Rocairean rocach

0
Have your say

BHA roc glam gu math mòr aig tòiseach nan 70an nuair bhiodh fireannaich le glitter, lipstick agus bòtannan àrda orra a’ cluich ceòl sunndach le giotàr trom. Thill na làithean sona sin airson aon oidhche a-mhàin Diciadain san Talla Consairt Rìoghail, Glaschu, aig cuirm-ciùil leis an dà phrìomh chòmhlan glam, Slade agus The Sweet.

Thòisich an oidhche leis an Sweet, a dh’fhàs ainmeil an toiseach airson a bhith a’ cluich ceòl pop bog mar ‘Funny Funny’ agus ‘Poppa Joe’. Dh’fhàs iad sgìth dheth sin ann an ùine nach robh fada, ge-tà, ’s mean air mhean thòis­ich iad air stuth nas rocaiche a dhèanamh – roc cruaidh le fìor dheagh sheinn an co-sheirm ri chèile.

A-nochd, cha robh sgeul air na h-òrain pop idir agus
’s e meat­ailt a bha fa-near dhan chòmhlan. A’ tòiseachadh le ‘Hellraiser’, chluich iad uair a thìde de na h-òrain as ainmeil aca, a’ gabhail a-steach ‘Wigwam Bam/Little Willy’, ‘Teenage Rampage’, ‘Love is Like Oxygen’, ‘Fox on the Run’, ‘Action’ agus ‘Ballroom Blitz’ cho math ri dà òran bhon chlàr làidir ùr aca.

’S e Andy Scott an cluicheadair giotàir is sgrìobhadair òrain an aon bhall tùsail a tha air fàgail ach còmhla ris tha fìor dheagh sgioba: Tony O’Hora air giotàr is meur-chlàr, Pete Lincoln air seinn is beus agus Bruce Bilsland air drumaichean. Rinn an Sweet clàr ùr fìor mhath bho chionn goirid – New York Connection, a tha a cheart cho math ri rud sam bith a rinn iad sa 70an, agus tha e math gu bheil an còmhlan fhath­ast a’ coimhead air adhart.

Bha e coltach gun robh Slade a’ coimhead air ais ge-tà. Sna làithean seo, ’s e nàdar de chòmhlan-samhla no tribute band a th’ annta. Ged a tha Dave Hill (gio­tàr) – air a bheil coltas Ronnie Corbett sna làithean seo – agus Don Powell (drumaichean) ann fhath­ast, chan eil Noddy Holder (seinn/giotàr) no Jim Lea (beus) ann tuilleadh, an dithis a sgrìobh na h-òrain, ’s gun ghuth Noddy cha b’ e Slade ceart a bh’ ann ged a rinn an seinneadair làithreach Mal Mac an Ultaigh a dhìcheall.

Ach abair gun robh an ceòl math a dh’aindeoin sin, leis na h-òrain chlasaigeach uile ann: ‘Everyday’, ‘Far Far Away’, ‘My Oh My’, ‘Mama Weer All Crazee Now’ agus ‘Cum on Feel the Noize’. Mar a bhite an dùil, thàinig an oidhche gu crìch le ‘Merry Christmas Everyone’ agus chaidh a h-uile duine dhachaigh toilichte.

staran@tesco.net

Back to the top of the page