Tha BnaG a’ cur a shùil air luchd ionnsachaidh

0
Have your say

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ leasachadh ro-innleachd do luchd ionn­sachaidh inbheach.

Thathas an dùil sealladh ùr fhaighinn air an dà chuid feumalachdan nan daoine a tha air son Gàidhlig a thogail mar dàrna chànan agus an fheadhainn aig a bheil i marthà ach nach eil buileach cinn­teach ann a bhith ga bruidhinn no ga leughadh.

Théid sreath de choinneamh­an a chumail le riochdairean bho na buidhnean a tha an sàs ann an lìbhrigeadh seirbheisean do luchd ionnsachaidh cho math
ri sàr-eòlaich ann am foghlam. Bidh cothrom aig luchd ionns­achaidh fhéin pàirt a ghabhail anns a’ phròiseas cuideachd tro bhuidhnean fócais.

Sann aig Màiri NicIlleMhaoil, Leasaiche Foghlaim agus Ionn­sachaidh a’ Bhùird, a tha uallach gnothaichean a thoirt gu buil le bhith a’ taisbeanadh dreach deir­eannach den ro-innleachd don Bhuidheann Stiùiridh Nàiseanta air son Foghlam Gàidhlig agus don Bhòrd san t-Sultain. Thuirt i: “Bha a’ chiad choinneamh ag­ainn bho chionn greis agus bha sin gu math brosnachail. Leis na deagh bheachdan ’s na molaidh­ean a thàinig gu bàrr tha gach adhbhar ann a bhith cinnteach gun téid againn air ro-innleachd làidir éifeachdach a leasachadh.

“Tha fios, bhon rannsachadh a rinneadh mar-thà, gu bheil farsaingeachd de dh’fheumalachd­an ionnsachaidh aig daoine, agus tha na dòighean obrach a tha sinn a’ leantainn a’ toirt cothrom dhuinn coimhead air suidheachadh an luchd ionnsachaidh gu mionaideach. Tha cuid dhiubh air innse dhuinn cho cudromach ’s a tha na h-oidean aca ann a bhith gam brosnachadh ’s gan toirt gu fileantas, ged a tha dìth ùine son ionnsachadh ’na duilgh­eadas fhathast dha cuid. Is cinn­teach ge-tà gu bheil iarrtas mór am measg an t-sluaigh son barr­achd cothroman ionns­achaidh. Se comharradh math tha sin.”

Thathas a’ tomhais gu bheil mu fhichead mìle duine an sàs ann an ionnsachadh Gàidhlig an-dràsta, a’ gabhail a-staigh clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Le bhith a’ trusadh fian­ais bho iomadachd de thùs­an tha am Bòrd an dùil ri dealbh nas cuimsiche a thogail a dh’inn­seas tuilleadh mu dheidhinn
có tha ag ionnsachadh Gàidhlig agus có a dh’fhaodadh a bhith ga h-ionnsachadh san àm ri teachd. Mar eisimpleir, luchd coimhead BBC Alba, luchd éisteachd Radio nan Gaidheal, luchd teagaisg cuspairean eile a tha ag iarraidh a thighinn thairis gu bhith an sàs ann am foghlam Gàidhlig, agus pàrantan chloinne ann an sgoil­tean Gàidhlig.

Se an craoladair Ruairidh Mac­Illeathain, cruthaichear Litir do Luchd Ionnsachaidh, a bha ’na chathraiche air a’ chiad choinn­eamh, dleastanas a chòrd gu mór ris. Thuirt e: “Dh’fhaodadh buannachd nach beag a thighinn ás
a’ phròiseas seo. Tha fios gum
bi daoine a’ tighinn faisg air a’ Ghàidhlig air diofar adhbharan gun a bith a’ gabhail an ath cheum air adhart gu bhith ga h-ionnsachadh. Le cho soirbheach­ail ’s a tha foghlam tro mheadh­an na Gàidhlig, is iomadach pàr­ant aig a bheil clann a bhruidhneas i. Nam b’ urrainn dhuinn na pàrantan a thoirt gu bhith ga bruidhinn cuideachd, dh’fhaod­adh Gàidhlig a bhith stéidhichte mar chainnt na dachaigh, suidh­eachadh a bha àbhaisteach gu leòr gu ruige bho chionn greis agus a dh’fhaodadh a bhith gah-àbhaisteachadh ás ùr a-rithist.

“Se fìor chothrom a tha seo gu bhith a’ conaltradh le daoine air feadh na dùthcha agus a’ faigh­inn a-mach dé tha gan cumail air ais agus dé dh’fhaodadh sinn a dhèanamh gus sin a chur ceart.”

Tha e coltach gu bheil a h-uile duine air co-aonta a ruigsinn air co-dhiù aon chuspair mar-thà – tha feum air dòighean nas earb­saiche gu bhith a’ tomhais no a’ measadh dé an ìre de dh’fhil­eantas aig a bheil duine.

Sann mar leudachadh air a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012–2017 a tha Ceannard a’ Bhùird, Iain Aonghas MacAoidh, a’ faicinn na h-iomairt seo. Thuirt e: “Tha comasan cànanach ead­ar-dhealaichte aig daoine. Tha sin aithnichte mun Bheurla agus tha e a-cheart cho fìor mun Ghàidhlig. Se ‘Fàs is Feabhas’ am facal-suaicheantais a tha againn mar bhuidheann, agus se sin a tha sinn ag iarraidh fhaicinn, an dà chuid fàs anns an àireamh a tha a’ bruidhinn ’s a’ cleachdadh na Gàidhlig agus na sgilean cànanach aca a’ dol am feabhas.

“Nan robh sgèile againn leis am b’ urrainn dhuinn innse do dhaoine dé an ìre de dh’fhil­eantas aig a bheil iad, bhiodh e fada nas fhasa an stiùireadh gu na cùrsaichean ’s na goireasan ionnsachaidh as fhreagarraiche dhaibh. Thig tuig­se nas fhars­ainge ’s nas doimhne ás a’ phròis­eas co-chomh­airleachaidh seo, ’s tha sinn an dùil ri ro-innleachd da-rìreabh seasmhach a bhith againn aig a’ cheann thall.

“Cha bu chòir dhuinn dìo­chuimhneachadh ge-tà, nach e an cuspair a tha sinn a’ teagaisg ach an duine. Se faireachd­ainnean an neach ionnsachaidh fhéin an rud as cudromaiche.”

Coimheadaidh coinneamhan eile air cinn-còmhraidh leithid trèanadh oidean, sanasachd, leasachadh coimhearsnachd agus maoineachadh.

Back to the top of the page