Tha ‘Eòrpa’ 20 bliadhna de dh’aois

0
Have your say

Chaidh Eòrpa a chraoladh an toiseach air BBC2 ann an 1993. Tha e air a bhith air an èadhar bhon uair sin ’s air BBC Alba bho 2008.

Gach seachdain tha an sgioba a’ dol gu dùthchannan air feadh na Roinn Eòrpa gus rannsachadh a dhèanamh air cùisean eadar-dhealaichte. Aig an àm seo is iad Anna Londun agus Darren Linc a tha ag aithris, ’s tha am prògram air a riochdachadh le Rebecca NicIllFhinnein.

Am measg an fheadhainn a tha air a bhith an sàs ’s a tha air adhartas a dhèanamh ann an craoladh tha Iain MacAonghais, Alasdair Friseal, Iain Moireasdan, Ruairidh Rothach, Cailean MacFhionghain, Derek MacAoidh, Anna NicLeòid agus Angela NicIlleathain. Bidh iad a’ dèanamh sgrùdadh air diofar chuspairean, leithid mar a tha a’ dol do ghnìomhachas a’ chàise anns an Eadailt, cor nam mathan fiadhaich ann an Romàinia, àmhghar nan Iùdhach sa Phòlainn, euthanasia a tha laghail anns an Òlaind, ’s na trioblaidean sna dùthchannan anns an t-seann Iùgoslabhia.

Tha mòran a’ faotainn obair an lùib a’ phrògraim, oir bidh daoine a’ bruidhinn ann an cànan na dùthcha agus tha sin an toiseach air eadar-theangachadh gu Beurla, an sin gu Gàidhlig, ’s an uair sin tha fo-thiotalan air an cur gu h-ìosal ann am Beurla.

Tha mòran aig nach eil Gàidhlig a’ leantainn Eòrpa ’s a’ dèanamh luaidh air. ’Nam measg tha an craoladair Tam Cowan.Thuirt Blair Jenkins, Ceannard Comisean a’ Chraolaidh, “Tha Eòrpa air a bhith a’ faotainn duaisean agus a’ nochdadh air clàr BAFTA gu cunbhalach. Tha e inntinneach agus tarraingeach agus tha na h-àireamhan a bhios ga choimhead a’ dearbhadh sin. Is math as airidh iadsan a tha ga riochdachadh air moladh, oir tha e a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig air feadh na dùthcha.”

Is math gu bheil Gaidhil agus Goill an dòchas gun cum Eòrpa a’ dol.

Back to the top of the page