Tha BBC Alba còig bliadhna dh’aois – ach ciamar a tha iad a’ dèanamh?

Preseantairean Fiona NicCoinnich agus Niall Iain D�mhnallach aig F�is Bhelladrum
Preseantairean Fiona NicCoinnich agus Niall Iain D�mhnallach aig F�is Bhelladrum
Share this article
0
Have your say

Tha còig bliadhna bho chaidh BBC Alba air an èadhar an toiseach. Air an oidhche sin, 19 Sult­ain 2008, thug iad dhuinn cèil­idh beò còmhla ri Màiri Anna NicUalraig, dràma ùr èibhinn le Greg Hemphill mar Elvis Presley, ’s aithriseachd mun mhortair Peter Manuel.

Toiseach gealltanach. Ach an deach an gealladh a choileanadh? Dh’iarr An t-Albannach beachd cuid den luchd amhairc.

Fiona Dunn

Glaschu

San fharsaingeachd tha mi a’ smaoineachadh gur e sianal fìor mhath a th’ ann. Se pròg­raman aithris a tha còrd­adh riumsa. Bidh iad gu tric a’ coimhead air cùisean ead­ar-nàisean­ta san t-sreath Trus­adh, agus ’s toil leam sin gu mòr. Cuideachd, tha prògram aithris no dhà air a bhith aca a bha coimhead air daoine ás na h-eil­eanan. Cuid den fheadhainn sin se sgeulachdan gu math pear­santa a bh’ annta. Bha aon sreath ann a bha coimhead air boireannaich a dh’fheumadh dèiligeadh ri suidheachaidhean gu math doirbh ’nam beatha. Dhòmhsa, bha feadhainn de na prògraman sin cho làidir.

Bidh mise a’ coimhead air prògraman aithris air sianalan eile, ’s chanainn gu bheil an fheadh­ainn air an t-sianal Ghàidhlig a cheart cho math ris an fheadh­ainn eile. ’S dòcha aon rud a tha dhìth, se prògraman son daoine a tha an aois agamsa, tha mise 31. Tha mi smaoineachadh gu bheil iad air a bhith feuchainn sin an siud ’s an seo, tha mi smaoin­each­adh air prògraman mar an comadaidh a gheibh thu air BBC3 mar eisimpleir. ’S dòcha gum biodh rudeigin caran aot­rom mar sin math. Aon rud eile, bhiodh e uabhasach math nam biodh dòigh ann na fo-thiotalan a chur dheth. Tha e cho math nuair a thig na naidheachdan air agus chan eil iad ann!

Iona NicDhòmhnaill

An t-Eilean Sgitheanach

Bidh mi a’ coimhead air nuair a bhios ùine agam, ach tha an ùine agam caran gann. Mar as trice sann anmoch air an oidhche a bhios mi ga choimhead. Bidh mi a’ coimhead nam prògraman ciùil. ’S dòcha gum bi na repeats a’ cur beagan dragh orm ceart gu leòr, ach aig an aon àm tha e a’ toirt dhut cothrom eile rudan math fhaicinn.

Cuideachd, bidh mi coimhead nam prògraman eachdraidh a th’ aca, oir se sin an cuspair agamsa ’s tha mi a’ smaoin­eachadh gu bheil iad gan dèanamh fìor mhath. Tha iad a’ còrd­adh rium gu mòr. Tha prò­g­­raman ann anns nach eil ùidh agam, far a bheil iad a’ ruith chàraichean, neo Farpais­ean Chon-Chaorach – chan eil ùidh agam annta sin.

Eoghan Stiùbhart

Inbhir Nis agus Dùn Èideann

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na prògraman aca gan dèanamh aig deagh ìre. Tha iad inntinneach, tha iad car coltach ris na rudan a chaill sinn nuair a chaidh Grampian á bith, rudan mar Weir’s Way far a bheil iad a’ bruidhinn ri daoine ’s tha iad ag innse sgeulachd. Se telebhisean caran seann-fhasanta th’ ann, ach ann an dòigh mhath. Tha susbaint ann an tòrr de na rudan a tha iad a’ dèanamh.

