Tha buaidh nach bu chòir aig an teilidh air iomairt an Reifrinn

Robertson: 'smachd inntinn'

Robertson: 'smachd inntinn'

0
Have your say

. . . an Oll. John W Robertson, Oilthigh Alba an-Iar, a dh’fhoill­sich fianais air claon-bhreith ann an aithisgean telebhisean, fianais a dh’adhbhraich gun do nochd Ceannard BhBC Alba, Coinneach MacGuaire, air beulaibh Comat­aidh Foghlaim ’s Cultair Taigh an Ròid bho chionn greis.

Anns an aith­ris aige dhan chomataidh bhruidh­inn an t-Oll. Robertson air “smachd inntinn”. Nach eil e cus ri ràdh gu bheil sin a’ tachairt ann an Alba an latha an-diugh?

“Chan eil. Chleachd an cànan­aiche Noam Chomsky na briathran sin gus tuairisgeul a thairg­sinn air a’ phròiseas tro’m bi na meadhanan a’ roghnachadh ’s a’ cur car ann an naidheachdan. Tha sinne air modhannan ob­rach a leasachadh a tha a’ leigeil leinn sgrùdadh mionaideach a thoirt air prògraman TBh gus claon-bhreith a thomhais. Tha an rannsachadh againn a’ seallt­ainn fianais shoilleir gun robh claonadh anns an dòigh a làimhsich diofar chompanaidhean TBh deasbad an Reifrinn an-uiridh.”

A bheil sin ri ràdh gu bheil co-rùn am measg craoladairean gus cùis na neo-eisimeileachd a lag­achadh?

“Se an obair againne na tha tighinn a-mach on telebhisean a chur fon phrosbaig gus an tig fian­ais air son claon-bhreith gu bàrr. Se gnothach eile ciamar a tha a’ chlaon-bhreith a’ tighinn a bhith ann sa chiad dol a-mach.

“Chan eil mi creidsinn gum bi craoladairean ag obair le chéile gus mì-dhealbhachadh a thoirt a-steach a dh’aona ghnothach. Bidh sin a’ tachairt ann an siost­aman deachdaireil far a bheil e gu tric soilleir gu leòr dhan a h-uile duine gu bheil craoladh a’ frithealadh amasan propaganda an riaghaltais. Tha claon-bhreith nam meadhanan ann an deam­ocrasaidh fada nas seòlta ’s nas impidhiche. Faodaidh nach eil na craoladairean fhéin mothachail oirre. Se an duilgheadas gu bheil luchd naidheachd agus luchd poileataigs le chéile ’nan dream uachdarach a bhios ag ob­air còmhla gus beachd-smuain­ealas an status quo a dhìon.”

Gus an tig creideamhan sònraichte a bhith stéidhichte, àbh­aisteach?

“Gu dearbha fhéin. ’S beachd­an ùra a’ coimhead coimh­each, neònach.”

Ach nuair tha sin air a chomh­arrachadh a-mach dhaibh shaoil­eadh tu gun gabhadh iad ceum­an a dh’ionnsaigh naidheachdan a chothromachadh?

“Cha robh freagairt a’ BhBC cho fosgailte agus reusanta ’s a bha mi an dùil. Feumaidh sinn a bhith faiceallach gu bheil an tor­adh againn earbsach agus tàbhachdach. Tha sin fhéin a’ cosg ùine mhór agus bidh greis eile mus faigh sinn a-mach an tàinig piseach air gnoth­aich­ean idir.”

seoncaimbeul@aol.com

Back to the top of the page