Se feadaralachd tha fainear do Salmond

Alex O'Henley

Alex O'Henley

0
Have your say

ANN AN Eabhrais tha Gideon a’ ciallachadh “am fear-millidh” no destroyer agus sna seachdainean mu dheireadh chan eil teagamh nach eil an Seansalair Seòras Gid­eon Osborne ’s a charaidean sa phàrtaidh Thòraidheach air an ceòl a chur air feadh na fìdhle san deasbad mun referendum.

Ma bhios bhòt ann air son neo-eisimeileachd chan fhaod Alba an not a chleachdadh. Sin an teachdaireachd a thàinig bho Osborne agus cha robh Ed Balls agus Danny Alexander fada a’ cur an taic ris. Buille-bàis dhan luchd-iomairt son neo-eisimeil­eachd no burraidheachd bho Westminster? Aig an aon àm nochd ceann-suidhe an Aonaidh Eòrp­aich José Manuel Barroso a ràdh gum biodh e “cha mhòr do-dhèante” do dh’Alba neo-eisim­eil ballrachd fhaighinn san AE.

Ma bha teagamh air duine sam bith ciamar a bhòtadh iad san referendum, agus tha gu leòr dhiubh ann (eadar 30 agus 40 ás a’ cheud againn, a rèir nan cunnt­aisean beachd), chuireadh seo eagal am mionaich orra, tha fios? Ach se Alba a tha seo, agus chan eil dad as lugha air Albannaich na luchd-poileataigs Tòraidh­each beairteach á tòin Shasainn a’ nochdadh air an starsaich aca ’s ag innse dhaibh dè as urrainn ’s nach urrainn dhaibh a dhèanamh. Cha do dh’obraich e dhan Bhan-Iarla Thatcher nach mair­eann ’s tha mi an amharas nach obraich e do dh’Osborne ’s do chàch an trup sa nas motha.

Chan eil teagamh nach eil feum air fiosrachadh nas fheàrr agus guthan eile a chluinntinn a thuilleadh air luchd-poileataigs bhon dà thaobh a’ bigearachd air a-chèile, ach chan eil sin ag ràdh nach eil puing aig Osborne. ’S dòcha gun do sheall na cunntais­ean beachd àrdachadh san fheadh­ainn a chuireadh taic ri neo-eis­imeileachd sna làithean as dèidh dha tadhal air Alba, ach tha ceis­tean bunaiteach ann fhath­ast mu dè an t-airgead a chleachd­adh Alba neo-eisimeil – an not, not Albannach, an Euro no dè?

Tha riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil Osborne ach a’ cur na fìre agus gun atharraich e a bheachd aon uair ’s gun tèid a’ bhòt ’na aghaidh. Bhiodh e neòn­ach gun teagamh nan cuireadh e gnìomhachas air feadh na rìoghachd bun-os-cionn le tuilleadh chìsean, ach aig an aon àm feum­aidh riaghaltas na h-Alba argam­aid nas làidire ’s nas cinntiche a chur air adhart a mhìnicheas car son a bhiodh aonadh airgid math an dà chuid son Alba agus dhan chòrr dhen RA a thuilleadh air roghainn seasmhach mas e nach atharraich Osborne a bheachd.

Tha mi an amharas nach eil ballrachd an AE buileach cho cudromach do dh’Albannaich ’s a tha obraichean, peinnseanan, airgead agus morgaisean, ach bhiodh a’ mhòrchuid son fuir­each mar phàirt dhen AE, agus bhon a tha Alba air an acquis communautaire – an reachdas a dh’fheumas tu a chur an cèill air son ballrachd fhaighinn – a chur an sàs thairis air 40 bliadhna mar bhall dhen aonadh, bhiodh e annasach ga-rìreabh mur faigh­eadh Alba neo-eisimeil ballrachd san AE. Mar sin ’s dòcha nach bu chòir dhuinn cus suim a chur sna beachdan aig Mgr Barroso. Tha e air a shlighe a-mach ás a dhreuchd ’s feumar cuimhn­each­adh gu bheil ìmpidh mhòr air bhon Spàinn gu sònraichte rud­an mar seo a ràdh gus ceannsal a chumail air iarrtas muinntir Chatalonia a tha a’ sireadh neo-eisimeileachd dhaib’ fhèin.

Bidh e inntinneach fhaicinn dè a thachras aig co-labhairtean Earraich nan diofar phàrtaidh­ean, gu sònraichte na pàrtaidh­ean a tha a’ dìon an Aonaidh. Fhad ’s a chì mise tha aon làmh aca fhathast ri chluiche agus se sin barrachd cumhachd a sgaoil­eadh gu Alba – devo-max, devo plus no independence lite – ge-brith dè a tha thu son a ghabhail air. Chan eil taobh seach taobh air a mhìneachadh dè gu mionaideach a bhiodh seo a’ ciallachadh ach se an tuigse gum biodh uallach air son a h-uile dad a thuilleadh air dìon agus cùisean cèin air an toirt do dh’Alba.

Ma tha aon rud a tha a’ cumail anail ris an fheadhainn a bhòtas “Tha”, se nach eil iad ag iarraidh a bhith air an riaghladh á Lunn­ainn le riaghaltas Tòraidheach a tha a’ maoidheadh na billeinean notaichean a ghearradh on spor­an phoblach sna bliadhnaichean a tha romhainn. Chan eil iad ag iarraidh poileasaidhean leithid “cìs nan seòmraichean cadail”, ’s le barrachd dhaoine a’ cur feum air “bancaichean bìdh” air son acras agus bochdainn a sheach­nadh, cha mhotha a tha iad ag iarraidh gearraidhean fhaicinn ann an seirbheisean poblach agus sochairean sòisealta.

Tha deagh fhios aig Dàibhidh Camshron cho beag meas ’s a th’ aig muinntir na h-Alba air a sheòrsa agus an cuid phoileat­aigs, ach ma tha dad a sgot aige tuigidh e fhèin ’s na pàrtaidhean eile cuideachd nach e làn neo-eis­imeileachd ga-rìreabh a tha Alba ag iarraidh. Le bhith a’ cum­ail an not agus na Bànrigh tha e follaiseach gur e nàdar de dh’fheadaralachd a tha fanear do dh’Ailig Salmond, le barrachd chumhachdan air son Alba far am biodh poileasaidh airgid air a stiùireadh le Banca Shasainn.

Ma thig na dùbhlanaich air adhart le tairgse dhen t-seòrsa sin ’s dòcha gur e sin a’ chairt a dh’fhaodadh an referendum a dhearbhadh le bhith a’ toirt air na neo-chinntich an Rìoghachd Aonaichte a chumail còmhla ach ann an riochd a chuireadh barrachd astair eadar Alba ’s a’ chòrr dhen rìoghachd. Tha aon rud cinnteach – chan e eubhach agus bigeareachd a tha a’ dol a dhearbhadh na ceist – tha feum air còmhradh nas fheàrr.

Back to the top of the page