Taistealach gaisgeil nan speuran

Shealladh iad dhan chloinn aca mi anns na speuran, a' gluasad gu slaodach, gealach bheag meatailt

Shealladh iad dhan chloinn aca mi anns na speuran, a' gluasad gu slaodach, gealach bheag meatailt

Share this article
0
Have your say

Cha do chuir sian dragh orm chun an latha ud. Nuair a chaidh mo shaoghal a-mach á sealladh. Dh’fhaodainn fhalach le aon chorrag, na daoine, dòchas, àmhghar, cogadh, gaol, a’ dannsa air mo làmh.

Bha mi air trèanadh air a shon, bha mi air bliadhnaichean fada chur seachad a’ dèanamh deiseil. Bha mi cho fallain ’s a dh’fhaodadh duine a bhith. Bha m’ inntinn cuideachd làidir. Sin a’ cheist as motha a bh’ aig daoine. An robh mi ás mo chiall? Carson a dhèanadh tu e? A’ dol a-mach dhan dorchadas gun fhios nach tigeadh tu air ais. Ciamar a dh’fhaodadh tu fàgail a h-uile duine air do chùlaibh? Ach dh’fheumadh cuideigin a dhèanamh.

Bha fios agam nach tiginn air ais. Ach rinn mi e a dh’aindeoin sin. Bha fios agam gum biodh amannan dona ann. Gum biodh ceistean ann. Ach bha an rud cho mìorbhaileach nach b’ urrainn dhomh a sheachnach.

Agus thagh iad mise. Cha do thagh iad duine eile. Is mise an duine as fheàrr air a shon, a rèir a h-uile meatraig a bh’ aca. Is mise an Eubha.

Agus bha mi airson mo bheatha a dhèanamh glòrmhor. Bha mi airson gum biodh m’ ainm sgrìobhte san iarmailt còmhla ri na daoine eile air am bi cuimhne cho fad ’s gum bi mac an duine ann. Na daoine a chaidh tarsainn nan cuantan againn, na daoine a shiubhail. Brianainn Maraiche. Sin a bh’ aca air an t-soitheach agam.

Uaireannan bha mi duilich nach robh mi a’ creids’ ann an gin dhe na Diathan, oir an uair sin dh’fhaodainn na rudan a bha mi a’ faicinn a chur ann an nàdar co-theagsa. Ach bha e ro mhòr. Bha an saoghal ro mhòr. Agus tìm, sin an rud as dorra buileach, oir cha robh dòigh air greimeachadh air a mheud. Gum bithinn ann an tìm eadar-dhealaichte nuair a nochdainn, leis an t-siubhal a rinn mi. Gur e dust a bhiodh anns an t-saoghal agam. Ciamar a dh’fhaodadh sin a bhith? Bha dìreach agam ri m' àite a ghabhail ann an sruth eachdraidh agus gabhail pàirt.

Bha mi cinnteach asam fhèin. Bha fios agam gun robh e ceart. Gur e seo a bha an dàn dha mac an duine. Oir ás aonais an t-siubhail seo dhan dorchadas, ciamar a mhaireadh an Cinne Daonna?

Cha robh mi deiseil airson na ceistean a thigeadh thugam. Cha chreidinn cho duilich ’s a bha e na ceangalaichean sin a leigeil thàiris. Teaghlach agus gaol agus fiù ’s talamh. Dachaigh. Chaidh mi air ais far an do thogadh mi mun do dh’fhàg mi agus laigh mi airson an turais bho dheireadh air a’ ghainmheach 's choimhead mi adhar m’ òige. Bha a h-uile sian cho brèagha a’ mhionaid ud.

Airson diog dh’fhaighnich mi carson a dh’fheumadh an saoghal a bhith cho mì-sheasmhach. Carson a bha uiread feagail oirnn gun tigeadh sinn uile á bith. An tuigeadh sinn a-chaoidh bàs? Neo an e dìreach ùrachadh a th’ ann, prìs airson a bhith beò. Oir ás aonais, dè a’ chiall a bhiodh aig beatha.

Bha ciall aig mo bheatha le bhith a’ dèanamh seo. Bha e a’ toirt dòchas dha daoine. Dòchas nach e seo deireadh ar linn.

Nam biodh an cothrom agad saoghal ùr a thòiseachadh, an gabhadh tu e? Am biodh e eadar-dhealaichte ris an t-saoghal a th’ againn? Ciamar a dh’fhaodadh sin tighinn gu buil le nàdar mhic an duine mar a tha e? An robh e faoin smaoineachadh gun robh sinn os cionn nan uile? Os cionn nàdair, os cionn gach beathaich?

