Sìth mu dheireadh air tuathanasan-gaoithe?

Share this article
0
Have your say

THUG ministear na cumhachd, Fergus Ewing, cead 26 roth-uidh­eaman a chur suas trì mìle deas air Srath Abh­ainne ann an Siorr­amachd Lann­raig. Cuiridh iad cumhachd an dealain gu 50,000 dachaigh.

Thuirt am ministear, “Cruthaichidh an làrach, dlùth do bhailtean mar Hamalton agus Tobar na Màthar, air talamh aig Kype Moss, 104 megawatts de chumhachd, agus thig ionmhas ás a nì mòr fheum dhan sgìr.

“Gheibh mu lethcheud neach obair an lùib an togail agus grunn eile fhad ’s a bhios e ag obair. Cuiridh e stad air na mìlt­ean de thunnaichean de CO2 a bhith a’ dol dhan iarmailt.”

Thuige seo tha connspaid gu tric eadar diofar bhuidhnean mus tèid tuathanas gaoithe a thogail. Bidh feadhainn a’ cumail a-mach gun dean e cron air an àrainneachd, air eunlaith, air seallaidhean agus air bòidhch­ead na sgìre. An còmhnaidh se oifigearan bho SNH (Dualchas Nàdair na h-Alba) agus bho RSPB (Comann Rìoghail Dìon nan Eun) as àirde a thogas an guth. A-nis tha aithisg bho SNH a’ toirt comhairle air far an còir tuathan­asan a stèidheachadh. An àite a bhith an ugannan a-chèile tha e coimhead coltach gu bheil iad a’ dol a cho-obrachadh. Is math sin.

Tha Brendan Turvey, a tha air fhastadh aig SNH, son comhairle a thoirt seachad ag ràdh, “Tha e cudromach gum bi tuathanas gaoithe ann an àite freagarrach ’s air a dhealbhadh ann an dòigh a tha cothromach agus nach dean ach cho beag dragh ’s a ghabhas.”

Aontaichidh gach neach agus na h-eòin fhèin ris a-sin.