‘Thàinig sinn a chluinntinn rudeigin brosnachail mun Aonadh’

Share this article
0
Have your say

Chum Danny Alexander, Àrd Rùnaire an Ionmhais agus ball-pàrlamaid Westminster air son Inbhirnis, Inbhir Nàrainn ’s Bàid­eanach / Srath Spéidh, coinn­eamh phoblach ann am Baile Ùr an t-Sléibh an t-seachdain sa chaidh mar phàirt den iomairt aige an aghaidh neo-eisimeileachd.

Bha an talla coimhearsnachd làn le mu 70 duine. Ach le dusan dhiubh sin ’nan luchd iomairt air son neo-eisimeileachd agus mu dheichnear luchd-obrach Lib-Deamach an sàs, cha bhiodh ach mu lethcheud den phob­all san àite, seann daoine air fad.

Aig aon àm bha croitearan agus tuathanaich na dùthcha
taiceil do na Libearalaich. Tha e coltach gu bheil rud beag den dualchas sin a’ dol fhathast agus dithist bhodach, deagh charactaran a tha ainmeil san sgìre, an làthair. Ach bha coltas car math dheth air càch, mar dhaoine a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh agus taigh a cheannach sa Ghaidhealtachd. Sann ris an fheadhainn sin a bha Danaidh òg a’ bruidhinn ’s e a-mach air “iad”, na h-Albannaich, seach “sinne”. “Se daoine comasach a tha anns na h-Albannaich ach bhiodh bliadhnachan móra mus b’ urrainn dhaibh na structaran a tha dhìth a leasachadh.”

Dé na structaran, cha d’thuirt e. Ma bha e ro fhaiceallach gun a bhith ag ràdh gu bheil na h-Alb­annaich ro ghòr­ach air son neo-eisimeileachd bha e ro dheònach a ràdh gu bheil Alba ro bheag agus ro bhochd. “Tha sinn nas fheàrr còmhla, oir bhiodh aig Alba ri fiachan móra a phàigh­eadh.” Nuair dh’fhaighnich cuid­eigin dheth nach robh Breatainn fo fhiachan a bha nas motha, cha d’fhuair iad ach crathadh cinn mar fhreagairt agus: “Tha Breat­ainn mór gu leòr air son déiligeadh ri cunnart sam bith.”

Còmhla ris bha fear Alan Savage, ceannard an Orion Group, stéidhichte ann an Inbhir Nis, a tha, mas fhìor, a’ smuaineachadh air Alba fhàgail. Ged a tha an Orion Group a’ déilig­eadh ri mu fhichead diofar dhùthchannan, cha ghabhadh sin dèanamh ann an Alba neo-eisimeileach. Cha do mhìnich e car son. Tha dubh-ghràin aige ri nàiseantachd,
thuirt e, “bhon a bha mo sheanair ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne agus se Làbarach a tha annam”. Nuair a dh’fhaighnich cuideigin mu nàiseantachd nam pàrtaidhean Breatannach, thuirt e: “Chan eil sìon a dh’fhios agam air sin.”

B’ ann air “Alex Salmond agus na Nàiseantaich” bu mhotha a bha Alexander agus Savage a-mach, innleachd a chuir fearg air bodach a dh’eubh “Thàinig sinn a chluinntinn rudeigin bros­nachail mun Aonadh ach tha seo gam shàrachadh. Tha mise dol dhachaigh.”

Ma tha Danaidh air son taic a chumail, feumas e teachdair­eachd ùr a leasachadh.

Back to the top of the page