Tha feum aig grunnd Linne Chluaidh air dìon

Picture: Contributed

Picture: Contributed

0
Have your say

GED a bha i air aon de na raoin­tean iasgaich a bu thorraiche san Roinn Eòrpa bho chionn lethcheud bliadhna, tha an àireamh de dh’iasg an Linne Chluaidh air tuiteam gu mòr. An-diugh cha mhòr gu bheil sgeul air saoidh­ean mòr fo sgàil creige, no air trosg a’ sealg san doimhneachd mar a bhà, agus tha fiù crìonadh air cliathan mòra nan rionnach a bhiodh a’ tionndadh na mara dubh rè mìosan an t-samhraidh.

Tha dàibhearan, iasgairean slaite agus luchd glèidhteachais am beachd gur e bliadhnaichean de thràladh trom, ’s gu h-àraidh sgrìobadh a’ chreachainn, as coir­each. Ach le Riaghaltas na h-Alba fo dhleastanas Eòrpach 16 roin­nean dìonta mara (RDM) a stèidh­eachadh ro 2016, is dòcha gu bheil atharrachadh air fàire.

Ann an 1995, stèidhich dithis Arainneach UMCA (Ùgh­darras Mara Coimhearsnachd Arainn). ’S iad a’ cleachdadh rannsachaidh­ean bho Oilthigh Eabhraic agus roin­n­ean dìonta mara thall thairis, thog iad fianais a nochd buann­achdan nan sgìrean sòn­raichte seo do shlàinte na mara. Ann an 2008 chaidh mìle cheàr­n­agach eadar Eilean Mo-Laise agus Ar­ainn ainmeachadh mar roinn ghlèidhteachais mara – a’ chiad roinn dhìonta san dùth­aich – ás nach fhaodar beathach mara sam bith a thoirt. A rèir Anndra Binnie, an t-Oifigear Pròiseact Mara, thàinig piseach mar-thà. “Thathar a’ faicinn meud­achadh air an dà chuid àireamh agus meud nan creachannan am broinn na roinne, agus tha coltas ann cuideachd gu bheil bith-iom­adachd nas àirde ’na broinn na air an taobh a-muigh.”

Tha an fhianais bho roinnean dìonta mara eile làidir gu dearbh, a’ sealltainn nach eil iad a’ dìon agus ag ùrachadh beathaichean mara am broinn na roinne dìonta fhèin, ach a’ cur am meud bith-iomadachd agus bith-thom­ad na mara timcheall orra.

Ann an 1994, dhùineadh trì roinnean 17,000 cm2 ann am meud air Bruach Sheòrais far oir­thir Rubha nan Trosg sna Stàit­ean Aonaichte, an dèidh crìonadh mòr an àireamhan an èisg. Thòisich luchd-saidheans bho Ionad Saidheans Iasgach an Ear-Thuath a’ clàradh gnè agus meud an èisg, beathaichean a bh’ air an glacadh gu tubaisteach, agus ac­ainn nan tràlairean. Le roinn­ean iasgaich gu minig air an dùnadh chan ann a rèir crìoch-ghlacaidh na gnè-amais ach a rèir crìoch-ghlacaidh gnè dhàrnach air am faod an t-iasgach bualadh, tha bith-iomadachd na mara dìonta air fad. Tha bith-thomad a’ chreachainn, agus roinnean a bh’ air an dùnadh nuair a ghlacte meud sònraichte de lèabagan earbaill-bhuidhe, air fàs deich uir­ead bhon ìre as ìsle ann an 1993, cha mhòr aig an ìre aig an robh i ron chrìonadh mhòr.

Ann an Canada tha bàtaich­ean-sgrìobaidh a’ chreachainn a-nis a’ glacadh trì uiread ann an 25,000 uairean a thìde na ghlac iad ann an 125,000 uair mus tàinig atharrachaidhean a-steach ann an 1986, ’s ann an Tìr na Bànrigh, Astràilia, tha an ìre ghlac­aidh a-nis air tilleadh chun na h-ìre aig an robh i sna 60an an dèidh còig ás a’ cheud de na roin­n­ean iasgaich a bhith air an dùn­adh ann an 2002. Tha an Fhraing, Eilean Mhanainn agus Seallainn Nuadh uile air buannachdan fhaighinn, an dà chuid ionmhas­ail agus air an àrainneachd, as dèidh dhaibh roinnean dìonta mara a stèidheachadh.

