Tomaidh Sheridan aig Talla Fàrr

Sheridan le cuid de mhuinntir F�rr. Ri a thaobh, deas, tha fear''cathrach na coinnimh, Alasdair Foirbeis, tuathanach san sg�re. Picture: Contributed
Sheridan le cuid de mhuinntir F�rr. Ri a thaobh, deas, tha fear''cathrach na coinnimh, Alasdair Foirbeis, tuathanach san sg�re. Picture: Contributed
Share this article
1
Have your say

’S DÒCHA gur e an dòigh anns a bheil Tomaidh Sheridan air a riochdachadh sna meadhanan an t-adhbhar nach eil feadhainn air son nochdadh aig na tachartasan aige.

Ach tha iad sin nach eil air son a bhith an làthair a’ call a-mach air rud gu math sònraichte agus misneachail.

Tha Sheridan air a bhith a’ bruidhinn aig tachartasan air feadh na dùthcha, ag iarraidh air an t-sluagh Alba na b’ fheàrr a chruthachadh – dùthaich ás am bi iad moiteil, a bhuineas don t-sluagh ’s a th’ air a cruthachadh leis an t-sluagh.

Bha Talla Fàrr, faisg air Inbhir Nis, glè fhortanach Tomaidh Sheridan fhaighinn air son feasgar bho chionn ghoirid.

Chaidh an oidhche fhosgladh le ceòl tradiseanta agus port no dhà air an ùr sgrìobhadh. Chum Sheridan cùisean a’ dol le cunn­tas air na beachdan aige air an referendum ’s e ’g innse dhuinn mun t-seòrsa dùthaich a bu mhath leis fhaicinn.

Seach gur e sòisealach a th’ ann, tha e air son ’s gun cuir sinn an ola ’s an dealan fo smachd a’ phobaill an àite companaidhean prìobhaideach a bhith a’ faigh­inn buannachd ás an stòras.

Nochd aineas Sheridan nuair a thòisich e a’ bruidhinn mu airm lèirsgriosail. Dh’fhaighnich e car son nach eil airgead gu leòr againn son na daoine as bochda a chuideachadh ged tha gu leòr ann air son airm léirsgriosail nach urra dhuinn an cleachdadh.

Tha gionachd na mionchuid a’ cur dragh mòr air Sheridan fhad ’s a tha e a’ mìneachadh buaidh a’ chiad chuairt de ghearraidhean Westminster. Thathar ag aithris gu bheil bònasan nam bancair­ean a-nis nas motha na bha iad ron chrìonadh, ach aig an aon àm le buaidh nas motha air an fheadhainn as bochda. Chan eil ach seachdainean ri dhol gus an referendum ’s tha daoine feum­ach air freagairtean gu sgiobalta.

Bha an luchd-èisteachd gu math dealasach air an oidhche. Chaidh làmhan an àird cho luath ’s a bha an cothrom ann, agus fhreagair Sheridan gach ceist le ciall agus tuigse, gun a bhith a’ meabadaich.

Se na rinn an tachartas cho soirbheachail an uidhir de làmh­an a chaidh an àird aig deireadh na h-oidhche a’ sealltainn na feadhainn nach robh cinnteach a bha a-nis a’ beachdachadh air taobh “Bu Chòir”. Na bha ’na iongnadh buileach b’e gun robh neach a bha tur an aghaidh neo-eisimeileachd a-nis a’ beachd­achadh air inntinn atharrachadh.

Ged a bha an talla cha mhòr làn air an oidhche, fhuair luchd-eagrachaidh teachdaireachdan bho diofar dhaoine a bha cianail fhèin duilich nach b’ urrainn dhaibh a bhith ann. Ach gu fortanach, air sgàth ’s gu bheil Tom­aidh air nochdadh aig an uidhir de thachartasan, tha gu leòr de na h-òraidean aige ri’n lorg air-loidhne. B’e film de Sheridan a’ bruidhinn ann an Eaglais St Bryce ann am Fiobha an t-adh­bhar gun do dh’iarr an luchd-
eagrachaidh aig Talla Fàrr air a thighinn dhan sgìre aca.