Stoirm Uibhist, deich bliadhna air adhart

Diar-Daoin 13 Faoilleach 2005. Dealbh: PA
Diar-Daoin 13 Faoilleach 2005. Dealbh: PA
Share this article
0
Have your say

THA a’ ghaoth a’ sgalartaich a-rithist sna h-Eileanan an-Iar, mar a bha air oidhche Mhàirt 11 Faoilleach 2005, o chionn 10 bliadhna a-màireach. A’ chuimhne a th’ agam fhìn air an oidhche sin se Iain Moireasdan ag aithris air TBh bho chidhe an Òbain, a’ coimhead a-mach dhan dorchadas mar gum faiceadh e Uibhist ’s ag ràdh le uabhas ’na shùilean gun robh a’ ghaoth dol a ruigh­eachd còrr agus ceud mìle san uair anns na h-Eileanan ’s nach robh bàtaichean-aisig no seirbh­eisean adhair a’ ruith tuilleadh.

Ràinig i 143 mìle san uair. Agus mhair i 12 uair. An àirde na stoirme bha tuinn na mara a’ bualadh mullach taighe ann an Cill Amhlaigh san Ìochdar, dlùth air cladach na Fadhail a-Deas. Am broinn an taighe bha Èirdsidh Mac a’ Phearsain, 36, a bhean Murdina, 37, an clann Ann­dra, 7, agus Hannah, 5, agus athair Murdina, Calum Caimbeul, 67. Theich iad, a’ dèanamh air taigh athair Èirdsidh, dà mhìle air falbh. Leis na bha de thuiltean air an rathad chaidh an dà chàr aca a shlugadh leis a’ mhuir, ’s cha do ràinig iad cho fada ris a’ chabhsair a tha a’ ceangal Uibhist a-Deas ri Beinne Bhadhla. Chaidh na cuirp a lorg am broinn beagan làithean.

Dé chaidh a dhèanamh on uair sin gus deanamh cinnteach nach tachair a leithid a-rithist?

Chaidh £200,000 a chosg air an South Ford Hydrodynamic Study, a thug ceithir bliadhna ’s
a chaidh fhoillseachadh ann an 2012. Sheall e gu bheil an cabhsair ’na sheòrsa de dham air an fhadhail, ach nach eil a’ chùis buileach cho sìmplidh sin. Tha an fhadhal coltach ri bobhla. Air an taobh an-iar, am beul a’ chuain, tha eilean gainmhich ris an canar a’ Ghualainn. Tha e a’ crìonadh, ach a’ fàs nas fhaide, ’s air oidhche na stoirme chaidh an làn seachad air a mhullach. Air an taobh a-deas tha ligeadh Locha Bì; tha gaineamh a’ gluas­ad timcheall a’ bhobhla agus a’ cruinneachadh am beul an ligidh, a’ cur ri tuiltean san Ìochdar. Air an taobh an-ear tha an cabhsair. Air oidhche na stoirme bha ìre an làin aon dà mheatair na b’ àirde air taobh siar a’ chabhsair na air an taobh sear. Ann am faclan eile, chaidh e ’na dham.

Chan eil ach aon fhosgladh ann, 15 meatair fada. Dhearbh an aithisg nam biodh fosgladh nas motha ann, can 200 meatair, nach biodh an crìonadh cho dona mu na cladaichean ’s nach biodh tuiltean cho cumanta. Ach tha fuasglaidhean eil’ ann nach biodh cho cosgail, is dòcha, leithid a’ Ghualainn a neartachadh no ligeadh Locha Bì a chum­ail saor o thachdadh.

Thuirt Alasdair Allan, BPA nan Eilean, “Bha Stoirm 2005 na bu mhiosa na té sam bith eile an cuimhne muinntir nan eilean. Rinn i sgrios uabhasach dha-rìr­eabh air aon teaghlach. Agus dh’atharraich i cruth nan eilean fhéin, le cladaichean air feadh Uibhist a’ gluasad gu mór ann an àiteannan.

“Bho àm na Stoirme tha ceist­ean móra gan togail. Gu sòn­raichte, dé seòrsa buaidh a th’ aig na cabhsairean air sruth na mara agus bleith nan cladach? Tha daoine fhathast a’ deasbad dé an dòigh as fheàrr am fiosrachadh bhon rannsachadh a chleachd­adh. Tha obair air a dheanamh dha na rathaidean as cunnart­aiche, ach tha a h-uile duine ag aontachadh gu bheil tòrr ri dhèanamh fhathast.”

