Sgiobannan mòra anns an dara lìog

Share this article
0
Have your say

BIDH feadhainn aig nach eil mòran toinisg ag ràdh rium, “Car son nach eil na h-­aithrisean air ball-coise air BBC Alba ann am Beurla? Chan aithnich mi ach Agus. Feumaidh gur e tha math air cluich leis cho tric ’s a tha e air ainmeachadh!”

Chan eil fhiosam dè chanas na craoladairean aig a bheil a’ Ghàidhlig ris a-sin!

Bidh daoine eile aig nach eil diù ann am ball-coise neo rugbaidh a’ gearain, chan ann gun iongnadh, nuair a thèid prògraman a chur dheth neo prògram measail a ghearradh.

Air an t­-seusan ri tighinn bidh sgioban leis na mìltean mòra de luchd taic a’ cluich chan ann anns a’ Phrìomh Lìog ach anns an Championship, an dara roinn. Chan ann a-mhàin aig Rangers, Hearts agus Hibs ach aig Dùn Phàrlain agus an Eaglais Bhreac a tha mòran de luchd leantainn.

Mar a thuigear nuair a thèid Hearts agus Hibs am bad a-chèile bidh sluagh mòr an làthair, agus tha BBC Alba deònach an cur air an liosta aca. Tha dùil gun tèid 16 geamachan anns an Championship, gun ghuth air an fheadhainn an aghaidh Rangers, a chur a­-mach. Tha BT agus Sky a­-nis a’ farpais cuideachd, fiach cò gheibh cead an craoladh.

Thàinig 30 geamachan bhon Phrìomh Lìog agus 10 san robh Rangers an sàs bhon t-seann ESPN gu BT gu 2017, agus tha cùmhnant aig Sky 30 geamachan bhon Phrìomh Lìog agus còig bho Rangers a shealltainn.

Bidh craoladairean sgileil mar Ailig O’Henley gu math trang am-bliadhna.

Tormod E DÒmhnallach