Follaiseach agus gu bheil na buan­nachdan do riaghaltasan ’s do dh’iasgairean cèine, tha e col­tach nach eil Riaghaltas na h-Alba gan aithneachadh, ’s iad a’ diùltadh an tagraidh aig UMCA air son RDM a chuartaicheadh Arainn air fad. “Cha do leig Rich­ard Lochhead còir le Comann Iasgairean Cluaidh roinn dìonta mara a chur air dòigh a dh’ob­raicheadh ’na roinn ‘bufair’ don roinn ghlèidhteachais. Ged a bha an sluagh den bheachd gum bu chòir dhi bhith ann, ’s gun robh fianais shaidheansail ga moladh, chuir an Comann Iasgairean ’na h-aghaidh ’s cha tàinig i gu bith.”

Le roinnean dìonta mara dùinte do bhàtaichean-sgrìob­aidh ’s tràlairean ach fosgailte do bhàtaichean chliabh ghiomach, do dh’iasgairean slaite agus do dhàibh­earan, tha iad a’ brosnachadh iasgach aig ìre sheasmhach, agus aig an aon àm a’ toirt coth­rom don mhuir tilleadh gu slàinte. Tha Dàibhidh Hodge,, a tha ’na sgiobair air bàta chliabh ghiomach ann an Àird Rosain agus ’na chathraiche air Comann Acainn Shuidhichte Shiorrachd Àir agus Cluaidh, a’ cur fàilte air roinnean dìonta mara. “Se rud math a bhiodh annta. Chan eil mi air son tràlairean a stad, oir feumaidh sinn uile cosnadh a dhèanamh, ach feumar smachd a chur air acainn; tha lìonadh-dùb­ailte a’ dèanamh dà uiread sgrios air grunnd na mara. Tha rudan cho dona ’s nach eil tràl­airean an tòir air glas-iasg tuilleadh, oir chan eil iad ann. Tha sgrìobadh a’ chreachainn borb – tha iad a’ creachadh na h-uile.”

B’e fosgladh na crìche trì mìle, roinn dìonta a chuairtich oirthir na dùthcha air fad gu ruige 1984, a mharbh Linne Chluaidh uile gu lèir, ach on bha a’ chreach fo luasgadh nan tonn, tha a’ mhòrchuid aineolach. Deich bliadhna as a dhèidh, thàinig crìoch air an Each Gheal, an fharpais iasgach-mara as motha ann an Alba, nuair a dh’fhàillig 1,180 iasgair trosg a ghlacadh eatarra air oir­thir Shiorrachd Àir. Chuireadh ás cuideachd, còmhla ri iomadh farpais eile, do dh’Fhèis Loch an Eilein aig an aon àm, agus cuid­eam-glacaidh air tuiteam bho cha mhòr ochd tunna èisg ann 1967 gu neoni. Chan eil ach aon bàta charter air fhàgail an coim­eas ri 51 ann an 1981.

Cha tig buain bho achadh seas­­gach, ge brith dè cho tric ’s a threabhar e. Ma tha iasgach gu bhith ann an Cluaidh idir, agus ann an Alba gu lèir, feumaidh an Riaghaltas an fhìrinn innse do ghnìomhachas an iasgaich mu na tha riatanach gus stocan èisg ùrachadh. Feumaidh e buann­achd­an roinnean dìonta mara a dhèan­amh shoilleir.

Le aon de na roinnean dìonta air a bheil an Riaghaltas a-nis a’ beachdachadh gu bhith a’ dol timcheall ceann a-deas Arainn, is dòcha gum faigh Mgr Binnie ’s na mìltean de dhaoine eile a fhuair tlachd agus cosnadh bhon stòras nàdarra iongantach seo cothrom Cluaidh fhaicinn mar a bhà. Dh’fhaodadh dìleab roinn ghlèidhteachais Eilean Mo-Laise a bhith a-cheart cho cudromach ri iomadh duine iomraiteach a dh’fhag ainm air Arainn agus Cluaidh.

Back to the top of the page