Toirt na Nollaig dhan Eòrpa an-Ear

0
Have your say

IS toigh leinn uile mun àm seo dhen bhliadhna a bhith còmhla ri càirdean ’s ri caraidean. Bidh sinn a’ coimhead air adhart ri latha no dhà còmhla aig an taigh: blàth, buidheach, beann­aichte. Ach mar a tha fhios ag­ainn, chan eil a h-uile duine cho fort­an­ach sin, agus fiùs anns an Roinn Eòrpa a tha cho beartach an coimeas ri càch, tha gu leòr ann fhathast a tha ri uchd cruadail.

Dh’fhaodadh rudeigin gu math beag a bhith ciallachadh tòrr dha na daoine sin, agus sin an dearbh smuain a tha air cùl na h-iomairt a bhios aig Cùram Bylthswood, buidheann-carthannais Chrìosd­ail, a h-uile bliadhna aig àm na Nollaige. Bidh iad ag iarraidh air daoine bogsaichean-bhrògan a thoirt dhaibh a tha air an lìonadh le tiodhlacan beaga, leith­id dèideag bheag, peansail­ean, suiteas, siabann ’s mar sin air adhart. Bidh iad an uair sin gan cur a-null thairis gu daoine bochda ann an dùthchannan mar Rum­àinia, an Ungair, Bulg­àiria, Alb­àinia, Kosobho, Searbia ’s an Ug­ràin. “Thòisich sinn na bogs­aich­ean ann an 1993,” tha Fionn­lagh MacCoinnich a’ mìneachadh. “Chuir sinn mu 400-500 bogsa a-null thuca sa bhliadhna sin.

“Dh’fhàs e bhon uair sin. Bidh sinn ag amas air eadar 120,000 agus 130,000 bogsa a chur a-null thairis gach bliadhna a-nis. Tha sinn air 1.5 millean bogsa a lìbhrigeadh bhon a thòisich sinn.”

Ged a tha cuid de na dùthchannan anns am bi Blythswood ag obair san Aonadh Eòrpach, a rèir Fhionnlaigh tha pàirtean dhiubh fhathast gu math bochd: “Se fìrinn na cùise gu bheil tòrr de na daoine ann an Taobh Sear na Roinn Eòrpa fhathast cho bochd ’s a bha iad mun àm a thuit na riaghaltasan Comann­ach. Tha an crìonadh econamach air droch bhuaidh a thoirt orra, ’s uaireannan tha iad nas miosa dheth na bha iad fiùs an uair sin. Nan seallainn dealbhan dhut bho nuair a bha sinn a’ lìbhrigeadh bhogsaichean san Ung­air o chionn bliadhna no dhà, shaoileadh tu gur e Rumàinia no Moldòbha a bh’ ann, ach cha b’è.

“Tha Budapest fhèin gu math goireasach, tha a h-uile rud a dh’iarradh tu ann. Ach chan fheum thu a dhol ro fhada gus am faic thu fìor bhochdainn. Bha sinne ann an taighean san Ung­air an-uiridh ’s bha am mullach a dhìth orra, cha robh ann ach plastaig sna h-uinneagan aca. Sin na daoine air a bheil sinn ag amas leis na bogsaichean, daoine aig nach eil mòran sam bith.”

Aon teaghlach aig nach eil mòran se an teaghlach aig Svetlana, màthair le triùir chloinne a tha a’ fuireach san Ugràin. Thuirt Tanya Shpigunova bho “Global Action – Ugràin”: “Tha triùir chloinne aig Svetlana, agus an gille as òige aice 8 mìosan. Tha an duine aice sa phrìosan agus nuair a thuit an t-Aonadh Soviet chaill i a cairt-siubhail ’s chan urrainn dhi saoranachd Ugràineach a thoirt a-mach. Gun chead-siubh­ail chan eil còraichean idir aice. Chan fhaigh i obair no àite fuirich. Tha i a’ fuir­each ann an taigh beag nach eil idir freagarrach mar àite-còmh­naidh. Chan eil ann ach aon rùm a tha gu math fuar, far am bi an teaghlach ag ithe, a’ cadal ’s gan nighe fhèin.

“Bha na tiodhlacan a fhuair iad ’nan cuideachadh mòr. Bha i cho toilichte siabann agus rudan eile fhaighinn son an leanaibh. Tha cruaidh fheum aice air nith-­ean mar sin. Chòrd na preus­ant­an gu mòr ris a’ chlann ’s bha an gille beag air a bheò-ghlac­adh leis na teadaidhean ’s na leabh­raichean dathte a fhuair iad.

“Tha e iongantach nas urrainn do dhuine a chur ann an aon bhogsa. Agus se as cudromaiche buileach dha na daoine a gheibh na bogsaichean seo, gun robh cuideigin a’ smaoineachadh orra.”

Mar a tha Fionnlagh ag ràdh, bidh Blythswood agus na buidh­n­ean leis a bheil iad ag obair a’ toirt seachad bogsaichean do dhaoine òga ’s daoine nas sine, ’s gach aois a’ dèanamh toileachas mòr ris na gheibh iad.

“Tha aon sgeulachd inntinn­each ann,” tha Fionnlagh ag innse dhomh. “Chan eil mi cinn­teach an e na bogsaichean ag­ainne a bh’ ann, no bogsaichean bho bhuidheann eile. Co-dhiù, bha aon bhliadhna ann ’s bha an gille òg a bha seo a fhuair bogsa ’s nuair dh’fhosgail e e, cha robh ann ach stocainnean, tòrr phaidh­richean de stocainnean ùra.

“Nuair a chunnaic na daoine dè bh’ anns a’ bhogsa, chaidh iad a dh’iarraidh fear eile. Ach cha robh an gille beag son am bogsa aige a thoirt seachad idir. Agus an uair sin chaidh innse dhaibh gu robh rudeigin ceàrr air na casan aige ’s cha b’ urrainn dha ach stocainnean a chur air. Nise cha robh fhios aig duine ciamar a bha bogsa ann a bha làn stoc­ainnean no ciamar a fhuair an gille beag e, ach mar thachair, sin an dearbh rud a bha dhìth air!”

Bidh na làraidhean mu dheireadh aig Blythswood a’ falbh an-dràsta a-null chun an ear, feuch am faigh na daoine air a bheil feum dha-rìribh air tiodhlac Nollaige rudeigin a bheir togail-cridhe dhaibh ’s a chuireas ’nan cuimhne gu bheil daoine ann, nach aithne dhaibh idir, a tha a’ smaoineachadh orra. Nach prìs­eil an tiodhlac a thig bho choigreach, ’s nach mòr an toileachas a thig á bogsa.

Back to the top of the page