Anns an t-saoghal ùr seo, am biodh sgeulachdan againn air mar a thòisich an Cinne Daonna? Am biodh e air chall gun tàinig sinn chun an t-saoghail seo airson ùrachadh, airson cothrom a thoirt dhuinn? Am biodh e air chall mar a thàinig a’ chiad duine? An cruthaicheadh sinn leabhar eile a bheireadh dhuinn cumhachd thairis air uile, an talamh agus na beathaichean, na cuantan agus an t-adhar? Agus ciamar a chleachdadh sinn an cumhachd sin?

An dìochuimhnicheadh iad, agus an dèanadh iad sgeulachdan air mar a thàinig a’ chiad bhoireannach chun na planaid ghuirm?

Bha thìd agam cadal, ach bha feagal orm. Oir ’s e cadal tro choilltean tìm a bhiodh ann. Bhithinn reòite agus falamh fad linntean. Agus nuair a dhùisginn bhiodh an saoghal agam gu tur air falbh, tro sgàile tìm. Cha bhiodh ann ach dust – na cuimhneachain, na daoine. Sin an ìobairt a rinn mi airson nan daoine agam.

Nàdar beatha biothbhuan dhòmhs’. ’S e “ar màthair” a bh’ aca orm nuair a dh’fhàg mi. Ar dòchas. Ar reul-stiùiridh. Shealladh iad dhan chloinn aca mi anns na speuran, a’ gluasad gu slaodach, gealach bheag meatailt.

Cha robh mòran taghaidh againn. Bha sinn fortanach gun do lorg sinn an saoghal idir, le cho fada air falbh ’s a bha e. ’S e “An Talamh” a thug sinn air. ’S e sin a chumadh beò sinn.

Bha innealan agam gus cuideachadh nuair a ruiginn talamh. Inneal leis an t-ainm CrisprCas9 a chuireadh ceart galairean gintinneach, a chàradh DNA agus a leigeadh dhomh planndrais agus beathaichean atharrachadh. Bha DNA agam bho iomadach beathach, agus dòigh air an toirt beò. Bha inneal againn a chumadh sùil air an robh an aidhear freagarrach. Ach bha na rudan as cudromaiche na bu bhunaitiche. Na h-aon rudan tha fhios a bh’ aig na ciad dhaoine a shiubhail na cuantan anns an t-seann saoghal gus eileanan agus talamh a lorg, gus beatha ùr a chruthachadh dhaib’ fhèin.

Bha stòr de chnothan ’s de shìol agam, agus bha boireannaich an t-seann saoghail air a’ ghibht as motha a thoirt dhuinn – a dheidheadh le sìol-ginidh nam fear againn. An toiseach ’s e mi fhìn a ghiùlaineadh leanabh, ach chan ann leams’ a bhiodh e neo i gu gintinneach. Agus dh’fheuchainn ri uiread clann a bhith agam ’s a b’ urrainn dhomh, iad uile bho phàrantan diofraichte. Dh’fheumainn coimhead as an dèidh gus am biodh iad aost gu leòr clann a bhith aca fhèin. Agus ’s ann mar sin a chumadh sinn an Cinne Daonna a’ dol air an t-saoghal iomallach aonranach seo.

Chaidh mi dhan t-seòmar far am bithinn a’ cadal thar linntean agus choimhead mi air an t-saoghal agam. Cò dìreach a tha faighinn a’ chothruim seo saoghal ùr a chruthachadh? Agus thàinig e thugam gun robh a h-uile duine againn a’ faighinn a’ chothruim sin, nach e sinn fhìn a bha a’ cruthachadh an t-saoghail againn, a bha a’ taghadh, agus thug sin dòchas dhomh. Bha mi a’ fàgail an t-saoghail aost air mo chùlaibh – na cogaidhean a sgrios e, na daoine a mhill e, na cuantan a bha a-nis marbh, na speuran a bha a-nis ro thana ar dìon. Anns an t-seann leabhar againn bha àite ris an canar ifrinn. ’S mathaid gum faigheadh sinn air sin fhàgail air ar cùlaibh bho dheireadh thall.

Laigh mi anns an inneal agus beag air bheag dh’fhalbh am mothachadh agam gus an robh mi ann an stasis. Cha robh sian ann ach sàmhchair agus tìm a’ dol seachad. Agus dòchas, dòchas na cloinne a’ coimhead dhan adhar. Làn dòchas gus cothrom ùr a bhith againn saoghal ùr a thoirt gu bith, agus an saoghal sin air a thoirt gu bith ás na nithean as fheàrr anns an nàdar againn.

Agus gum biodh, bho dheireadh thall, sìth agus sonas do gach duine tha beò.

lTha dùil againn léirmheas air an nobhail as ùire aig Iain F MacLeòid, An Sgoil Dhubh, fhoillseachadh air 2 Faoilleach

Back to the top of the page