Tha crodh aig cridhe nan òran againn

"Bha boireannaich an s�s, agus toilichte a bhith an s�s, leis a' chrodh gu �re nach robh ann riamh le caoraich." Sh�os: Se�naid Ghriogair

"Bha boireannaich an s�s, agus toilichte a bhith an s�s, leis a' chrodh gu �re nach robh ann riamh le caoraich." Sh�os: Se�naid Ghriogair

Share this article
0
Have your say

Se leabhar gu math mór a th’ ann an Ri Luinneig mun Chrò: Crodh ann am Beatha agus Dualchas nan Gàidheal le Seònaid Ghriogair (Grace Note, £20). Tha còrr math agus 400 taobh-duilleig ann, ach cho luath ’s a dh’fhosglas tu e thig e thugad gu bheil òrain agus dàin a’ toirt suas mu 250 dhiubh – bho ‘M’ Iteagan is m’ Eòin is m’ Uighean’ (àir. 1) gu ‘Crò Chinn t-Sàile’ (àir. 296), 
air an roinn ’nan deich earrannan.

Tha a’ chiad cheud gu leth taobh-duilleig air an toirt suas le deich caibidealan – fo na h-aon chinn ris na h-òrain ’s na dàin. ’S iad na cinn: “Crodh ann am Beatha nan Daoine”; “Eilthireachd agus Atharrachadh” (leithid nam fuadaichean); “Tochraidhean agus Beairteas”; “Creach agus Call”; “Buachailleachd”; “Bainne agus Bleoghan”; “An Àirigh: Ùrachadh agus Gaol” (is toil leam sin); “Dròbhaireachd agus Fèilltean”; “Creideamh, Os-Chràbhadh agus Dìomhaireachd”; “Tairbh . . . agus Tàlaidhean”.

Tha e follaiseach gur e leabhar luachmhor a tha seo. Tha tobar gach nì notaichte gu faiceallach. Innsidh tìm dìreach dé cho luachmhor ’s a tha an cruinneachadh: rinn an t-ùghdar feum math de Thobar an Dualchais agus de dh’iomadh leabhar, iomadh iris, iomadh teip, iomadh CD. Mar eisimpleir, thug mi an aire anns a’ bhad gun do lorg an t-ùghdar tuilleadh rannan ri òran anns a bheil ùidh agam fhìn, ‘An Caimbeulach Dubh’ a rinn fear ris an canadh iad an t-Àireach Muileach. Tha iad ann an seann leabhar nach eil ri fhaotainn, a réir choltais, ach ann an Leabharlann Oilthigh Ghlascho.

Ach chan e na h-òrain ’s na dàin an aon seòrsa cruinneachaidh a rinn Seònaid Ghriogair. Tha na caibidealan fhéin loma-làn earrannan de rosg ’s de bhàrdachd, Gàidhlig agus Beurla, a lorg i an siud ’s an seo ann an litreachas na beul-aithris ’s an t-siubhail, agus tha fios gu bheil iad sin luachmhor cuideachd, co-dhiùbh tha ùidh air leth agad ann an crodh gus nach eil – gu math tric, chanainn-sa, bidh iad luachmhor a chionns gu bheil iad a’ stiùireadh an leughadair gu leabhar no aiste inntinneach air nach robh e eòlach roimhe, mar a rinn iad dhòmhsa.

Se an treas rud an seanchas aig Seònaid Ghriogair a tha a’ ceangal nan eisimpleirean sin. Chan eil mi buileach cho cinnteach dé an luach a th’ ann. Mar eisimpleir, tha i ag ràdh, “’S e buachaille a bh’ anns a’ bhàrd Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus is mathaid gur esan a rinn an dàn ‘Ge beag orts’ an Caimbeulach Dubh’, foillsichte ann an 1751, airson taic a thoirt do bhuachaille eile, a fhuair càineadh bho athair Alasdair airson leigeil le crodh a dhol air an fhearann aige.” Ach cha robh Alastair ’na bhuachaille riamh – ciamar a bhitheadh, ’s e ’na mhac ministeir aig an robh tac Dhail Eilghe. Bhiodh seirbheisich agus gillean beaga ac’ air son buachailleachd a dhèanamh. Bha còir fios a bhith aig Seònaid Ghriogair air a-sin. Chan è, tha ‘An Caimbeulach Dubh’ ’na mheatafor son buachailleachd dhaoine, gan cumail san Eaglais Phròstanaich Easbaigich neo gam fàgail aig na Caitligich. Agus an-dràsta ’s a-rithist tha an t-ùghdar a’ toirt tòrr rum gu rud innse dhuinn anns a bheil glé bheag stàth, co-dhiù a thaobh cruidh! Leithid: “Ri linn ar-a-mach nan Seumasach thug Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair brosnachadh do mhuinntir cinnidh anns a’ cheathramh seo . . .

