan saighdeireil a tha sa mhrchuid den Bheurla ann am brdachd Iain Luim. Ach tha fary a' nochdadh mu 200 bliadhna roimhesan, an uair a bha Gidhlig aig crr agus leth de shluagh na h-Alba.

Tha Colm Baoill a' sgrdadh nas aithne dhuinn de bheatha 's obair triir an eachdraidh litreachas na Gidhlig air an robh Raibeart Caimbeul (agus aonan air an robh Rob an Roibein) 's a' faighneachd an e an aon duine a bh' annta. Tha Chrisma Bould a' toirt sil air an Urr. Aonghas MacCoinnich Tung ann an Ledhas a sgrobh Eachdraidh na h-Alba (1867). Gu h-inntinneach, cha b' urra do dh'Iain g le a thuigsinn car son a sgrobhadh duine leabhar eachdraidh ann an Gidhlig!

Tha Nancy McGuire a' toirt dhuinn clr mionaideach de phipearan a' Chaiptein Alastair MacMhathain Dirnidh, a tha 'nan ln chiste de bhrdachd thradiseanta. 'S tha Iain S Mac a' Phearsain a' sgrdadh brdachd Ghidhlig Eilean a' Phrionnsa.

Mu dheireadh, ann an aiste a bheir cagnadh do luchd-iomairt, tha Iain Galloway a' coimhead air ceanglaichean eadar cnan agus cultar. Bidh buidhnean poblach a-mach air "cnan agus cultar na Gidhlig" mar gun robh iad 'nan nithean air leth; faighneachd do Ghrdan Brown, ge-t, ciamar a bheir Muslamaich cultar Bhreatainn orra fhin 's their e anns a' bhad: "Le Beurla ionnsachadh."

Gheibhear Scottish Gaelic Studies o Roinn Cheiltis Oilthigh Obar Dheathain, prs 21.50.


Find It

"Business owner? - Claim your business and Advertise with us"

In association with qype logo

Looking for...

Featured advertisers

Jobs

Search for a job

Motors

Search for a car

Property

Search for a house

Weather for Edinburgh

Sunday 27 May 2012

5 day forecast

Today

Sunny

Sunny

Temperature: 10 C to 22 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Tomorrow

Sunny

Sunny

Temperature: 9 C to 21 C

Wind Speed: 12 mph

Wind direction: North east

Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.

Scotsman.com provides news, events and sport features from the Edinburgh area. For the best up to date information relating to Edinburgh and the surrounding areas visit us at Scotsman.com regularly or bookmark this page.