Tha feum aig bile an fhearainn air fiaclan

A' bualadh air adhart dhan �m ri teachd: chaidh an dealbh seo a thogail ann an Giogha anns an D�mhair 2001 nuair chaidh a ghairm gun robh a' choimhearsnachd air an t-eilean a cheannach.

A' bualadh air adhart dhan �m ri teachd: chaidh an dealbh seo a thogail ann an Giogha anns an D�mhair 2001 nuair chaidh a ghairm gun robh a' choimhearsnachd air an t-eilean a cheannach.

Share this article
0
Have your say

Thathar den bheachd gur ann fo shealbh dìreach 432 duine a tha leth den talamh phrìobhaideach ann an Alba. Tha e mar àir­eamh bho na Meadhan Aoisean nuair a bha siostam fiùdalach aig àirde. Agus ged a tha a-nis mu 500,000 acair de dh’fhearann fo shealbh agus stiùir choimhearsnachdan an Alba, chan eil sin ach ’na sgrìob bheag an coimeas ris na rèidhleanan agus mon­aidh­ean farsaing th’ aig daoine fa leth agus buidhnean prìobh­aideach.

Tha fianais ann, gu h-àraidh bho am measg nan coimhearsnachdan fhèin, gu bheil iomairt an fhearainn a thòisich le crait­earan ann an Asainte ann an 1993 air diofar mòr a dhèanamh sna ceàrnaidhean a tha nis fo smachd nan coimhearsnachdan. Ach ’s dòcha gun robh an spionnadh ’s an lùths a bha cho follais­each nuair a bha an iomairt iongantach seo aig àird an t-siùil air tràghadh rud beag anns na beag­an bhliadhnaichean a dh’fhalbh, thoradh chan eil an sporan pob­lach air a bhith cho fialaidh agus tha an taic phoilitigeach air sìol­adh ás beagan.

Ma tha ceartas gu bhith ann a thaobh fearann na h-Alba, agus se ceartas a tha dhìth, feumaidh an taic phoilitigeach sin tilleadh agus tha feum air taic bhon lagh.

Tha coltas ann le Bile Ath-Leasachadh an Fhearainn gu bheil cothrom gu bhith ann air an taic sin, gu ìre co-dhiù. Tha am Bile ag iarraidh gum bi aithris aig Riaghaltas na h-Alba air còr­aich­ean agus dleastanasan co-cheangailte ri fearann. Tha sin a’ fàgail uallach air an Riaghaltas na h-amasan aca air son ath-leasachadh an fhearainn a chur an cèill. Nise tha am pàirt seo den lagh an crochadh air cho taiceil ’s a bhios gach riaghaltas do dh’ath-leasachadh an fhearainn, ach tha coth­rom ann leis a’ chumha seo amasan gu math adhartach a stèidheachadh, nam bu toil leis an riaghaltas sin a dhèanamh.

A thuilleadh air an uallach reachdail a tha dol a thighinn air riaghaltasan gus beachdachadh gu ìre air choreigin air cùisean fearainn gach còig bliadhna tron aithris sin, tha am Bile cuideachd a’ moladh Comisean Fearainn na h-Alba a stèidheachadh a bhios a’ dèiligeadh ri cùisean fearainn. A-rithist, dh’fhaodadh a’ bhuidh­eann seo a bhith mar mheadhan fìor mhath gus cùisean co-cheangailte ri fearann coimhearsnachd a thoirt air adhart am measg ghnothaichean eile. Bidh buaidh a’ chomisein an crochadh air dè na cumhachdan dha-rìribh a bhios aige.

Se an naidheachd as motha a thàinig ás a’ Bhile gu bheil a’ chòir aig coimhearsnachdan gus fearann a cheannach gu bhith air a neartachadh, ach a-rithist chan eil e buileach soilleir, dhòmhsa co-dhiù, ciamar a tha an cumhachd ùr seo a’ dol a dh’ob­air. Tha ceangal aig a’ chòir ùr ri leasachaidhean seasmhach (gum bith­ear a’ cleachdadh an fhearainn gus cur ri leasachaidhean seas­mhach), ach chan eil e soilleir dè dha-rìribh a th’ ann an leasachadh seasmhach bhon Bhile. Agus bidh aig Ministearan na h-Alba ri co-dhùnadh a dhèanamh a bheil còir aig coimhearsnachd air fearann a cheannach ri linn nan slat­an-tomhais sa Bhile. Mar sin, ged a tha am Bile, mar tha e an-dràsta, a’ toirt dhuinn frèam laghail gus fearann a cheannach, bidh cho feumail ’s a tha an lagh sin an crochadh gu ìre air taic phoilitigeach an riaghaltais.

Se gearan a tha air a bhith ann o chionn ghreis a thaobh fearann coimhearsnachd nach eil gu leòr airgid air a bhith ann air son coimhearsnachdan a chuideachadh le bhith ga cheannach. Tha cumha eile sa Bhile a tha gu bhith a’ dèiligeadh ris an duilgh­eadas sin, tha e coltach. Tha e a’ moladh gum feum oighreachd­an seilge cìsean gnothachais a phàigheadh a-rithist, agus thèid an t-airgead a gheibhear bho na cìsean sin a chur ri Stòras Fear­ainn na h-Alba.

Tha uachdarain agus sealbh­adairean fearainn, mar a shaoil­eadh tu, gu math draghail mun reachdas ùr seo, ’s iad ag ràdh nach eil sa Bhile ach cleas Mug­abe – gum bi an Riaghaltas a’ spìonadh fearann bho dhaoine aig a bheil sealbh dligheach air an fhearann sin, ’s gun tèid ceud­an de dh’obraichean a chall air an dùthaich ri linn nan cìsean ùra.

Ach dhòmhsa chan eil cus cunnairt ann gun tachair sin leis a’ Bhile mar a tha e an-dràsta, oir chan eil mi smaoineachadh gun aontaich an Riaghaltas ri fearann a cheannach bho dhaoine an aghaidh an toil ro thric agus dìr­each nuair tha adhbharan làidir ann. Chan eil ceudan de dhaoine a’ dol a chall obair ri linn nan cìs­ean: gu dearbh, ma thèid an t-airgead a chosg air fearann coimh­earsnachd, tha a h-uile teans ann gun cruthaich e obraichean.

Se a chanainn mun Bhile nach eil e làidir gu leòr, mas e a tha fa-near dha ceartas a thoirt do choimhearsnachdan na h-Alba. Bu chòir an lagh a bhith soilleir a thaobh dè na suidheachaidhean a th’ ann far am faod coimhearsnachd fearann a cheannach, agus mar a tha am Bile an-dràsta tha a’ cheist sin gu math fosgailte. Èirigh ’s falbhaidh taic phoilitig­each, ach mairidh lagh. Agus ma tha an lagh sin làidir agus soill­eir, bheir e ceartas dhuinn.

Chan eil am Bile ’na lagh fhathast, agus tha mi an dòchas gun tèid a neartachadh feuch an toir e fìor ath-leasachadh air fearann na h-Alba.

Back to the top of the page