Sgeul Chrìost, a’ leantainn dlùth ris na Soisgeulan

Sylvia Robertson (Pitlochry) and Tony Dilworth (Edinburgh), editors of "Tales from Highland Perthshire". Picture: Contributed
Sylvia Robertson (Pitlochry) and Tony Dilworth (Edinburgh), editors of "Tales from Highland Perthshire". Picture: Contributed
Share this article
1
Have your say

MAR thuirt mi an seo roimhe, tha e ’na thoileachas air leth fàilte a chur air leabhar ùr Gàidhlig nach tàinig tro na muilnean àbhaisteach.

Tha siud fìor mu Beatha Iosa Chriosd le Tònaidh Dilworth (£14.99), a dh’fhoillsich an Saint Andrew Press, clò na h-Eaglais Stéidhte, gun chuideachadh bho Chomhairle nan Leabh­raichean idir. Gu dearbh ma tha “pàrantachd” aige sann ri Com­ann Bhìobaill Dùthchail na h-Alba, a tha an sàs (mar tha an t-ùghdar a’ mìneachadh) ann an eadar-theangachadh ùr den Tiom­nadh Nuadh, ged nach tàinig a-mach fhathast dheth ach Soisgeul Eòin. Mar sin, tha rudan mar Beatha Iosa Chriosd air leth feumail gus a’ phrais a chumail a’ plubadaich.

Bu chòir dhomh a ràdh, ged nach robh na h-urracha-móra àbhaisteach an lùib a’ phròiseict, gu bheil Beatha Iosa Chriosd a’ leantainn rathad grinn GhOC. Tha sin follaiseach cho tràth ri duilleag 1 far a bheil na faclan “mac na seann aois” a’ leum far a’ phàipeir anns na leanas: “Tha do cho-ogha Elisabet torrach air mac na seann aois le cumhachd an Tighearna.” Bha agam ri a leughadh dà uair mun do thuig mi e. Tapadh leat, a GhUIC.

Tha sgeul Chrìost ’na stòiridh mhath, le prìomh charactar iongantach, seatadh tarraingeach, toiseach math, plot inntinneach agus crìoch làidir, le car annas­ach ’na earball. Mar sin, ann an sùil m’ inntinn tha barr­achd air aon dòigh air a thoirt beò. Faod­ar a sgrìobhadh mar a sgrìobh­as nobhailiche nobhail, no each­draiche each­draidh. Innsidh an nobhail­iche ’na fhaclan fhéin e; bidh an t-eachdraiche nas dìlse dha na tob­raichean eòlais, gan ainmeachadh, is dòcha, ann an notaichean coise.

Ach tha treas rathad ann, rathad an diadhaire neo an fhir-theagaisg a tha a’ meas nan tob­raichean – na Soisgeulan – os cionn gach nì. Sin an rathad a thagh Dilworth, neo a chaidh a thaghadh dhà. Tha an stòiridh air a roinn ’na h-earrannan goirid, le tiotal ùr aig gach té, leithid “Biadhadh nan còig mìle”, agus fon tiotal sin tha na tobraichean, leithid “Lucan 9.10–17; Marcus 6.31–34; Mata 14.13–21; Eòin 6.1–15.”

Mar sin tha an stòiridh ’na bloighean, le prìomhachas ga thoirt dha na Sgriobtairean. Leabhar-teacsa no leabhar-reif­reans seach leabhar-tlachd no leabhar-ròlaistean? Air uairean tha seo a’ deanamh ciall, nuair tha bristeadh nàdarra san t-seanchas, air uairean chan eil. Mar eisimpleir, tha aon earrann a’ crìochnachadh: “‘Dè mun robh sibh a’ deasbad eadaraibh fhèin air an t-slighe don àite seo?’ dh’fheòraich Ìosa dhiubh.” Tha beàrn ann an uair sin, agus tiotal (“Cò as mò de na deisciobail”), agus sreath ùr de thobraichean (“Lucas 9.46–48”, etc.), mus lean an sgeul: “Ach dh’fhan iad nan tost oir bha iad air a bhith a’ deasbad mu cò aca bu mhò a bhiodh ann an Rìoghachd Nèimh.”

Seo, gun teagamh, an dòigh-sgrìobhaidh as motha feum, agus rinn Tònaidh Dilworth deoba mhath dheth. Ach nach eil leabhar eile ri sgrìobhadh air Crìost, stéidhte air an fhear seo, gus neo-chreidmhich agus neo-sgoilearan a thàladh?