Uaireannan tha rud beag cus Beurla ri cluinn­tinn. Can, bha prògram ann mu iomain, ach cha deach iad nas fhaide tuath na an Gearastan, ’s mar sin bha mòran de na chluichead­air­ean le Gàidhlig nach robh anns a’ phrò­g­ram idir. Uair­eannan, chan eil gu leòr daoine le Gàidhlig ri fhaicinn anns na prògraman.

Cuideachd, se call mòr a th’ ann nach eil ach beagan dràma air a bhith air an t-sianal. Tha fios a’m gu bheil dràma rud beag daor, ach mar a tha sinn a’ faic­inn le rudan mar Borgen, tha luchd-amhairc ann son nam prògraman sin.

Rud eile, chan eil mise a’ tuig­sinn nach gabh na fo-thiotalan a thoirt dheth le putan, ma bha thu ag iarraidh sin. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad a’ dèanamh milleadh air prògram­an uaireannan.

Seonag Anderson

Uibhist a-Tuath ’s Inbhir Nis

Thairis air na còig bliadhna, chanainn gu bheil grunnan math phròg­ram­an math air a bhith ann, as dèidh dhomh èis­t­eachd ri beachd­an dhaoine (agus dhaoine gun Gàidh­lig a bhios a’ coimh­ead air an t-sianal). A’ chiad rud a chan­ainn, gu bheil an dealbhachas a th’ air air leth, leth, sònraichte math. Bidh daoine aig nach eil Gàidhlig a’ cur moladh mòr air a-sin an tois­each. Bidh daoine a’ faicinn prògraman nach fhaic iad air sianal­an eile a tha fìor mhath.

Bho m’ shaoghal fhèin, tha mi rud beag iomagaineach mar a tha tòrr Beurla air an t-sianal Ghàidhlig. Tha prògraman ann agus tha tòrr, tòrr Gàidhlig ann, ach tha tòrr, tòrr Beurla ann. Cuid­eachd, agus tha fhios a’m gur e cion airgid as coireach, ach tha iad a’ dèanamh tòrr repeats.

Chòrdadh rium barrachd prò­graman coimhearsnachd fhaic­inn. Chunna mi fear an oidh­che roimhe, Chì Mi ’n Tìr. Bhithinn air mo bheò-ghlacadh le prògraman mar sin. Bidh tòrr de na seann Ghaidhil a’ coimhead air an t-sianal Ghàidhlig, ’s tha mi a’ smaoineachadh uaireannan tha iad a’ call misneachd mura h-eil iad a’ faicinn rudan mar sin.

Eilidh NicPhàidein

Oileanach aig SMO

Bidh mise a’ coimhead air BBC Alba gu math tric, ’s tha mi a’ smaoineachadh gur e rud air leth a th’ ann dhan Ghàidhlig. ’S dòcha nach eil gu leòr prògram­an fhathast air, ach tha mi a’ smaoineachadh gun tig sin sna bliadhnaichean a tha romhainn gun teagamh. Se na prògraman ciùil a tha mise airson coimhead, tha ùidh mhòr agam ann an ceòl, mar sin tha iad sin a’ còrd­adh rium gu mòr. Ach tha mi a’ smaoin­eachadh gu bheil feum againn air bar­rachd phròg­raman son an aois agamsa oir mura h-eil ùidh agad ann an ceòl chan eil mòr­an ann. Bhitheadh rud­an mar comad­aidh math, se sin a bhios mise coimhead sa Bheurla. Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh sin gu math tarraingeach air son daoine m’ aoise-sa.

Aon rud nach eil a’ còrdadh rium, mar a chì thu an uiread de repeats. Cuideachd, prògraman mar Speaking Our Language –bha e math, ach tha e rud beag seann-fhasanta a-nis. Tha iad feum­ach air rudeigin ùr ’na àite son daoine a tha ag ionnsachadh.