Smuaintean air BBC Alba

Share this article
1
Have your say

ANN an dòigh tha BBC Alba a’ soirbheachadh. Cuiridh iad geam ball coise – beò, neo mar as trice clàraichte – air an èadhar agus coimheadaidh na mìltean air an sgrion.

Ach gu tric cha bhi cluas ri claisneachd. Fhuair an seanal brosnachadh bho bhith a’ sealltainn dealbhan cluiche iomrait­each mar The Killing, The Bridge agus Borgen, le fo-thiotalan. ’Nan dèidh dh’èir­ich àireamh luchd amhairc gu grad.

Tha còig bliadhna bho chaidh an seanal a stèidheachadh, agus, rud a tha iongantach, ged nach eil ach beagan a bharrachd air 60,000 a bhruidhneas Gàidhlig, tha suas ri 500,000 neach ann an Alba gach seachdain a’ coimhead nam prògraman. Saoil cia mheud a bhios ag èisteachd?

Tha fios aig ceannardan an t-seanal gu feum iad co-obrachadh le seanalan eile mar BBC Scotland air son adhartas a dheanamh. Chuireadh, ’nam beachd, drama mòr, cumhachdach, le fo-thiotalan, stèidhichte ann an Alba agus a chòrdadh ris a’ mhòr-shluagh, gu mòr ri ìomh­aigh na Gàidhlig. Chan eil teagamh nach bi daoine a’ cur cheist­ean ged nach biodh ann ach, “Dè tha ‘agus’ a’ ciallachadh?”

Tha trioblaidean le ath-aithris­ean aig BBC Alba. Chan innis am pàipear-naidheachd gur e ath-aithris a th’ ann agus bidh daoine a’ miannachadh coimhead air prògram tlachdmhor mar Alleluia agus bidh iad air fhaicinn roimhe. Chan eil dad ceàrr air fhaicinn an dara turas ach tha e rudeigin searbh nuair a nochdas e ceithir neo còig a thursan.

Is math gu bheil an òigridh air am brosnachadh le prògraman inntinneach mar Gleusta agus Dè a-Nis.

Tormod E Dòmhnallach