Talamh mòintich ga thoirt beò

0
Have your say

Ri linn Mairead Thatcher, chaidh mòran de thalamh mòintich ann an Alba a chur le craobhan coimheach.

Bha rionnagan spòrs agus cleasachd mar Terry Wogan agus Cliff Richard a’ caomhnadh le bhith a’ cur cosgais nan craobhan mu choinneamh an cìsean tuarastail. Chaidh am beàrn seo a dhùnadh ann an 1988.

Tha ceithir gu leth mìle acair de mhòinteach ann an Gallaibh agus ann an Cataibh. Eadar an rathad bho Latharan gu Inbhir Theòrsa anns an ear gu Allt na h-Ara anns an iar, agus a-deas chun an Luirg, tha fàsach a tha prìseil. Innte tha beathaichean mar a’ bhiast-dhubh, eòin mar an speireag agus am mèirlean, agus lusan mar an canach. Tha na craobhan a’ tiormachadh an talaimh agus a’ cur ás do gach nì ach iad fhèin. B’ eudar claisean mòra a chladhach air son na craobhan a chur, agus tha iad a-nis air lìonadh le uisge a bu chòir a bhith anns a’ mhòintich.

Tha ceithir cheud millean tunna de charbon air an stòradh anns a’ mhòintich, ach mar a tha na craobhan a’ tiormachadh an talaimh, tha an gas carbon dioxide a’ faotainn ma sgaoil agus a’ blàthachadh na cruinne.

A-nis tha Crannchur an Dualchais, The Heritage Lottery Fund, air ceithir millean nota a thoirt seachad air son an talamh ath-nuadhachadh gu mòinteach. Gearraidh iad na craobhan agus thèid an cur anns na claisean, agus tha dùil gun tèid an talamh a tha air tiormachadh air ais gu bhith bog.

Chan eil fàsach eile air fhàgail ann am Breatann, agus tha an Riaghaltas an dùil gum bi i air a meas le UNESCO mar àite sònraichte agus mar Làrach Dhualchas na Cruinne.

Tha an RSPB a’ cur an taic ris a’ phròiseact. Thuirt an Dr Pete Mayhew bhon bhuidheann, “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil a’ chòinneach sphagnum a’ tilleadh gu luath aon uair ’s gu bheil an talamh bog. Sann bhon chòinnich a tha mòine a’ tighinn.”

tormod.domhnallach

@blueyonder.co.uk

Back to the top of the page