Tha gu dearbh. Tha na cladaich­ean a’ crìonadh air feadh costa siar Uibhist a-Deas, far a bheil a’ mhachaire ’s a’ mhórchuid de bhailtean an eilein. Le blàthachadh na cruinne tha an cuan beag­an nas àirde a h-uile geamhradh. Chaidh mol a’ chladaich agus
na ballachan-cloiche a th’ air a chùlaibh a chàradh no a neartachadh an siud ’s an seo, ach chan eil e ’na adhbhar misnich gun deach airgead mór a chosg gun stàth.

Seo na thachair, a réir pàipear-naidheachd mìos­ail Uibhist, Am Pàip­ear, an Dàmhair sa chaidh. Ann an 2011 chaidh £100,000 de dh’airgead Lotaraidh a thoirt do dh’Oxfam Alba son obair dìon-cladaich a thoirt gu buil an Uibh­ist a-Deas. B’e amas a’ phròiseact déileadh ris an droch bhuaidh a th’ aig atharrachadh clìomaid air cladach an eilein. Bha an t-airgead gu bhith air a chleachdadh gu “feansaichean séideadh gainmhich” (lìontan le taidhrichean) a chur an sàs far am bu mhotha feum. Chuir muinntir Uibhist fàilte bhlàth air an naidheachd.

Thug Oxfam £21,000 den airgead do dh’Urras Àrainneachd Loch Baghasdail (UÀLB) son compàirteachadh muinntir na sgìre sa phròiseact, agus £20,000 eile dhaibh son siostam drèan­aidh Smeircleit a chàradh. Ach chosg iad £33,000 air tuarastalan muinntir Oxfam fhéin, £9,000 air cosgaisean siubhail agus còmh­naidh, £8,000 air buidhnean coimhearsnachd a thoirt á Glaschu, £3,000 air goireas foghlaim a chruthachadh, £3,000 air aith­isgean, agus £3,000 air follais­eachd. Sin agaibh na £100,000.

Am measg nam buidhnean a rinn feum den sporan bha GalGael, Sunny Govan Community Radio, Karibu, Tea in the Pot, Govanhill Baths agus am Beith Community Trust. A réir Oxfam, bha an luchd-tadhail ag obair còmhla ri buidheann ris an canar Coast Adapt agus ri UÀLB gus am feansadh a chur suas. Bha an comhairliche Raghnall Mac­Fhionghain sgaiteach. “Dé an t-eòlas a bh’ aig na daoine seo air dìon a’ chladaich anns na h-eil­eanan? An àite ar cladaichean a dhìon gu ceart ’s gu maireann­ach chaidh an t-airgead a chaith­eamh air làithean-saora thoirt do mhuinntir Ghlascho. Tha e tàm­ailteach.”

A réir gu leór se call airgid a bh’ anns an £20,000 a chaidh a chosg air an t-siostam drèanaidh, cuideachd. Chaidh leacan concrit agus meatailte a cheannach mus do bhruidhinn Oxfam no UÀLB ri croitearan Smeircleit no ri Stòras Uibhist, leis an leis am fearann. Cha d’fhuair iad cead a dhol air adhart. A-nise tha Stòras Uibhist air an obair a chur air tairgse do chompanaidhean ionadail san dòigh àbhaisteach, ’s tha dùil gun téid i air adhart a dh’aithghearr – a’ tòiseachadh on toiseach. Thuirt Alasdair Allan ris an Albannach: “Tha mi a’ bruidhinn ris a’ choimhearsnachd ann an Uibhist mu na drèanaichean fearainn. Tha e cudromach gum bi na drèan­aichean a chaidh a dheanamh tro na linntean air an cumail suas gus deanamh cinnteach gum falbh tuiltean na mara cho luath ’s a thig iad a-staigh.”

Chuir e ris: “An-dràsta fhéin tha stèiseanan aimsir a’ rabhadh gum bi gèiltean suas gu 90mph anns na h-eileanan an t-seachd­ain sa a-rithist. Chan eil an Stoirm Mhór fada bho chuimh­ne muinntir nan eilean, eadhan an-diugh.”