’S ged tha sibh gun airm,

gun aodach, gun spréidh,

Gu faigh sibh bhuaith’ fhéin

gach aon seòrsa,

A dh’fheumas ’ur cuirp

’s ’ur n-anam gu feum,

Gus an dean sibh

a’ bhéist ud fhògradh!

Chan eil crodh ach anns a’ chiad loidhne – se “a’ bhéist” an Rìgh Deòrsa, ged nach eil an t-ùghdar a’ deanamh sin soilleir: tha i ’g ràdh gu bheil an ceathramh seo “a’ sealltainn gun robh sprèidh fhathast air am measadh gu mòr mar stòras ann am meadhan na h-ochdamh linn deug”. A bheil e buileach riatanach rud cho follaiseach a dhearbhadh dhuinn?

Uill, ’s dòcha gu bheil. A’ bruidhinn ri daoine eile mun leabhar seo, bhuail e orm nach eil luchd-leughaidh na Gàidhlig cho mothachail ’s a dh’fhaodadh iad a bhith air a’ phrìomh àite a bh’ aig crodh ann an saoghal an sinnsrean. A-nuas gu àm nam fuadaichean, bha crodh cho suaicheanta ’s cho uile-làthaireach anns a’ Ghaidhealtachd ’s na h-Eileanan ’s a tha caoraich agus compiutaran còmhla an-diugh; a bharrachd air a-sin, le bleoghann, bainne, ìm, gruth, càise agus gnothaichean na h-àirigh – saodaireachd, saorsa, suirghe ’s na sgeulachdan ’s h-òrain a bha ’na lùib – bha boireannaich an sàs, agus toilichte a bhith an sàs, leis a’ chrodh gu ìre nach robh ann riamh le caoraich na mallachd. Ma bheir thu sùil air Dwelly, agus ma bheachdaicheas tu air na seanfhacail againn, tuigidh tu anns a’ bhad gu bheil beairteas ar cànain ’s ar gliocais thradiseanta fada an eisimeil a’ chruidh ’s chan e idir nan caorach; agus a-nise tha Seònaid Ghriogair air an aon nì a dhearbhadh a thaobh beairteas nan òran againn.

Dé thachair? Uill, eadar 1750 agus 1850 chaidh saoghal nan Gaidheal a chur bun os cionn: fhuair sinn creideamh soisgeulach; fhuair sinn fuadaichean; fhuair sinn Beurla; fhuair sinn eilthireachd; fhuair sinn caoraich. Bidh e ’na chulaidh dheasbaid dé cho fada ’s a tha gach gin dhiubh sin math, meadhanach neo dona; ach cha ghabh àicheadh gun do thachair iad, agus gun robh Gaidhealtachd 1750 (làn de chrodh ’s de dhaoine) gu math eadar-dhealaichte bho Ghaidhealtachd 1850 ’s gu dearbha 2016 (làn de chaoraich ’s de dh'fhéidh).

Mar sin, ma tha ùidh agad ann an eachdraidh a’ chruidh air Ghaidhealtachd, neo ann an seann saoghal nam boireannach, neo ann an òrain thradiseanta, neo dìreach ann an tobraichean eòlais ar n-eachdraidh, agus ma tha comas-leughaidh math Gàidhlig agad, seo an leabhar dhutsa, agus tha mi ga mholadh. Mairidh e. Mo mhìle moladh air Seònaid Ghriogair.

Back to the top of the page